Skip to main content
Colmcille Logo White

2.9 Eaglais An Ráith

’S e a th’ ann an Ráith àite far a bheil làrach seann eaglais ri fhaicinn, a tha cliùiteach airson a ceanglaichean ri Abaid Eilean Ì, agus airson na croise fìor àrd a th’ ann (5.56m), aon de na croisean as àirde ann an Èirinn no ’s dòcha an tè as àirde. Tha an eaglais suidhichte air bruach an ear Abhainn Ráithe faisg air beul na h-aibhne. Eadar an 6mh is an 8mh linn bha an abhainn mar chrìch eadar dà rìoghachd bheag, Cineál Duach air taobh an ear na h-aibhne agus Cineál Lughdach air an taobh an iar.

Eaglais An Ráith © Alan Sproull
Eaglais An Ráith © Alan Sproull

San 7mh linn bha ceathrar abachan cudromach de dh’Abaid Eilean Ì ann a bhuineadh do Chineál Duach. Thathar cha mhòr cinnteach gur i seo an eaglais a bh’ aca mus deach iad a dh’Eilean Ì. Tha a’ chrois mhòr àrd a-nis na seasamh am broinn an tobhta agus buinidh a’ mhòr-chuid den eaglais a tha air fhàgail don 17mh linn. Seach nach eil sgath sgeadachaidh ri fhaicinn air a’ chrois, tha e doirbh tomhas dè cho sean ’s a tha i, ach tha i gu math coltach a thaobh cruth is meud ri Crois an Naoimh Eòin ann an Eilean Ì (a chaidh a thogail mu 775AD) – a’ chrois as sine, thathar ag ràdh, bho am measg nan croisean cloiche le cearcall (na croisean ‘Ceilteach’ mar a chanas cuid riutha) a gheibhear sna h-eileanan seo – agus dh’fhaodadh gun deach a togail mun aon àm. Tha uirsgeul toinnte bho bheul-aithris ag innse gun deach Crois Ráithe a dhèanamh air a’ bheinn, an Mhucais, do Chalum Cille a bha an dùil a toirt a Thoraigh, ach an àite sin thug e mar thiodhlac i don naomh ionadail, Fionán, às dèidh don naomh sin leabhar an t-soisgeil aig Calum Cille a thilleadh thuige gu mìorbhaileach às dèidh dha a bhith air chall. Gu o chionn ghoirid bha a’ chrois – a bha briste agus air tuiteam – na laighe sa chladh ri taobh na h-eaglaise faisg, tha e coltach, air an àite far an deach a cur suas an toiseach.

  • 2.1 A’ Chrois Tau

    Nuair a ruigeas tu Toraigh is e a’ chiad làrach a chì thu Crois Tau. Tha i na seasamh gu h-àrd air stèidh, agus tha a’ chrois seo a tha ann an cumadh T, na samhla air dualchas Crìosdail an eilein. Thathar dhan bheachd gu bheil a’ chrois a’ dol...

  • 2.2 An Seann Chladh

    Thathar dhan bheachd gu bheil an cladh air làrach Teampaill Buidhe/Teampull Buí – prìomh eaglais manachainn a bha air eilean Thoraigh. Tha mapa tràth a chaidh a dhèanamh leis an t-Suirbhidh Òrdanais a’ sealltainn tobha eaglais an Naomh Chaluim Chille ann an oisean iar-dheas a’ chlaidh ged nach eil càil dhan sin...

  • 2.3 Tùr a’ Chluig

    Is e Tùr a’ Chluig an t-aon tùr cruinn a tha air fhàgail ann an Dùn nan Gall. Ged a tha e faisg air 13 meatair a dh’àirde is e aon den fheadhainn as lugha den t-seòrsa structair seo ann an Èirinn. Chan eil càil a chinnt cuin a chaidh...

  • 2.4 Ulaidh Eòin Baiste

    Tha an altair seo a tha air a choisrigeadh don Naomh Eòin Baiste dìreach ri taobh Tùr a’ Chluig. Tha grunnan chlachan an seo – amar cloiche, clachan agus leacan sgeadaichte, clach-bhràth agus na tha air fhàgail de stèidh croise. Thathar ag ràdh gum bithte a’ cur uisge coisrigte dha na...

  • 2.5 Ulaidh Bhrìghde

    Tha an altair cloiche aig an Naomh Brìghde na laighe eadar dà thaigh air an eilean. Air mullach na h-altarach tha trì clachan bràthan (a bhithte a’ cleachdadh airson gràn a bhleith agus dà leac chlach-ghràin. Cho math ri Ulaidh Bhrìghde/ Ulaí Bhríde tha tobhta dà sheapal - no theampall...

  • 2.6 Mòr Sheisear

    Is e seo na tha air fhàgail de sheapail a bha air Toraigh. Tha Mòr Sheisear a’ ciallachadh ‘big six’ agus san t-seann chànan na Gaeilge bha seo a’ seasamh airson an àireamh seachd. Tha muinntir an eilein ag innse sgeula mun làrach gur e uaigh sheachdnar a chaidh a...

  • 2.7 Creag a’ Choin

    A rèir beul-aithris, a chiad turas a thàinig Calum Cille gu eilean Thoraigh, choinnich e ris an rìgh ionadail, Oilill agus dhiùlt an rìgh dha a thighinn air tìr. Dh’fhaighnich Calum Cille dha an toireadh e dha pìos talmhainn nach biodh càil na bu mhotha na meud a chleòca gus...

  • 2.8 Cnoc Na Naomh

    A rèir beul-aithris sheas Calum Cille air a’ chnoc seo - Cnoc na Naomh – còmhla ri chompanaich, na naoimh Fionán, Dubthach agus Beaglaoch. Fhad ’s a bha iad nan seasamh ann an seo os cionn Machaire Rabhartaigh bha iad a’ bruidhinn mu cò aca aig am biodh e mar...

  • 2.9 Eaglais An Ráith

    ’S e a th’ ann an Ráith àite far a bheil làrach seann eaglais ri fhaicinn, a tha cliùiteach airson a ceanglaichean ri Abaid Eilean Ì, agus airson na croise fìor àrd a th’ ann (5.56m), aon de na croisean as àirde ann an Èirinn no ’s dòcha an tè...

  • 2.10 Tulach Beaglaoich

    Tha tobhta Eaglais Thulacha Beigile agus an cladh a bha na cois, a tha a’ dol air ais gu deireadh an linn meadhan aoiseil, air tullach beag deas air An Fál Carrach/ Falcarragh. ’S iongantach mun robhar a’ cleachdadh an tulaich seo- no an ‘tom’ no cnoc beag – air tùs mar àite san...


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie