Ged a chaidh ionnsaigh bhrùideil a thoirt orra leis na Lochlannaich, dh’fhan cuid de na manaich air Eilean Ì. Mu dheireadh an 9mh linn bhathar a’ baisteadh prionnsan Lochlannach agus bha Eilean Ì aon uair eile na àite cudromach do luchd-leanmhainn Chaluim Chille.
Chaidh Eaglais na h-Abaid Bheinidicteach a chithear san là an-diugh a stèidheachadh ann an 1203 le Raghnall Dmac Shomhairle, a bha na stèidhiche air sliochd Gall-Ghàidhealach a bha aithnichte mar Triathan nan Eilean. Bha an Abaid soirbheachail airson còrr air 300 bliadhna agus bha ceangal làidir eadar i agus Calum Cille agus an ceangal cumhachdach a bha aige ris an eaglais thràth meadhan-aoiseil. Thàinig crìonadh ann an seasamh na h-Abaid ro àm an Ath-leasachaidh agus bha an togalach ann an droch staid mus deach a dhèanamh an àirde ann eadar 1903-05 augs 1909-10. Chan eil mòran air fhàgail dhan togalach a bha ann o thùs san 13mh linn.
A’ stobadh a-mach bhon bhall dìreach tuath air prìomh dhoras na h-Abaid, tha seipeal beag fon ainm Cobhan Chaluim Chille. Tha fianais ann gun robh an làrach air a chleachdadh airson adhlacaidhean sna h-amannan meadhan-aoiseil – agus is dòcha gur ann an seo a bha Calum Cille air adhlacadh an toiseach.