Skip to main content
Colmcille Logo White

À Conntaigh an Dùin gu Earra-Ghàideal: naoimh choitcheanna sna Meadhan Aoisean tràtha

Comhall Bheannchair, Finian Mhaigh Bhile agus Calum-Cille Idhe

Ann an àm Chaluim-Chille, bha am muir beò le sruthan conaltraidh eadar Èirinn agus Alba. Mar phàirt de Cholmcille 1500, tha a’ bhan-eachdraiche Elva Johnston air sùil leathann a thoirt air a’ chonaltradh sin: air na cànanan coitcheanna, air na sruthan poilitigeach a ruith a-null ’s a-nall, agus gu h-àraid air na naoimh choitcheanna.

Cha b’ e Naomh Pàdraig an t-aon naomh a thàinig à Breatann gu Èirinn; thàinig Finian, a bhàsaich ann an 579, às a dhèidh agus stèidhich esan Mainistir Mhaigh Bhile ann an Aird Ulaidh. Agus cha b’ e Calum-Cille an t-aon naomh a chaidh a dh’Alba. Bha buaidh mhòr aig a cho-aimsireach Naomh Comhall Bheannchair air Alba. Stèidhich Naomh Moluag abaid aig Lios Mòr ann an Earra-Ghàidheal a tuath. Stèidhich Naomh Maol Rubha manachainn, faisg air an Eilean Sgitheanach, air a’ Chomraich, no Apor Crosan mar a bha an t-àite air ainmeachadh leis na Cruithnich. B’ ann à Beannchar a bha an dithis aca.

Bha na naoimh seo cumhachdach fhad ‘s a bha iad beò, a rèir an Ollaimh Johnston, agus cumhachdach às dèidh am bàis cuideachd. Bha àite aca taobh a-staigh na sgìre aca fhèin agus gu h-eadar-nàiseanta. Bha na manachainnean aca nan àitichean-oilein, nan àitichean spioradalachd agus nan àitichean far an robhar a’ dèanamh adhartas teicneòlach. Bha dòighean conaltraidh eadar na naoimh agus na manachainnean aca tarsainn crìochan nan rìoghachdan nach robh aig na rìghrean fhèin. Ann an sùilean an luchd-leanmhainn, bha iad a’ ceangal talamh agus nèamh. Bha cràbhadh nan naomh cudromach ann an leasachadh stàitean, mar a thachair le Calum-Cille, a rinneadh na pàtran-naomh gach cuid ann an Èirinn agus ann an Alba.

Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh ann an com-pàirteachas le Comhairle Chathair Bhéal Feirste, agus bha an t-Ollamh Regina Ní Chollatáín sa chathair air a shon. Bha luchd-èisteachd à Èirinn agus à Alba a’ gabhail pàirt ann air-loidhne, agus bha panail bhon dà dhùthaich a’ freagairt ris an òraid bho stèidh-amhairc an latha an-diugh. Gheibhear an òraid air-loidhne an seo.


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie