Tha tobhta Eaglais Thulacha Beigile agus an cladh a bha na cois, a tha a’ dol air ais gu deireadh an linn meadhan aoiseil, air tullach beag deas air An Fál Carrach/ Falcarragh. ’S iongantach mun robhar a’ cleachdadh an tulaich seo- no an ‘tom’ no cnoc beag – air tùs mar àite san robhar a’ cumail sheirbheisean coisrigidh no cruinneachaidhean eile.
Lorgar làraich eile de charraighean-cuimhne faisg air làimh mar àiteachan-adhlacaidh, tobair choisrigte agus Tuama Cùirt na Clocha Corra/Cloghacorr Court Tomb. Tha seo a’ toirt dhuinn beachd gur e àite comharraichte a bha seo a bha cudromach airson deas-ghnàthan cho fada air ais ri mu 3000BC.
Tha paraiste Tulacha Beigile a’ gabhail a-steach sgìre mhòr sa cheàrnaidh seo de iar thuath Dhùn nan Gall. Tha an sgìre a’ faighinn a h-ainm bho agus co-cheangailte ri naomh ionadail – Bigill, Tulcha no Bigill à Tulach. Dh’fhaodadh e bhith gun robh an naomh seo agus an cleachdadh a bhith a’ comharrachadh an là fèill aige air 1 Samhain, a’ dol air ais chun chreideamh phàganach ro-Chrìosdail an uair a bhithte a’ comharrachadh fèill na Samhna air an là seo.
Dh’fhaodadh cuideachd gu bheil Lug, am bith miotasach, mar fhuasgladh eile air eachdraidh thràth Tulacha Beigile/Tullaghabegley. B’ e ainm tràth airson an tulaich seo agus an eaglais a bha air – Talgalug ann an Laideann no Tulach Logha ann an Gaeilge a tha a’ ciallachadh ‘tom no àite-cruinneachaidh Lug’.