A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris. Thathar ag ràdh gun tàinig e air tìr ann an seo mus deach e gu taobh tuath Earra-Ghàidheal gus coinneachadh ri rìgh Dhàl Riata.
Air tom beag air taobh siar a’ bhaile chithear dà lorg-coise ann an leac cloiche. A rèir beul-aithris b’ ann an seo a thàinig Calum Cille air tìr an Alba.
Air a’ mhuir, chan eil e ach 13 mìle bho chosta ear-thuath na h-Èireann. Air là math chithear achaidhean agus cnuic Aontroim.
A’ fàgail a’ Chinn a Deas agus a’ dol chun Chille Àrd, lorgaidh tu cladh a tha laimh ri tobhta Eaglais Chaluim Chille a tha a’ dol air ais chun 13mh linn.
Dìreach às dèidh na h-eaglaise, tha frith-rathad a’ dol suas bruthach. Air a’ mhullach chithear dà lorg-coise a tha air an snaigheadh dhan chreig.
Tha aon dha na lorgan uabhasach aosta agus dh’fhaodadh gun robhar ga chleachdadh ann an seirbheisean-coisrigidh rìghrean. Bhiodh an rìgh ùr a’ cur a choise dhan toll mar chomharra gun leanadh e ann an cas-cheuman na chaidh roimhe agus mar chomharra gun robh e air a phòsadh ris an fhearann.
Chithear lorgan dhan t-seòrsa seo air feadh na Roinn Eòrpa agus ann an Dùn Add far a bheil lorg-coise eile ann an cloich ’s a tha co-cheangailte ri rìghrean Dhàl Riata.
Chaidh an dàrna lorg-choise a snaigheadh dhan chreig ann am meadhan na 19mh linn.