Skip to main content
Colmcille Logo White
Canna

Latha Chaluim Chille ann an Canaigh

|


Tha pailteas fianais arc-eòlais bho thràth ann an eachdraidh a’ chreideimh Chrìosdail ri fhaicinn ann an Canaigh air costa an iar na h-Alba. Tha seann àrd-chrois le cearcall ann. Cuideachd, tha làrach ann a tha air a dheagh ghleidheadh aig Sgòrr nam Ban Naomha agus coltas ann gum b’ àbhaist taigh mhnathan-cràbhaidh a bhith ann sna linntean tràth den chreideamh Chrìosdail.

Tha cuid den bheachd, leis an uiread de dh’fhianais àrc-eòlais a th’ ann agus ri linn cruth-tìre an eilein, gur dòcha gur e Hinba a th’ ann an Canaigh, eilean far an do stèidhich Calum Cille manachainn.

Thèid co-labhairt, Ceangal Chaluim Chille, a chumail san eilean air 9 Ògmhios gus coimhead air arc-eòlas lìonmhor an eilein, agus gus coimhead air a’ cheist, an e Canaigh Hinba, eilean far an do stèidhich Calum Cille manachainn chudromach aig an robh dlùth cheangal ris a’ phrìomh mhanachainn ann an Eilean Ì, agus air an tug an Naomh Adomnán iomradh.

Leis a’ cho-obrachadh eadar eòlaichean ann an diofar chuspairean, thathar a’ sìor lorg fianais ùr air eachdraidh tràth na h-Alba, agus tha coltas ann gum faighear tòrr fiosrachaidh is fianais fhathast ann an Canaigh a chuireas barrachd brìgh ri eachdraidh nam manachainn air taobh siar na h-Alba le ceangal ri Calum Cille, no co-dhiù a bheir dhuinn dealbh nas fheàrr air na ceanglaichean tràtha eadar eaglaisean ann an Èirinn is Alba. Bidh na h-Ollamhan Ùisdean Cheape bho Shabhal Mòr Ostaig agus Rob Dunbar bho Oilthigh Dhùn Èideann a’ gabhail pàirt, còmhla ri arc-eòlaichean Albannach a tha ag obair do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba, aig a bheil seilbh air an Eilean. Bidh an seinneadair is craoladair Albannach Màiri Anna NicUalraig a’ coimhead air na ceanglaichean eadar ceòl na h-Èireann is na h-Alba.

Tha Fiona NicCoinnich a’ cur na co-labhairt air dòigh, agus i na tasglannaiche aig Taigh Chanaigh, far a bheil an tasglann agus leabharlann aig Iain Latharna Caimbeul agus Mairead Fay Sheathach, a rinn uiread còmhla a thaobh beul-aithris, eòlas litreachais agus cruinneachadh òran ann am meadhan an fhicheadamh linn. Cuideachd, dh’fhàg iad an t-eilean mar dhìleib aig Urras Nàiseanta na h-Alba.


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie