Skip to main content
Colmcille Logo White

8.2 Bhaile a’ Chnuic

Tha grunnan thursachan ann an Rubha an Tairbeirt a tha a’ toirt fainear sgil ealanta agus creideamh Crìosdail nan Cruithneach a shnaigh iad. Is dòcha gun robh na tursachan sin a’ comharrachadh crìochan an fhearainn a bha leis a’ mhanachainn ann am Port Mo Chalmaig.

Tha an leac-croise ann am Baile a’ Chnuic na mac-samhail air tursa a bha seo aig aon àm. Chaidh a shnaigheadh ann an 2000. Tha cùl an tursa a tha a’ coimhead taobh na tìr na lethbhreac den chloich a bha ann bho thùs agus a tha a-nis ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba. Ach, chaidh an taobh a tha a’ coimhead taobh na mara a mhilleadh san 17mh linn agus mar sin tha an snaigheadh a tha air stèidhichte gu mòr air dealbhadaireachd Cruithneach.

Chaidh bonn na cloiche a lorg às ur ann an 2001 agus tha e a-nis air a ghleidheadh ann an Talla Cuimhneachaidh Seaboard ann am Baile an Todhair nach eil fada air falbh.

Tha trì tursachan air costa sear Rubha an Tairbeirt – ann an seo aig Baile a’ Chnuic, san ath bhaile Seannduaig agus nas fhaide gu deas ann an Neig.

Rinn an neach-ealain Barry Grove an dealbhadh airson an taobh seo den chloich stèidhichte air a’ phìos bheag a bha air fhàgail agus air dealbhachadh is samhailean Cruithneach eile.

Bha an tursa a bha ann o thùs uaireigin na seasamh taobh a-muigh Teampall Mhoire, astar goirid on mhuir. Chan eil ri fhaicinn de thobhta an teampaill an-diugh ach tuim còmhdaichte le feur. Chaidh a’ chlach a bhriseadh grunnan thurais. Ann an 1676 chaidh mullach na cloiche air an taobh aghaidh a mhilleadh agus a chleachdadh an dèidh sin mar chlach-uighe. Bha an obair-snaighidh air dhubhadh às agus sgrìobhadh a chuir oirre a’ cuimhneachadh Alasdair Duff agus a thriùir mhnathan.

© Lucy Harland
© Lucy Harland

Tha dealbh mu shealg sa phanal a tha ann am meadhan na cloiche. Tha boireannach le bràiste mhòr-mhaisichte oirre air muin eich. Tha dithis mharcaichean còmhla rithe agus dithis choisichean a tha a’ cluiche trombaid. Tha trì coin a’ ruith rin taobh.

© Lucy Harland
© Lucy Harland

Air taobh chlì a’ bhoireannaich chithear samhla cìr agus sgàthan. Tha samlan cruithneach àbhaisteach eile os a cionn – corran agus slat-V, agus os cionn sin diosc dùbailt agus slat-z.

The lower part of the Hilton of Cadboll stone was lost and only rediscovered in 2001. Having been buried underground for so long, the details of the stone carving have not weathered or worn away.

Chaidh am pàirt as isle de chloich Bhaile a’ Chnuic air chall agus cha deach a lorg gu 2001. Seach gun robh i fon talamh cho fada, chan eil an obair-snaighidh air crìonadh fo bhuaidh na h-aimsir.

Tha am pàirt seo a-nis ann an Talla Cuimhneachaidh Seaboard. Thoir sùil air an làrach-lìn airson na h-uairean-fosglaidh.

  • 8.1 Ionad an Tairbeirt Port MoChalmaig

    Eadar 1994 agus 2007, rinn arceòlaichean sgrùdadh air pìos dhan talamh timcheall air eaglais Naomh Calman ann am Port MoChalmaig faisg air ceann Rubha an Tairbeirt. Lorg iad fianais air manachainn mhòr a bha a’ dol air ais gu deireadh an t-6mh linn. Tha Ionad an Tairbeirt ag innse sgeula...

  • 8.2 Bhaile a’ Chnuic

    Tha grunnan thursachan ann an Rubha an Tairbeirt a tha a’ toirt fainear sgil ealanta agus creideamh Crìosdail nan Cruithneach a shnaigh iad. Is dòcha gun robh na tursachan sin a’ comharrachadh crìochan an fhearainn a bha leis a’ mhanachainn ann am Port Mo Chalmaig. Tha an leac-croise ann am Baile...

  • 8.3 Seannduaig

    Tha an leac-croise ann an Seannduaig còmhdaichte le samhlan Crìosdail. Tha seo mar chomharra air Crìosdaicheachd nan Cruithneach seach a bhith na cloich air a bheil dealbhaidhean pàganach is cràbhach. Dh’fhaodadh gun robh grunnan mhanachainnean air a’ chosta seo a bha fo ùghdarras na manachainn mhòir faisg air làimh aig...

  • 8.4 Clach an Neig

    Is e Clach an Neig aon de na clachan Cruithneach snaighte as fhèarr a tha ann. Chaidh a snaigheadh mu 800AD – no is dòcha nas tràithe na sin – agus tha i air a còmhdach le samhlan Crìosdail. A rèir nan nithean a tha air a’ chloich shnaighte seo,...

  • 8.5 Creag Phàdraig

    Is e cnoc air a bheil craobhan a’ fàs a tha ann an Ceag Phàdraig. Lean am frith-rathad suas an cnoc gus lorg na tha air fhàgail, is dòcha, de dhaingneach an Rìgh Brud. Tha Adomnan, am fear a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille ag innse mar a thadhail an...

  • 8.6 Làraich Chlachan Cruithneach Eile Tuath air Inbhir Nis

    Dèan sgrùdadh air eachdraidh nan Cruithneach air a’ chosta sear tuath air Inbhir Nis. Cuairt nan Cruithneach air Ghàidhealtachd Cuairt anns a bheil 17 làraich le clachan Cruithneach, eadar Inbhir Nis agus Dùn Robain faisg air Goillspidh. Clàr de Chlachan Cruithneach ann an Taigh-tasgaidh agus Gaileiridh-ealain Inbhir Nisy Tha an...


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie