Tha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn air a stèidheachadh ann an seann mhansa Eaglais Chille Mhàrtainn ann am meadhan baile Chille Mhàrtainn.
Tha cruinneachadh iongantach is mìorbhaileach de 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn, uile taobh a-staigh cearcall de shia mile bhon taigh-tasgaidh. Tha fìor dheagh eachdraidh tràth Chrìosdail aig an sgìre agus tha dlùth cheangal aige ri sgeula Chaluim Chille.
Tha an taigh-tasgaidh a’ rannsachadh arceòlas, sealladh-tìre agus eachdraidh a’ ghlinne. Am broinn an taigh-tasgaidh chì thu na nithean a chaidh an cladhach aig Dùn Ad a tha faisg air làimh, prìomh ghearastan rìgh Dhàl Riata. Thathar ag ràdh gun do thadhail Calum Cille air an rìgh an uair a thàinig e a dh’Alba an toiseach ann an 563.
Tha nithean a chaidh an lorg ann an Cille Mhàrtainn agus san sgìre mun cuairt air an taisbeanadh an seo san taigh-tasgaidh. Tha cruinneachaidhean eile bho Chille Mhàrtainn air an gleidheadh ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba ann an Dùn Èideann, Taighean-tasgaidh Ghlaschu agus Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn.
Tha làrach-lìn Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn a’ toirt fiosrachaidh mhionaidich mu uairean fosglaidh an taigh-tasgaidh agus an cafaidh. Tha an taigh-tasgaidh mar as trice fosgailte bho thoiseach na Màrt gu deireadh an Dùbhlachd ach thoir sùil air an làrach-lìn airson an fhiosrachaidh as ùire.
Fhuair Pròiseact Dhàl Riata taic bho Thaigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn. Tha dà chuairt aca air bhideo a’ sgrùdadh eachdraidh na sgìre ionadail.
San 6mh linn, b’ e Dùn Ad bunait cumhachd is prìomh ghearastan nan uachdaran ionadail – an Dàl Riata. Tha a’ charraig mhòr seo na seasamh gu h-àrd air a’ Mhòine Mhòir is Abhainn Ad a’ snìomh shìos mu bonn. Thadhail Calum Cille air rìgh Dhàl Riata aig Dùn Ad...
Tha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn air a stèidheachadh ann an seann mhansa Eaglais Chille Mhàrtainn ann am meadhan baile Chille Mhàrtainn. Tha cruinneachadh iongantach is mìorbhaileach de 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn, uile taobh a-staigh cearcall de shia mile bhon taigh-tasgaidh. Tha fìor dheagh eachdraidh tràth Chrìosdail aig an sgìre...
Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil - taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn. Ach bha àite cudromach aig a’ cheàrnaidh seo ann an dualchas tràth Crìosdail na h-Alba. B’ ann...
Tha Eaglais na Cille shuas air rubha a tha a’ dol a-mach air bruaichean siar Loch Suain. Tha an eaglais a’ dol air ais chun 13mh linn ach thathar dhan bheachd gun do thòisich daoine ag adhradh an seo san 8mh linn. Dìreach mar le Eaglais Chille Mhoire air taobh eile Loch...
Tha eaglais Naomh Moire ann an Cille Mhoire air taobh sear Loch Suain. Tha Kilmory sa Bheurla a’ ciallachadh Cille Mhoire no Eaglais an Naomh Moire. Tha deagh sheallaidhean bhuaipe a-null gu eileanan Ìle is Dhiùra. Chaidh a togail sa chiad leth den 13mh linn agus tha cruinneachadh de leacan-uaighe...
Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563. Bha e airson coinneachadh ris...
A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris. Thathar ag ràdh gun tàinig e air tìr ann an seo mus deach e...
Bòrd na Gàidhlig
Great Glen House Leachkin Road Inverness Scotland, IV3 8NW