Skip to main content
Colmcille Logo White

3.5 Cill Mhic Rèanain

Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan. Tha an làrach seo na dà phàirt – tha an taobh chlì co-cheangailte ri Calum Cille agus air an taobh cheart tha làrach eaglais on 19mh linn a bhuineadh do dh’Eaglais na h-Èireann.

Bha an làrach seo mar phàirt de shlighe taisteil meadhan-aoiseil a bha a’ ceangal nan làraich sin a bha ann an sgìre Ghartain is a bha co-cheangailte ri beatha thràth Chaluim Chille.

Bha e cumanta do mhic à teaghlaichean cudromach a bhith nan daltan ann an teaghlaichean eile far am biodh iad air an altram is air an oideachadh. B’ e sagart a bha ann an Cruithneachán agus bhiodh e an urra ri foghlam cràbhach Chaluim Chille cho math ri bhith ag ionnsachadh dha sgilean nan uaislean leithid sgilean gunna, marcachd agus snàmh.

“Gu luath an dèidh a bhreith, bhaist an sagart uasal Cruithneachán mac Ceallachán e agus thug e dha an t-ainm Crimthann. Bha e na dhalta aig Cruithneachán an dèidh sin agus dh’oidich is stiùir e e a rèir is mar a dh’iarr ainglean Dhè air. Tha Crimthann no ‘criomhan’ sa Ghàidhlig leis an aon bhrìgh ’s a tha aig ‘sionnach’ no ‘cealgaire’ ann an Laideann. Cha robh an t-ainm seo iomchaidh no freagarrach ann an sùilean an Dè Uile-Chumhachdaich airson càileachd no deagh-bheusan a’ bhalaich naoimh, agus mar sin chuir E ann an cridheachan agus inntinnean na cloinne agus nam balach a bha a’ cluiche agus a’ spòrs maille ris a bhith a’ gabhail Calum Cille air. No an e na h-ainglean Aige Fhèin a bha air an cur thuca a chantainn riutha sin a ghabhail air…

An uair a bha an t-òganach naomh a’ faighinn a chuid oideachaidh sa mhanachainn a bha faisg air làimh, ris an canar Doire Eithne, agus air a bheil an t-ainm Cill Mhic Rèanain san là an-diugh, bhiodh a’ chlann a bha a’ cluich maille ris ga ainmeachadh mar Calum Cille. Sin mar a fhuair e an t-ainm Calum Cille.”

                               Mànas Ò Dòmhnaill d33

Tha beul-aithris ag ràdh gun do thill Calum Cille chun làraich seo gus manachainn a stèidheachadh ann mus do dh’fhàg e Doire gus a dhol a dh’Alba ann an 563. Thathar ag ràdh gun do mhair an stèidheachadh seo gu 1129 an uair a chaidh a chreachadh agus a losgadh gu làr.

An dèidh làimh bha mainistir bhràithrean Proinsiasach air an làrach seo a chaidh a stèidheachadh le Mànas Ò Dòmhnaill ann an 1537. B’ e Mànas Ò Dòmhnaill a sgrìobh ‘Beatha Chaluim Chille’ a chaidh a chrìochnachadh ann an 1532. Tha an cunntas fada seo mu bheatha an naoimh a’ toirt fiosrachadh seachad mu mhòran cheanglaichean eadar Calum Cille agus an ceàrnaidh seo.

Thathar ag ràdh gum bithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd air an làrach seo. Bhiodh dà sheirbheis aca – deas-ghnàth cràbhach an seo aig Cill Mhic Rèanain agus an t-seirbheis shìobhalta aig Creag an Dùin.

  • 3.1 Ionad Dualchais Chaluim Chille

    Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Gartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin. Thathar a’ taisbeanadh fiosrachaidh mu eachdraidh thràth a’ chreideimh Chrìosdail ann an Èirinn is an Alba, agus a’ toirt mion-chunntas air saoghal...

  • 3.2 Leac na Cumha

    Tha an leac seo aig Lag na Cumha far a bheilear ag ràdh a rugadh Calum Cille do a mhàthair Eithne. Tha an leac seo luma-làn ‘làraich cupa’ beaga. Chan eil fiosrachadh sam bith ri lorg mu eachdraidh thràth na lice ach dh’fhaodadh gu bheil i a’ dol air ais gu...

  • 3.3 Rath Cnó

    Thathar ag ràdh gur ann an Rath Cnó a bha teaghlach Chaluim Chille a’ fuireach. A rèir beul-aithris thug iad seachad am fearann an dèidh làimh gus an deigheadh manachainn a stèidheachadh ann. Tha an làrach air a cleachdadh mar thuras fhathast le luchd-taisteil a bhios a’ coiseach air an...

  • 3.4 Creag agus Tobair an Dùin

    Suas chun 16mh linn, b’ ann aig Creag an Dúin a bhithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd. Bhiodh dà sheirbheis aca – aon sheirbheis shìobhalta an seo agus deas-ghnàth cràbhach a bhiodh a’ gabhail àite aig Cill Mhic Rèanain. Tha e gu math coltach gur e seo làrach dùn...

  • 3.5 Cill Mhic Rèanain

    Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan. Tha an làrach seo na dà phàirt – tha an taobh chlì co-cheangailte ri Calum Cille agus air an taobh cheart tha làrach eaglais on 19mh linn a bhuineadh do dh’Eaglais na h-Èireann. Bha...

  • 3.6 Tulach Dubhglaise

    B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo. Thathar ag ràdh gun robh...


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie