Tha an altair seo a tha air a choisrigeadh don Naomh Eòin Baiste dìreach ri taobh Tùr a’ Chluig. Tha grunnan chlachan an seo – amar cloiche, clachan agus leacan sgeadaichte, clach-bhràth agus na tha air fhàgail de stèidh croise. Thathar ag ràdh gum bithte a’ cur uisge coisrigte dha na lagan sna clachan. Bha na nithean eadar-dhealaichte air an cruinneachadh ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte air feadh an eilein is chaidh an toirt còmhla ann an seo o chionn fhada.