Cùm ort gu siar bho bhaile Bhràgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.
Tha tobhta an teampaill am broinn claidh a thathar fhathast a’ cleachdadh san là an-diugh. Bha dà phàirt san togalach – corp na h-eaglaise agus seansail aig a’ cheann an ear. Tha corp na h-eaglaise mu 6 meatairean a dh’fhaid agus an seansail mu 2 mheatair a dh’fhaid. Chan eil ach aon seòmar sa mhòr chuid de theampaill a bhuineas don àm seo. Is iongantach mur deach a togail sa 15mh linn.
Bithear ag ainmeachadh an teampaill seo uaireannan mar Chill Sgàire. Thathar dhan bheachd gur e ainm Lochlannach a th’ ann an Sgàire a bhithear uaireannan a’ cleachdadh sa Bheurla mar Zachariah no Zachary.