Bha baile croitearachd Mhealasta gu math coltach ri iomadh fear de sheòrsa sna h-eileanan seo air nach tàinig atharrachadh thar linntean. Bha na daoine beò air toradh an fhearainn agus na mara. Bhiodh iad a’ dèanamh teine leis a’ mhòine a bhiodh iad a’ buain as t-samhradh agus a bhiodh air a tiormachadh leis a’ ghaoith. Bhiodh iad a’ cur bàrr air a’ mhachair faisg air an tràigh. Bhiodh iad ag iasgach cuideachd.
Tha an t-ainm Mealasta – agus ainmean eile san sgìre seo – a’ tighinn bhon chànan Lochlannach agus a’ comharrachadh ionnsaighean agus tuineachaidhean nan Lochlannach sa cheàrnaidh seo.
Chuireadh na daoine às an àite ann an 1838 gus tuathanas chaorach a stèidheachadh agus chaidh an gluasad gu sgìre Nis air ceann a tuath Leòdhais no chaidh iad mar eilthirich a Chanada no a dh’Astràilia.
Chì thu fhathast na tha air fhàgail de stèisean ràdair on Dàrna Cogadh a bha ann an seo bho 1941-1946.
Dè eile?
Is fhiach a dhol gu Sgìre Ùig, chan ann a-mhàin gus tadhal air na làraich a tha a’ beantainn ris na h-amannan tràtha ann an eachdraidh a’ chreideimh Chrìosdail ach cuideachd airson tadhal air na tràighean bòidheach ann an Ùig is Mangarstadh.
Fir-tàileisg Leòdhais a chaidh an lorg air tràigh ann an Ùig. Faigh a-mach tuilleadh mu Fhir-tàileisg Leòdhais agus an eachdraidh co-cheangailte ri tràigh Ùig an seo.
Airson tuilleadh mun eachdraidh ionadail, tadhal air làrach-lìn Chomunn Eachdraidh Uig.