Tha a’ chlach seo sgeadaichte air a dà thaobh le pàtrain a tha co-naisgte. Is ann ann am Baile nan Deamhan/Baile na nDeamhan – village of the demons – a thug deamhain ionnsaigh air Calum Cille.
1.12 Baile nan Deamhan
Is e Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Mànas Ò Dòmhnaill a tha a’ toirt dhuinn na sgeulachdan a tha a’ ceangal Calum Cille ris a’ cheàrnaidh seo. Chaidh a sgrìobhadh ann an 1532, agus tharraing e ri chèile na sgeulachdan a bha air an innse mu Chalum Cille aig an àm seo. Tha leabhar Ò Dòmhnaill ag innse mar a sguab Calum Cille na deamhain a-mach à Gleann Chaluim Chille:
“An uair a bha Pàdraig air na deamhain fhuadach agus an sguabadh a-mach à Cruachan Aigle, ris an canar an-diugh Cruach Phàdraig, chaidh grunnan dhiubh gu àite ris an canar Seann Ghleann Chaluim Chille/Senglenn Colum Cille [Glencolumbkille] ann an tìr Cenél Conaill… Chruthaich iad ceò timcheall orra fhèin gus nach fhaiceadh duine an talamh fon cheò sin. Agus dh’atharraich iad abhainn a’ Ghlinne a tha gu tuath air an àite sin gu bhith t-struth theinntich gus nach fhaigheadh duine tarsainn oirre. Agus duine sam bith a bhuineadh dhan t-struth sin, gu ìre bheag no mhòr sam bith, bhàsaicheadh e sa bhad.
Dh’fhoillsich ainglean Dhè seo do Chaluim Chille agus chaidh e fhèin agus mòran dha na naoimh eile a dh’fhuadach agus a sguabadh na deamhain a-mach às an àite sin. Champaich iad ri taobh na h-aibhne theinntich a chaidh ainmeachadh cheana. Cha robh iad fada ann an sin an uair a thilg an Deamhan sleagh chuilinn thar na h-aibhne tron cheò. Mharbh e A’ Chearc/ An Cerc [literally: ‘the hen’], seirbheiseach Chaluim Chille, agus canar Srath na Circe [‘The place of Cerc’] ris an àite sin on uair sin.
Chuir seo an fhearg mhòr air Calum Cille agus fhuair e grèim air an t-sleagh a bha sin agus thilg e i air ais thar na h-aibhne. Ghèill am fearann dha mar a bha an t-sleagh a’ siubhal tron cheò, agus theich a’ cheò ron t-sleagh. Dh’fhàs an sleagh mar chraobh chuilinn far an tàinig i gu talamh agus eadhoin san là an-diugh tha i a’ fàs an sin agus bidh gu bràth tuilleadh.
An dèidh sin bheannaich Calum Cille an abhainn agus dh’fhalbh an nimh agus an draoidheachd aiste, agus chaidh e tarsainn oirre. Thug an t-aingeal clach chruinn uaine dha agus thuirt e ris a tilgeil air na deamhain gus an teicheadh iad fhèin agus an ceò roimhpe. Thuirt an t-aingeal ris cuideachd a chlag fhèin – An Dubh Duaibseach – a thilgeil orra. Rinn Calum Cille na dh’iarr an t-aingeal air agus fhuair e smachd air an fhearann air fad agus dh’fhalbh a’ cheò agus thàrr na deamhain às gu creig a-muigh sa chuan mu choinneimh an rubha a tha air taobh siar a’ cheàrnaidh sin. Thug e òrdan dha na deamhain a dhol dhan mhuir tron chreig air an robh iad agus a bhith mar èisg ann an sin gu bràth tuilleadh agus gun a bhith an sàs ann an obair an diabhail on sin a-mach. B’ fheudar dhaibh sin a dhèanamh air sgàth briathran Chaluim Chille. B’ urrainn do dhuine le aodach air a dhol tron toll a rinn iad sa chreig an uair a chaidh iad troimhpe sìos dhan mhuir. Agus, air eagal ’s gun itheadh duine iad, chuir Calum Cille comharra orra, a chuir iad air leth bho èisg sam bith eile, oir tha iad dearg agus dall san dàrna sùil. Bidh iasgairean tric gan glacadh san là an-diugh, agus an uair a chì iad dè a tha iad air fhaighinn, bidh iad gan tilgeil air ais dhan mhuir.
An uair sin dh’iarr Calum Cille air Dia a’ chlag agus a chlach a thoirt dha air ais bhon mhuir agus nach ann a chunnaic e iad a’ tighinn thuige mar chraos deàlrach agus thuit iad sìos ri thaobh. Bheannaich Calum Cille an làrach às an do dh’fhuadaich e na deamhain agus chuir e air chois e mar chomraich on sin a-mach. Dh’fhàg e a’ chlach an sin mar am prìomh ulaidh, an sàs ann am mìorbhailean agus iongantasan. Chaidh a’ chlag sìos dhan talamh gu domhainn an uair a thuit e agus chaidh an teanga aige fhàgail ann an sin. Thuirt Calum Cille nach robh a’ chlag càil na bu mhiosa às aonais an teanga, agus nan toireadh duine eas-onair air a’ chomraich, gum bu chòir a’ chlag a chuir san toll san robh a theanga mar chomharrra air a’ mhallachd a bha air a thighinn air an duine, agus nach biodh e beò bliadhna shlàn an dèidh sin. Ach chaidh sin a dhearbhadh tric on uair sin.”
Gleann Cholm Cille
- 1.1 Straid Court Tomb
Is e seo tobhta tuama a tha dol air ais gu mu 3,000 BC. Bha e air a thogail is air a chleachdadh le tuathanaich a bha a’ fuireach ann an Gleann Chaluim Chille. Tha e ro-Chrìosdail ach tha e air a bhith air a thoirt a-steach do Thuras Chaluim...
- 1.2 Colbh Criose
Tha a’ chrois seo mu 2 mheatair a dh’àird agus sgeadaichte le dealbhaidhean snaighte air an dà thaobh. Is e carragh-cuimhne Crìosdail a tha ann a chaidh a dhèanamh is dòcha mu 700-800AD. Tha an taobh a tha a’ coimhead dhan àird an ear air a sgeadachadh le panalan rectilinear,...
- 1.3 Àite nan Glùn
Àite nan Glùn - The Place of the Knees - is e càrn a tha seo. Air aon taobh dheth tha leac chòmhnard le cloich chruinn air a muin. An dèidh a dhol timcheall air a’ chàrn bhiodh na taistealaich a’ cur na cloiche bige seo mun cuairt an curip fhad ’s...
- 1.4 Colbh Croise Bíofán
Mullach na Croise - Height of the Cross – is e colbh cloiche a tha seo air a bheil cumadh croise air a snaigheadh gu fann. Tha i na seasamh ann an teis-meadhan càrn. Tha an càrn agus a’ chrois am broinn na tha air fhàgail de làrach chruinn. Bidh na taistealaich...
- 1.5 Seipeal Chaluim Chille, Bíofán
A rèir beul-aithris ionadail, b’ e seo làrach seipeal Chaluim Chille ann an Gleann Chaluim Chille far an robh an naomh ag ùrnaigh agus ag obair air làmh-sgrìobhainnean maisichte le dathan. Tha cuideachd trì leacan cloiche ann le snaigheadh Crìosdail. Thathar ag ràdh gun tàinig Calum Cille gu Gleann Chaluim...
- 1.6 Cathair Chaluim Chille
A rèir beul-aithris b’ ann an seo a bhiodh Caluim Cille a’ leigeil anail, is bhiodh e ag amharc air a’ ghleann a bha sìos fodha. Tha cuid a’ cumail a-mach gun tig rùn a thèid a dhèanamh ann an seo gu teachd. Tha beagan deasbaid ann gu h-ionadail mu...
- 1.7 Tobair Chaluim Chille
Tha Tobair Chaluim Chille - Colmcille’s Well – air a chuairteachadh le càrn mòr de chlachan. Bidh na taistealaich a bhios a’ dìreadh suas chun tobair a’ togail trì clachan nas fhaide shìos an cnoc. A h-uile turas a bhios iad a’ dol timcheall a’ chàirn bidh iad a’ tilgeil...
- 1.8 Gàrradh Chaluim Chille
Canar cuideachd Gàrradh Chaluim Chille ri Gàrradh an Turais/Garraí an Turais - the turas field. Ann an seo chithear trì clachan nan seasamh air an ceann, le crois shìmplidh air a snaigheadh air dhà dhiubh. Tha càrn mun cuairt air gach clach agus balla cloiche gam mòr chuairteachadh. Bidh na taistealaich a’...
- 1.9 Clach na h-Aonaidh
Tha Clach na h-Aonaidh -The Stone of the Gathering – an ìre mhath 2 mheatair a dh’àird agus mu choinneamh nan taistealaich an uair a thig iad tarsainn air ìochdar a’ ghlinne. Tha snaigheadh de chearcaill agus loidhnichean air dà thaobh na cloiche. An dèidh na cloiche a chuairteachadh trì turais,...
- 1.10 An Fhothair
Is e càrn a tha anns an stèisean turais seo le leac air a ceann na seasamh sa mheadhan. Tha an càrn ann am meadhan achadh. Tha an leac a’ coimhead dhan àirde an ear/an iar agus chithear seallaidhean bhuaithe sìos gu Eaglais na h-Èireann. Bidh na taistealaich a’ cuairteachadh...
- 1.11 An Droim Rua
Is e leac a tha na seasamh ann am meadhan càirn a tha ann an Stèisean 11 den Turas. Tha na stèiseanan san earrainn seo den turas faisg air a chèile air gach taobh den rathad. ’S dòcha gu bheil an rathad a tha ann san là an-diugh a’ leantainn...
- 1.12 Baile nan Deamhan
Tha a’ chlach seo sgeadaichte air a dà thaobh le pàtrain a tha co-naisgte. Is ann ann am Baile nan Deamhan/Baile na nDeamhan - village of the demons – a thug deamhain ionnsaigh air Calum Cille. Is e Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Mànas Ò Dòmhnaill a tha a’ toirt dhuinn na...
- 1.13 An Gaineamh
Tha an leac seo na seasamh dìreach ri taobh an rathaid. Chaidh an tè a bha ann ò thùs a mhilleadh agus chaidh mac-samhail dhi a dhèanamh bho na pìosan a bha air am fàgail. Tha i air a snaigheadh air aon taobh agus na seasamh a’ coimhead sear/siar. Tha...
- 1.14 An Caiseal
Is e carragh àrd a tha seo snaighte le dà phàtran cearcallach. Coltach ri mòran dha na leacan croise seo ann an Gleann Chaluim Chille, dh’fhaodadh gu bheil i seo a’ dol air ais gu deireadh an 7mh gu an 9mh linn.
- 1.15 An t-Sràid
Tha an leac croise seo a-nis na dà phàirt agus tha am pàirt mullaich na shuidhe air an talamh ri taobh a’ phàirt as ìsle. Tha snaigheadh oirre de thrì pàtrain co-naisgte iomadh-fhillte, ceangailte le loidhne dhìrich. Is e seo an stèisean mu dheireadh air an turas ged a chleachd...
Bòrd na Gàidhlig
Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW
(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot
Colmcille
Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED
(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie
Colmcille
Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3
(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie