Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo air a choisirigeadh don Naomh Barr – dh’fhaodadh e bhith gur e seo an t-aon naomh ris an Naomh Fionnbarr à Corcaigh.
Tha pàirtean de bhallachan tuath agus deas de Chill Bharra nan seasamh fhathast. Chì thu na tha air fhàgail den doras sa bhalla a tuath. Faisg air làimh tha tobhta balla teampaill eile a tha a’ dol air ais gu na 1400an.
Dh’fhaodadh gun deach an Teampall a Tuath a thogail san 16mh linn agus is e an t-aon thogalach air an làrach air a bheil mullach. Na bhroinn tha mac-samhail de Chlach Chill Bharra a tha a’ dol air ais gu àm eadar 900 agus 1100.
Air aon taobh tha crois Chrìosdail. Air a chùlaibh tha rùn-sgrìobhaidh Lochlannach ann an trì loidhnichean a tha a’ dol bhon mhullach chun bhonn. Thathar air na rùin ath-sgrìobhadh mar:-
…(t)ir·þ:ur·kirþu:s(t)in(a)r …r·is·kurs:sia(:)rstr …(k)a
a’ toirt dhuinn :-
…eftir Þorgerðu Steinar’s dóttur es kors sjá reistr
agus gabhaidh seo a mhìneachadh mar:-
‘Mar chuimhneachan air Þorgerðr Steinarsdóttir tha a’ chrois seo air a togail’ no ‘Chaidh a’ chrois seo a togail mar chuimhneachan air Thorgerth, nighean Steinar’.
Bha rùin, ogham agus Laideann air an cleachdadh ann an sgrìobhadh aig an àm seo. B’ ann à Lochlann a thàinig na rùin. Bha ogham air a chleachdadh leis na h-Èireannaich, na Cruithnich agus na h-Albannaich – chithear sgrìobhadh ogham aig Dùn Ad, an dùn Cruithneach. B’ e Laideann an cànan a bha an lùib a’ chreideimh Chrìosdail agus leudaich e mar a bha an creideamh a’ sgaoileadh. Ach cha robh a’ mhòr chuid de dhaoine comasach leughadh no sgrìobhadh.
Tha a’ chrois air a snaigheadh bho chlach a gheibhear gu h-ionadail agus tha i 1.36 m a dh’àirde. Tha a’ chlach annasach leis gu bheil i a’ cleachdadh samhlan Crìosdail agus Lochlannach. Chaidh Clach Chill Bharra a lorg ann an seo ach tha an fhìor chlach fhèin a-nis ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.
Tha cuideachd ceithir leacan-uaghach san Teampall a Tuath a bhuineas do chinn-cinnidh Chlann MhicNèill. Chaidh na leacan sin an snaigheadh le daoine bho Eilean Ì agus Orasaigh agus tha iad san aon stoidhle ri feadhainn a gheibhear air feadh taobh siar na h-Alba.
A’ sgrìobhadh ann an 1703 san leabhar aige ‘Description of the Western Isles’ tha Màrtainn Màrtainn ag ràdh,
‘The natives have St. Barr’s wooden image standing on the altar, covered with linen in form of a shirt; all their greatest asseverations are by this saint. I came very early in the morning with an intention to see this image, but was disappointed; for the natives prevented me by carrying it away, lest I might take occasion to ridicule their superstition, as some Protestants have done formerly; and when I was gone it was again exposed on the altar.
Tha beul-aithris ag innse gun robh an Naomh Barr na neach-leanmhainn aig Calum Cille agus thàinig e a Bharraigh gus muinntir an eilein iompachadh. Bha miseanaraidh a bha air a thighinn ann ron sin air a bhith air a losgadh gu bàs agus air ithe ach bha an naomh Barr soirbheachail ann a bhith a’ toirt a’ chreideimh Chrìosdail gu Barraigh. An uair a thàinig an t-àm dha Barraigh fhàgail, rinn e ùrnaigh airson muinntir an eilein agus an uair a dh’fhalbh e, chaidh ìomhaigh a dhèanamh dheth. Ann an 1625, thug an t-Athair Cornelius Ward cunntas gum faca e ìomhaigh an Naoimh Barr ann an Cill Bharra. Bha muinntir an eilein a’ comharrachadh là an naoimh le là saor on obair, rèiseadh each agus cluich iomain gu meadhan an 19mh linn. Suas gu meadhan an 20mh linn, bhiodh muinntir an àite aig an robh càirdean no caraidean air an adhlacadh aig Cill Bharra a’ comharrachadh là an naoimh le bhith a’ cumail là fois.