Thathar dhan bheachd gu bheil an cladh air làrach Teampaill Buidhe/Teampull Buí – prìomh eaglais manachainn a bha air eilean Thoraigh.
Tha mapa tràth a chaidh a dhèanamh leis an t-Suirbhidh Òrdanais a’ sealltainn tobha eaglais an Naomh Chaluim Chille ann an oisean iar-dheas a’ chlaidh ged nach eil càil dhan sin ri fhaicinn san là an-diugh.
Tha mòran sgeulachdan ann am beul-aithris mu Chalum Chille agus eilean Thoraigh ach chan eil càil ann an sgrìobhadh gus na sgeulachdan sin a dhearbhadh. Chan eil na ciad clàran mun eilean ach a’ dol air ais chun 7mh linn.
A rèir beul-aithris thàinig Calum Cille gu Toraigh san t-6mh linn gus muinntir an eilein iompachadh chun chreideimh Chrìosdail. Thathar ag ràdh gun do dh’fhosgail uisgeachan Chaolas Thoraigh roimhe gus am faigheadh e gu sàbhailte a-null bho thìr mòr.