Skip to main content
Colmcille Logo White

1.4 Colbh Croise Bíofán

Mullach na Croise – Height of the Cross – is e colbh cloiche a tha seo air a bheil cumadh croise air a snaigheadh gu fann. Tha i na seasamh ann an teis-meadhan càrn. Tha an càrn agus a’ chrois am broinn na tha air fhàgail de làrach chruinn.

Bidh na taistealaich a’ leantainn cuairt an turais timcheall air a’ chrois agus ag ùrnaigh, a’ lùbadh an glùin gach turas a thèid iad seachad air beulaibh na croise.

A rèir sgeulachdan traidiseanta ionadail b’ e seo làrach manachainn Chaluim Chille. Thathar ag ràdh gun tàinig Calum Cille gu Gleann Chaluim Chille an dèidh blàr Chúil Dreimhne ann an 561 gus peanas a dhèanamh airson beatha nan daoine a chailleadh sa bhlàr. Tha beul-aithris ag ràdh gun do chaith e dà bhliadhna ann an seo agus gun do shuidhich e manachainn ann, mus deach e gu Eilean I.

  • 1.1 Straid Court Tomb

    Is e seo tobhta tuama a tha dol air ais gu mu 3,000 BC. Bha e air a thogail is air a chleachdadh le tuathanaich a bha a’ fuireach ann an Gleann Chaluim Chille. Tha e ro-Chrìosdail ach tha e air a bhith air a thoirt a-steach do Thuras Chaluim...

  • 1.2 Colbh Criose

    Tha a’ chrois seo mu 2 mheatair a dh’àird agus sgeadaichte le dealbhaidhean snaighte air an dà thaobh. Is e carragh-cuimhne Crìosdail a tha ann a chaidh a dhèanamh is dòcha mu 700-800AD. Tha an taobh a tha a’ coimhead dhan àird an ear air a sgeadachadh le panalan rectilinear,...

  • 1.3 Àite nan Glùn

    Àite nan Glùn - The Place of the Knees - is e càrn a tha seo. Air aon taobh dheth tha leac chòmhnard le cloich chruinn air a muin. An dèidh a dhol timcheall air a’ chàrn bhiodh na taistealaich a’ cur na cloiche bige seo mun cuairt an curip fhad ’s...

  • 1.4 Colbh Croise Bíofán

    Mullach na Croise - Height of the Cross – is e colbh cloiche a tha seo air a bheil cumadh croise air a snaigheadh gu fann. Tha i na seasamh ann an teis-meadhan càrn. Tha an càrn agus a’ chrois am broinn na tha air fhàgail de làrach chruinn. Bidh na taistealaich...

  • 1.5 Seipeal Chaluim Chille, Bíofán

    A rèir beul-aithris ionadail, b’ e seo làrach seipeal Chaluim Chille ann an Gleann Chaluim Chille far an robh an naomh ag ùrnaigh agus ag obair air làmh-sgrìobhainnean maisichte le dathan. Tha cuideachd trì leacan cloiche ann le snaigheadh Crìosdail. Thathar ag ràdh gun tàinig Calum Cille gu Gleann Chaluim...

  • 1.6 Cathair Chaluim Chille

    A rèir beul-aithris b’ ann an seo a bhiodh Caluim Cille a’ leigeil anail, is bhiodh e ag amharc air a’ ghleann a bha sìos fodha. Tha cuid a’ cumail a-mach gun tig rùn a thèid a dhèanamh ann an seo gu teachd. Tha beagan deasbaid ann gu h-ionadail mu...

  • 1.7 Tobair Chaluim Chille

    Tha Tobair Chaluim Chille - Colmcille’s Well – air a chuairteachadh le càrn mòr de chlachan. Bidh na taistealaich a bhios a’ dìreadh suas chun tobair a’ togail trì clachan nas fhaide shìos an cnoc. A h-uile turas a bhios iad a’ dol timcheall a’ chàirn bidh iad a’ tilgeil...

  • 1.8 Gàrradh Chaluim Chille

    Canar cuideachd Gàrradh Chaluim Chille ri Gàrradh an Turais/Garraí an Turais - the turas field. Ann an seo chithear trì clachan nan seasamh air an ceann, le crois shìmplidh air a snaigheadh air dhà dhiubh. Tha càrn mun cuairt air gach clach agus balla cloiche gam mòr chuairteachadh. Bidh na taistealaich a’...

  • 1.9 Clach na h-Aonaidh

    Tha Clach na h-Aonaidh -The Stone of the Gathering – an ìre mhath 2 mheatair a dh’àird agus mu choinneamh nan taistealaich an uair a thig iad tarsainn air ìochdar a’ ghlinne. Tha snaigheadh de chearcaill agus loidhnichean air dà thaobh na cloiche. An dèidh na cloiche a chuairteachadh trì turais,...

  • 1.10 An Fhothair

    Is e càrn a tha anns an stèisean turais seo le leac air a ceann na seasamh sa mheadhan. Tha an càrn ann am meadhan achadh. Tha an leac a’ coimhead dhan àirde an ear/an iar agus chithear seallaidhean bhuaithe sìos gu Eaglais na h-Èireann. Bidh na taistealaich a’ cuairteachadh...

  • 1.11 An Droim Rua

    Is e leac a tha na seasamh ann am meadhan càirn a tha ann an Stèisean 11 den Turas. Tha na stèiseanan san earrainn seo den turas faisg air a chèile air gach taobh den rathad. ’S dòcha gu bheil an rathad a tha ann san là an-diugh a’ leantainn...

  • 1.12 Baile nan Deamhan

    Tha a’ chlach seo sgeadaichte air a dà thaobh le pàtrain a tha co-naisgte. Is ann ann am Baile nan Deamhan/Baile na nDeamhan - village of the demons – a thug deamhain ionnsaigh air Calum Cille. Is e Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Mànas Ò Dòmhnaill a tha a’ toirt dhuinn na...

  • 1.13 An Gaineamh

    Tha an leac seo na seasamh dìreach ri taobh an rathaid. Chaidh an tè a bha ann ò thùs a mhilleadh agus chaidh mac-samhail dhi a dhèanamh bho na pìosan a bha air am fàgail. Tha i air a snaigheadh air aon taobh agus na seasamh a’ coimhead sear/siar. Tha...

  • 1.14 An Caiseal

    Is e carragh àrd a tha seo snaighte le dà phàtran cearcallach. Coltach ri mòran dha na leacan croise seo ann an Gleann Chaluim Chille, dh’fhaodadh gu bheil i seo a’ dol air ais gu deireadh an 7mh gu an 9mh linn.

  • 1.15 An t-Sràid

    Tha an leac croise seo a-nis na dà phàirt agus tha am pàirt mullaich na shuidhe air an talamh ri taobh a’ phàirt as ìsle. Tha snaigheadh oirre de thrì pàtrain co-naisgte iomadh-fhillte, ceangailte le loidhne dhìrich. Is e seo an stèisean mu dheireadh air an turas ged a chleachd...


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie