Skip to main content
Colmcille Logo White

3.6 Tulach Dubhglaise

B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo.

Thathar ag ràdh gun robh Calum Cille air a bhaisteadh ann an seo mar Chrìosdaidh ann an 521 le oide, Cruithneachán mac Ceallachán.

Bha e cumanta do mhic à teaghlaichean nan uaislean a bhith air an cur gu teaghlaichean eile mar dhaltan. Bhathar a’ sùileachadh gum biodh na h-oidean ag ionnsachadh dha na daltan sgilean marcachd, sgilean gunna, snàmh agus mar a chluicheadh iad geamannan-bùird.

Thuirt Adhamhnán, am fear a bha na Ab an Eilean Ì an dèidh Chaluim Chille agus a sgrìobh eachdraidh a bheatha,

Aon oidhche bha oide An Naomh Chaluim Chille, sagart aig an robh beatha ionmholta, ris an canar Cruithneachán, a’ tilleadh dhachaigh an dèidh a bhith a’ coileanadh a dhleastanais, an uair a mhothaich e gun robh an taigh air fad a’ deàlradh gu soilleir, agus bha bàla de sholas deàlrach os cionn aodann an leanaibh a bha na shuain chadail. Chaidh e air chrith, agus chrom e aghaidh chun an làir oir dh’aithnich e gur e gràs an Spioraid Naoimh a bha a’ dòrtadh sìos bho neàmh air oide, agus sheas e an sin le uabhas.

                        Adhamhnán - Sgeul Cruithnechan, d206

Ged a tha an sgeula mu Chalum Chille a bhith air a bhaisteadh ann an seo air a h-aithris gu bitheanta mar an tul fhìrinn, chan eil fianais sgrìobhte sam bith ann airson a’ cheangail eadar Tulach Dhúghlaise agus an naomh. Tha e cumanta do thraidiseanan a bhith ann a tha a’ ceangal naoimh ri làraich shònraichte, eadhoin ged nach eil fianais cinnteach ann air son sin. Glè thric tha carraighean àrsaidh air na làraich sin a tha fada nas sine na àm beatha an naoimh.

Thathar ag ràdh gun deach an eaglais a tha air an làrach seo a togail às ùr san 16mh linn le Mànas Ò Dòmhnaill air làrach eaglais a bha ann ron sin. Ann an cunntas Ò Dòmhnaill mu bheatha Chaluim Chille tha mòran dha na sgeulachdan a tha a’ ceangal Chalum Chille ri sgìre Ghartain.

Bha an làrach seo mar phàirt de shlighe taisteil meadhan-aoiseil a bha a’ ceangal nan làraich a bha ann an sgìre Ghartain is a bha co-cheangailte ri beatha thràth Chaluim Chille.

Tha tobhta Taigh an Aba air cùl a’ chlaidh agus tha e nas sine na an eaglais.

  • 3.1 Ionad Dualchais Chaluim Chille

    Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Gartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin. Thathar a’ taisbeanadh fiosrachaidh mu eachdraidh thràth a’ chreideimh Chrìosdail ann an Èirinn is an Alba, agus a’ toirt mion-chunntas air saoghal...

  • 3.2 Leac na Cumha

    Tha an leac seo aig Lag na Cumha far a bheilear ag ràdh a rugadh Calum Cille do a mhàthair Eithne. Tha an leac seo luma-làn ‘làraich cupa’ beaga. Chan eil fiosrachadh sam bith ri lorg mu eachdraidh thràth na lice ach dh’fhaodadh gu bheil i a’ dol air ais gu...

  • 3.3 Rath Cnó

    Thathar ag ràdh gur ann an Rath Cnó a bha teaghlach Chaluim Chille a’ fuireach. A rèir beul-aithris thug iad seachad am fearann an dèidh làimh gus an deigheadh manachainn a stèidheachadh ann. Tha an làrach air a cleachdadh mar thuras fhathast le luchd-taisteil a bhios a’ coiseach air an...

  • 3.4 Creag agus Tobair an Dùin

    Suas chun 16mh linn, b’ ann aig Creag an Dúin a bhithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd. Bhiodh dà sheirbheis aca – aon sheirbheis shìobhalta an seo agus deas-ghnàth cràbhach a bhiodh a’ gabhail àite aig Cill Mhic Rèanain. Tha e gu math coltach gur e seo làrach dùn...

  • 3.5 Cill Mhic Rèanain

    Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan. Tha an làrach seo na dà phàirt – tha an taobh chlì co-cheangailte ri Calum Cille agus air an taobh cheart tha làrach eaglais on 19mh linn a bhuineadh do dh’Eaglais na h-Èireann. Bha...

  • 3.6 Tulach Dubhglaise

    B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo. Thathar ag ràdh gun robh...


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie