Is e cnoc air a bheil craobhan a’ fàs a tha ann an Ceag Phàdraig. Lean am frith-rathad suas an cnoc gus lorg na tha air fhàgail, is dòcha, de dhaingneach an Rìgh Brud.
Tha Adomnan, am fear a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille ag innse mar a thadhail an naomh air an Rìgh Brud, rìgh nan Cruithneach, aig a dhangneach am bad-eigin faisg air Abhainn Nis – dh’fhaodadh e bhith ann an seo aig Creag Phàdraig – ann an 565.
Thàinig Calum Cille an seo gus dèanamh cinnteach gum biodh an Rìgh Brud agus na rìghrean Cruithneach eile deònach leigeil leis na manaich aige a bhith a’ siubhal gu sàbhailte sna h-Eileanan an Iar agus ann an Arcaibh.
Ann an eachdraidh beatha An Naomh Caluim Cille gheibhear grunnan sgeulachd a tha a’ toirt cunntais air an turas fada air an deach Calum Cille gu Creag Phàdraig. Tha na sgeulachdan ag innse mu na h-amannan san do choilean Calum Cille mìorbhailean no a bha e ann an gàbhadh. Bha seo a’ gabhail a-steach mar a choinnich e ri uile-bhèist ann an Abhainn Nis. Tha cuid a’ cumail a-mach gur ann à seo a dh’èirich an sgeula mu uile-bhèist Loch Nis.