Skip to main content
Colmcille Logo White

Cuairt ann an Gàidhlig na h-Èirinn air Slighe Chaluim Chille 9-12 an Ògmhios 2023

Bhon 9mh gu 12mh an t-Ògmhios 2023 bidh cuairt agus taistealachd ann an Gàidhlig na h-Èirinn air Slighe Chaluim Chille ann an Dùn nan Gall. Tha Slighe Chaluim Chille a’ ruith eadar Gleann Cholm Cille ann an Dùn nan Gall gu Ì ann an Alba agus bidh e a’ dèanamh ceanglaichean eadar àiteachan ann am beatha agus traidisean an naoimh.

Thathar an dòchas gum bi an t-Slighe coltach ris an Camino de Santiago san Spainn. Eadar 9mh is 12mh an t-Ògmhios bidh cothrom eòlas fhaighinn air an t-saoghal nàdarrach a’ coiseachd airson a’ chuirp agus an spioraid agus a’ chompanaidh ann an Gàidhlig na h-Èirinn ann an cridhe Ghaeltacht Dùn nan Gall.

 

Bho 2020 tha taistealachd air a bhith ann gach bliadhna air Slighe Chaluim Chille ann an Dùn nan Gall, ach seo a’ chiad chuairt is taistealachd a tha gu tur ann an Gàidhlig na h-Èirinn. Tha e ga chur air dòigh le sgìrean planadh cànain, agus co-chomainn Ghaeltachta ann an co-obrachadh le prògram Cholmcille de Fhoras na Gaeilge, agus ann an co-bhann ri companaidh, Slighe Chaluim Chille Earranta. Stiùiridh Séamus Ó Dúchoin, fear-iùil beinne agus neach-labhairt dùthchasach às an Fhál Charrach, a’ chuairt.

 

Tòisichidh a’ chuairt air Latha Fhèill Chaluim Chille, an 9mh Ògmhios ann an Gleann Cholm Cille. Air 10 Ògmhios bidh a’ chuairt eadar Tobar Eithne, coisrigte do Eithne, màthair Chaluim Chille, agus Gartán far an do rugadh e agus far a bheil làraich eile co-cheangailte ri òige. Air an treas latha thòisich a’ chuairt aig Crois Ra, làrach le ceanglaichean dlùth ri Abaid Ì, agus criochnaichidh i aig Cnoc na Naomh. Air 12 Ògmhios bidh turas gu Toraigh, aig a bheil dualchas beairteach co-cheangailte ri manachainn Chaluim Chille. Bidh an t-eilean beò le eòin cuideachd, agus bidh eòlaiche air an dà chuid, an neach-ealain Antain Ó Mianáin ann mar neach-iùil.

Tha pasgan ri fhaighinn airson na ceithir latha, a’ gabhail a-steach trì oidhcheannan leabaidh is bracaist ann an Teach Jack ann an Gaoth Dobhair. Is e a’ chosgais €390 gach neach stèidhichte air seòmar singilte, agus €350 stèidhichte air còmhnaidh co-roinnte. Is e a’ chosgais làitheil às aonais àite-fuirich €20 airson a’ chiad trì latha, agus € 50 airson a’ cheathramh latha, a’ toirt a-steach am bàta-aiseig tilleadh gu eilean Thoraigh. Faodar foirmichean iarrtas agus fiosrachadh a bharrachd fhaighinn bho sli@forasngaeilge.ie

 

 


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie