Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil – taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn. Ach bha àite cudromach aig a’ cheàrnaidh seo ann an dualchas tràth Crìosdail na h-Alba.
B’ ann dìreach 5 mìle deas air seo aig Dùn Ad a bha daingneach a bha aig rìghrean Dhàl Riata. Thathar ag ràdh gun do thadhail Calum Cille air rìgh Dhàl Riata goirid an dèidh dha Doire fhàgail, is dòcha airson cead fhaighinn a mhanachainn a thogail air Eilean Ì.
Ann an cladh Eaglais Chille Mhàrtainn tha cruinneachadh de 79 leacan snaighte tràth Crìosdail is meadhan-aoiseil am broinn a’ chlaidh agus ann an togalach ri taobh na h-eaglaise. Tha dà chrois shnaighte air an cumail am broinn na h-eaglaise.
Tha Kilmartin no Cille Mhàrtainn a’ ciallachadh ‘eaglais an Naomh Màrtainn’ sa Ghàidhlig. Tha Adomnan a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille, a’ clàradh gun robh manaich Chaluim Chille a’ toirt mòran àite don Naomh Màrtainn. Tha e glè choltach gun robh lethbhreac de Bheatha an Naomh Màrtainn on 5mh linn san leabharlann air Eilean Ì.
Tha an leac-uaighe as tràithe ann an seo a’ dol air ais chun 13mh linn ach bha Crìosdaidhean a’ fuireach agus ag adhradh sa cheàrnaidh seo fada ron àm sin.
Tha leacan a chaidh an snaigheadh leis an aon bhuidheann de shaigheadairean air an lorg air feadh taobh siar na Gàidhealtachd is Earra-Ghàidheal. Bha an fheadhainn a bu shine dhiubh air an dèanamh le clachairean a bha stèidhichte air Eilean Ì. Ach cha b’ e iad sin an t-aon bhuidheann de luchd-ciùird is luchd-ealain a bha a’ dèanamh leacan den t-seòrsa seo. Bha feadhainn eile ag obair aig Loch Obha aig deireadh a’ 14mh – deireadh a’ 15mh linn, mu 5 no 6 mìle à seo.