Doire
’S e Doire an aon bhaile mòr air Slighe Chaluim Chille. B’ àbhaist manachainn, a chaidh a stèidheachadh san 6mh linn, a bhith suidhichte gu h-àrd air a’ chnoc far a bheil am baile an-diugh. Tha an t-ainm Doire a’ tighinn bho Ghàidhlig na h-Èireann, agus tha e a’ ciallachadh àite no coille le craobhan daraich, agus tràth ann an eachdraidh an tuineachaidh bha an cnoc na eilean craobhach air a chuairteachadh le uisge is talamh bàthte. Tha comharra no dhà ann gun robh dùn air an eilean aig aon àm far an robh an rìgh ionadail a’ fuireach mus deach am fearann a thoirt don eaglais.
Chan eil mòran air fhàgail den mhanachainn air uachdar na talmhainn sa bhaile san latha an-diugh, ach thug i buaidh mhòr air eachdraidh a’ bhaile agus tha pailteas sgeulachdan ann co-cheangailte rithe. Tha tòrr de na sgeulachdan rin lorg ann am Beatha Chaluim Chille a chaidh a sgrìobhadh ann an Gaeilge ann an Abaid Dhoire san 12mh linn. San 16mh linn, dh’ullaich Mánas Ó Dónaill, Prionnsa Thìr Chonaill tionndadh ùr de Bheatha Chaluim Chille. Tha cruinneachadh eadhon nas motha de sgeulachdan san leabhar sin, nam measg tha sgeulachdan bho Dhoire, Dùn nan Gall, sgìre Loch Feabhail agus àiteachan cho fada air falbh ri Loch Nis ann an Alba. Tha na sgeulachdan sin air a bhith nam pàirt de bheatha a’ bhaile bho na meadhan-aoisean chun an latha an-diugh.
Thathar ag ràdh gun do stèidhich Calum Cille manachainn an seo ann an 545. A rèir a’ chunntais bhon 12mh linn air beatha an naoimh, b’ i a’ chiad mhanachainn a stèidhich e agus an tè a b’ ionmhainne leis. Thathar ag ràdh gun do dh’fhàg e Doire ann an 562 mar fhògarrach agus gun deach e a dh’Alba far an do stèidhich e a’ mhanachainn iomraiteach ann an Eilean Ì ann an 563. Bhathar, cho tràth ris an 12mh linn, ag ràdh Doire Cholmcille ris a’ bhaile mar chuimhneachan air an naomh.
Tha an fhianais sgrìobhte as sine, ge-tà, a’ sealltainn gun deach manachainn Dhoire a chur air chois san 6mh linn le Fiachra mac Ciaráin, co-ogha do Chalum Cille. Bha Doire mar phàirt den familia, no teaghlach, de mhanachainnean le ceangal ri Calum Cille. Chaidh i air ceann manachainnean Chaluim Cille ann an Èirinn san 12mh linn, agus chaidh aba na manachainn aithneachadh leis an tiotal Comharba Cholmcille no neach-ionaid an naoimh.
Tha an t-slighe ann an Doire stèidhichte air slighe taisteil bho na meadhan-aoisean. Tha i a’ tòiseachadh ann an Ceàrnag an Talla Guild, a bha uair na chaladh, leis an ainm Port nan Long, far am biodh na taistealaich a’ tighinn gu tìr, agus tha i a’ crìochnachadh aig Eaglais an Tùir Fhada. Sin far an robh an Teampall Mòr aig aon àm, faisg air an àite a bhathar ag ràdh far an do choinnich Calum Cille ri Crìosd agus e ann an riochd dhèircich.
A’ dol ann
Gus an t-slighe taisteil a leantainn, bu chòir dhuibh tòiseachadh ann an Ceàrnag an Talla Guild, leanaibh oirbh tro Gheata na h-Armlainn fo Thaigh-tasgaidh an Tùir, agus suas Sràid na h-Armlainn gu ruige Eaglais an Naoimh Augustine. Dh’fhaodadh sibh cuideachd tòiseachadh air bruach an ear Abhainn an Fheabhail, aig an ìomhaigh-chloiche de Chalum Cille ann am Pàirce an Naoimh Calum Cille. Thèid sibh tarsainn na h-aibhne thairis air Drochaid na Sìthe agus thig sibh gu Ceàrnag an Talla Guild.
Tha e a’ toirt uair a thìde an t-seann slighe taisteil a choiseachd bho Cheàrnag Talla an Guild agus sibh a’ tilleadh gun àite far an do thòisich sibh. ’S fhiach e ùine a bharrachd a thoirt dhuibh fhèin gus tadhal air Eaglais an Naoimh Augustine agus Eaglais an Tùir Fhada, gus coimhead air na taisbeanaidhean ann an Áras Cholmcille, no gus cofaidh a ghabhail sa chafaidh aige. Ma tha sibh ag iarraidh cuairt nas fhaide a ghabhail, faodaidh sibh tadhal air Cathair-eaglais an Naoimh Calum Cille agus Tobraichean Chaluim Chille.
Doire
- 4.1 Port na Long (Ceàrnag Talla a’ Bhaile)
Sna meadhan-aoisean sa bhaile, b’ e Port nan Long a bh’ aca air Ceàrnag Talla a' Baile a bha air bruach Abhainn an Fheabhail. B’ e sin a’ phrìomh shlighe a-steach don bhaile san linn sin. Cuideachd, b’ e toiseach slighe taisteil a bh’ ann sna meadhan-aoisean air an tug...
- 4.2 Eaglais Naomh Agaistín
’S e àite sìtheil, bòidheach a th’ ann an Eaglais Naoimh Agaistín suidhichte air ballachan a’ bhaile, agus bho àm na Càisge gu deireadh na Sultaine, bidh cuid den choitheanal a’ fosgladh na h-eaglaise tron latha airson fàilte a chur air luchd-tadhail. Tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh a’ sealltainn...
- 4.3 Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille
Tha Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille – air fearann Eaglais an Tùir Fhada. ’S e àite fìor mhath a th’ ann gus sealladh farsaing fhaighinn air na sgeulachdan is cunntasan co-cheangailte ri Calum Cille, an naomh aig an robh làmh mhòr ann an stèidheachadh a’ bhaile agus a...
- 4.4 Eaglais an Tùir Fhada
Thathar cha mhòr cinnteach gu bheil Eaglais an Tùir Fhada (coltach ri Eaglais an Naoimh Augustine agus Áras Cholmcille) suidhichte san àite far an robh seann tuineachadh nam manach ann an Doire sna meadhan-aoisean. Fhuair i a h-ainm bho thùr cruinn a bha na sheasamh ann suas chun na 17mh...
- 4.5 Tobair Chaluim Chille
Bidh an tobar naomh seo an teis-meadhan nan tachartasan a bhios ann gach bliadhna air 9 Ògmhios gus Latha Chaluim Chille a chomharrachadh. Bidh daoine a’ caismeachd sìos an cnoc bho Eaglais an Tùir Fhada chun na tobrach, agus thèid an tobair a bheannachadh le sagart a dh’iarras gum bi...
- 4.6 Mòr Eaglais Chaluim Chille
Chaidh Cathair-eaglais an Naoimh Calum Cille aig Eaglais na h-Èireann a thogail eadar 1628 is 1633, agus thathar an ìre mhath cinnteach gu bheil i air, no faisg air, làrach far an robh Taigh nam Mnathan-cràbhaidh Cistercianach a tha mapaichean bho mu 1600 a’ sealltainn. Ged a tha eachdraidh fhada...
Bòrd na Gàidhlig
Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW
(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot
Colmcille
Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED
(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie
Colmcille
Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3
(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie