Skip to main content
Colmcille Logo White

8.1 Ionad an Tairbeirt Port MoChalmaig

Eadar 1994 agus 2007, rinn arceòlaichean sgrùdadh air pìos dhan talamh timcheall air eaglais Naomh Calman ann am Port MoChalmaig faisg air ceann Rubha an Tairbeirt. Lorg iad fianais air manachainn mhòr a bha a’ dol air ais gu deireadh an t-6mh linn.

Tha Ionad an Tairbeirt ag innse sgeula an làraich mhòir Chrìosdail seo agus mar a chaidh a lorg le arceòlaichean.

An do stèidhich Calum Cille manachainn ann an seo? No a bheil e a’ dol air ais nas fhaide na an t-àm a thàinig e gu Eilean Ì. Ma tha, bha na Cruithnich a bha a’ fuireach ann an seo nan Crìosdaidhean mus tàinig e. Is e aon nì a tha cinnteach, gun robh a’ mhanachainn seo de mheudachd is de sgèile air leth mòr – canar cuid rithe ‘Ì an àirde an ear’.

Choinnich Calum Cille ri na Cruithnich nuair a bha e a’ siubhal tron Ghleann Mhòr agus suas gu crìochan baile Inbhir Nis mar a tha e san là an-diugh. Chlàr am fear a sgrìobh eachdraidh a bheatha, Adamhnan, an turas seo agus na coinneamhan a chum e. Leis gun robh manachainn ann am Port MoChalmaig dh’fhaodar a bhith dhan bheachd gun robh na Cruithnich sa cheàrnaidh seo a-cheana nan Crìosdaidhean ach tha Adamhnan ag innse grunnan sgeula mun dòigh san do dh’iompaich Calum Cille na Cruithnich.

Fad linntean, b’ e nì dìomhair ann an eachdraidh a bha sna Cruithnich. B’ e Ceiltich a bha annta – a bha a’ bruidhinn cànan a bha glè choltach ri Seann Chuimris – a bha a’ fuireach ann am Breatainn a Tuath bho 3mh chun 9mh linn ach cha robh mòran fianais air a lorg air an son. Fhuaireas mòran fiosrachaidh ùr mun cultar ri linn an sgrùdaidh air làrach na manachainn. Is e aon de na clàran as ainmeil mu shìobhaltas nan Cruithneach na clachan snaighte a chaidh an lorg air, no faisg air Rubha an Tairbeirt.

Bha a h-uile càil a dh’fheumadh iad airson am beatha agus an obair, aig na manaich a bha a’ fuireach ann am Port MoChalmaig – bha fearann àiteachais aca, muileann, bùthan-obrach airson obair-glainne is obair-mheatailt choisrigte, agus eaglais. Bha mu 150 neach a’ fuireach agus ag obair ann an seo.

Aig cridhe na manachainn bha bùth-obrach airson meamram a dhèanamh – b’ e seo an stuth air am biodh na manaich a’ sgrìobhadh an uair a bhiodh iad ag ullachadh nan sgrìobhaidhean maisichte aca.

Tha meamram air a dhèanamh bho chraiceann bheathaichean. An uair a bhathar a’ dèanamh sgrùdadh-areòlach ann am Port MoChalmaig lorg iad frèam air am bithte a’ sgaoileadh a’ mheamrain an uair a bhiodh iad ga thiormachadh, agus teallaich far am bithte a’ losgadh shlighean, chnàimhean agus feamainn airson stuth ullachadh leis am biodh iad a’ dèanamh a’ mheamraim mìn agus rèidh.

Leis gun robh na manaich a’ dèanamh a’ mheamraim aca fhèin, is dòcha gun robh iad cuideachd an sàs ann a bhith a’ cruthachadh leabhraichean maisichte soisgeulach coltach ri Leabhar Cheanannais.

Tha an t-arceòlaiche Màrtainn Carver air a ràdh gur dòcha gun robh na ceithir leacan-croise a chaidh an lorg ann an seo air an cleachdadh gus crìochan fearann manachainn Phort Mo Chalmaig a chomharrachadh.

‘B’ e luchd-ealain iongantach a bha annta. B’ urrainn dhaibh dealbhan a dhèanamh de madadh-allaidh, bradan is iolaire air cloich le loidhnichean sìmplidh gus dealbhan brèagha nàdarrach a chruthachadh. Chan fhaicear an samhail eadar Port Mo Chalmaig agus an Ròimh. Cha b’ urrainn eadhoin dha na h-Anglo-Sagsons snaigheadh-cloiche a dhèanamh chun aon ìre ris na Cruithnich. Cha robh e comasach do dhaoine caractar bheathaichean a dhealbhadh anns an dòigh seo gu an dèidh Linn an Ath-bheothachaidh.’

An t-Àrd-ollaimh Màrtainn Carver, Oilthigh Iorc, Prìomh Arceòlaiche, Sgrùdadh Phort Mo Chalmaig.

Chaidh sguir a chleachdadh na manachainn mu 820AD an uair a thathar dhan bheachd a chaidh ionnsaigh a dhèanamh oirre, dh’fhaodadh e a bhith, leis na Lochlannaich.

Tha arceòlaichean air fiodh air a losgadh a lorg a tha a’ dol air ais chun àm seo. Lorg iad cuideachd leacan-croise briste a dh’fhaodadh a chaidh am milleadh aig an àm seo cuideachd.

  • 8.1 Ionad an Tairbeirt Port MoChalmaig

    Eadar 1994 agus 2007, rinn arceòlaichean sgrùdadh air pìos dhan talamh timcheall air eaglais Naomh Calman ann am Port MoChalmaig faisg air ceann Rubha an Tairbeirt. Lorg iad fianais air manachainn mhòr a bha a’ dol air ais gu deireadh an t-6mh linn. Tha Ionad an Tairbeirt ag innse sgeula...

  • 8.2 Bhaile a’ Chnuic

    Tha grunnan thursachan ann an Rubha an Tairbeirt a tha a’ toirt fainear sgil ealanta agus creideamh Crìosdail nan Cruithneach a shnaigh iad. Is dòcha gun robh na tursachan sin a’ comharrachadh crìochan an fhearainn a bha leis a’ mhanachainn ann am Port Mo Chalmaig. Tha an leac-croise ann am Baile...

  • 8.3 Seannduaig

    Tha an leac-croise ann an Seannduaig còmhdaichte le samhlan Crìosdail. Tha seo mar chomharra air Crìosdaicheachd nan Cruithneach seach a bhith na cloich air a bheil dealbhaidhean pàganach is cràbhach. Dh’fhaodadh gun robh grunnan mhanachainnean air a’ chosta seo a bha fo ùghdarras na manachainn mhòir faisg air làimh aig...

  • 8.4 Clach an Neig

    Is e Clach an Neig aon de na clachan Cruithneach snaighte as fhèarr a tha ann. Chaidh a snaigheadh mu 800AD – no is dòcha nas tràithe na sin – agus tha i air a còmhdach le samhlan Crìosdail. A rèir nan nithean a tha air a’ chloich shnaighte seo,...

  • 8.5 Creag Phàdraig

    Is e cnoc air a bheil craobhan a’ fàs a tha ann an Ceag Phàdraig. Lean am frith-rathad suas an cnoc gus lorg na tha air fhàgail, is dòcha, de dhaingneach an Rìgh Brud. Tha Adomnan, am fear a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille ag innse mar a thadhail an...

  • 8.6 Làraich Chlachan Cruithneach Eile Tuath air Inbhir Nis

    Dèan sgrùdadh air eachdraidh nan Cruithneach air a’ chosta sear tuath air Inbhir Nis. Cuairt nan Cruithneach air Ghàidhealtachd Cuairt anns a bheil 17 làraich le clachan Cruithneach, eadar Inbhir Nis agus Dùn Robain faisg air Goillspidh. Clàr de Chlachan Cruithneach ann an Taigh-tasgaidh agus Gaileiridh-ealain Inbhir Nisy Tha an...


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie