Bho mhullach Dhún Ceithirn (Giant’s Sconce), tha e furasta tuigsinn carson a bhiodh e na dheagh làrach airson dùn a thogail. Chithear seallaidhean matha bhuaithe air gach taobh agus chan eil Abhainn Banna fada air falbh thar na tire agus tha am muir an ìre mhath faisg cuideachd.
Thathar dhan bheachd gu bheil an carragh-cuimhne seo air làrach daigneach àrsaidh Dún Ceithirn. An-diugh chan fhaicear ach cnoc le mullach còmhnard ach aig aon àm bha dùn an seo le ballachan a bha 5-8 meatairean a leud.
Tha Adhamhnán, a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille ag innse gun do rinn an naomh fàisneachd mu Bhlàr Dún Ceithirn an uair a bha e aig Co-chruinneachadh Drum Ceat agus thuirt e gum biodh Abhainn Bhann luma-làn fuil a luchd-dàimh.
Bha am blàr a thachair ann an 632 eadar Congal Cáech, rìgh bho taobh sear Ulaidh, agus Domnall mac Áedo, fear a bha càirdeach do Chalum Cille is a bhuineadh do Dhùn nan Gall agus a bha na rìgh air Teamhair (Tara) – ’s dòcha an rìoghachd a bu chumhachdaich ann an Èirinn.
Tha e a’ coimhead coltach gun robh Dún Ceithirn fo smachd Chongal agus is dòcha gun robh e a’ feuchainn ri làmh an uachdair fhaighinn air Domnall. Bhuannaich Domnall am blàr ach b’ fheudar dha ionnsaigh a thoirt air Congal a-rithist ann an 639 ann am Blàr Mag Roth, agus bhathar dhan bheachd gun do rinn Calum Cille fàisneachd mun bhlàr seo cuideachd.