Is e Clach an Neig aon de na clachan Cruithneach snaighte as fhèarr a tha ann. Chaidh a snaigheadh mu 800AD – no is dòcha nas tràithe na sin – agus tha i air a còmhdach le samhlan Crìosdail.
8.4 Clach an Neig
A rèir nan nithean a tha air a’ chloich shnaighte seo, tha e soilleir gun robh dlùth cheanglaichean eadar na manaich a bha a’ fuireach ann an Neig agus Port Mo Chalmaig, agus na manachainnean air Eilean Ì agus ann an Northumbria.
Tha na dealbhaidhean air a’ chloich seo cuideachd a’ nochdadh ann an sgrìobhainnean maisichte a rinneadh le manaich a bha a’ fuireach san dà àite sin.
Tha na pàtrain agus na samhlan air chlach an Neig glè choltach ris an sgeadachadh a gheibhear ann an Leabhar Cheanannais, an leabhar mòr maisichte a chaidh a thòiseachadh le manaich Chaluim Chille air Eilean Ì agus a chrìochnaich iad ann an Ceanannas.
Tha ceanglaichean làidir ann cuideachd le Sarcophagus Naomh Anndrais a tha a-nis air a ghleidheadh ann an taigh-tasgaidh Cathair-eaglais Naomh Anndrais, Fìobha.
Is e Clach an Neig aon de thrì tursachan air costa siar Rubha an Tairbeirt. Tha tursachan eile nas fhaide gu tuath san sgìre ann an Seannduaig agus ann am Baile a’ Chnuic
Tha clach an Neig air a cumail am broinn eaglais na paraiste. Thathar a’ smaoineachadh gur dòcha gun robh a’ chlach air a cumail fo chòmhdach san àm a chaidh seachad leis gu bheil iad ann an deagh òrdugh.
Tha pàirtean den chloich a dhìth agus tha a cùl air a bhleith gu dona.
Thathar a’ meas gu bheil a’ chlach a’ dol air ais gu mu 800 ach dh’fhaodadh gu bheil i nas sine na sin. Tha i air a sgeadachadh le samhlan Crìosdail agus bhithte ga cleachdadh ann an deas-ghnàthan cràbhach – ’s dòcha an uair a bhiodh iad a’ searmanachadh no gum biodh iad a’ gabhail an aifreinn air a beulaibh.
Tha mullach na cloiche ag innse an sgeula mun dòigh san do choinnich an Naomh Pòl agus an Naomh Antonaidh a rèir is mar a chaidh a chuir an cèill anns an leabhar a sgrìobh Jerome mu Bheatha an Naoimh Pòil. Tha Pòl agus Antonaidh air am meas mar an fheadhainn a stèidhich manachainnean agus tha ceangal anabarrach dlùth aca ri manaich agus am beatha ann am manachainnean.
B’ e manach a bha a’ fuireach leis fhèin a bha anns an Naomh Pòl. Bhiodh fitheach a’ toirt pìos arain thuige a h-uile là. Air an là a thadhail an Naomh Antonaidh air an Naomh Pòl, thug am fitheach cnap arain slàn thuca a roinneadh iad eatorra.
Tha a’ chlach a’ dèanamh dealbh air an dearbh mhòmaid a thàinig am fitheach leis an aran.
Tha na fir air an glùinean agus a’ gabhail an aifreinn bho na leabhraichean a tha aca nan làmhan. Tha pìos beag a dhìth air an aran a tha am fitheach a’ leigeil às air a’ chupa.
Tha an obair-snaighidh gu math mionaideach – feusagan agus falt nan naoimh, an t-aran le pìos a dhìth air, na craobhan pailme aig oir an deilbh.
Saoilidh tu gur ann bhon cliathaich a tha thu a’ faicinn nan naomh, ach ma sheallas tu riutha is tu air do ghlùinean chì thu an taobh eile de dh’aodainn an dithis naoimh.
Tha na leòmhain a’ riochdachadh a’ mhòmaid a thill an Naomh Antonaidh gus tadhal air an Naomh Pòl agus a fhuair e a-mach gun robh e air bàsachadh.
Thàinig dà leòmhan a-mach às an fhàsach gus an Naomh Antonaidh a chuideachadh a’ cladhach uaigh airson an Naomh Pòl.
Tha nathraichean a’ nochdadh ann an iomadh àite air a’ chloich. Saoilidh tu gur e bàlaichean toidhne a tha ann am pìlichean de nathraichean a tha an lùib a-chèile is aon nathair a’ nochdadh a-mach às gach bàla – no cnap – agus a’ dol an lùib fheadhainn eile.
Is e samhlan Crìosdail cudromach a tha ann an nathraichean. Tha iad co-cheangailte ri olc mar a chithear san sgeula aig Adhamh is Eubha ach tha iad cuideachd nan samhlan air ais-eiridh, oir, a rèir sgeula o na Meadhan-aoisean bidh iad a’ dol fon talamh airson trì làithean agus a’ tighinn chun uachdair a-rìs agus iad air an seann chraicinn a thilgeil.
Tha iad cuideachd air am faicinn mar shamhlan air gliocas – bidh nathair a’ cur dìon air a cheann an uair a bhithear a’ toirt ionnsaigh air, rud a tha na shamhla air a bhith a’ dìon pròiseasan inntinneil.
Dìreach mar chlachan Cruithneach eile, chan eil na pàtrain ceart-chumadail ach tha samhlan sònraichte a’ nochdadh uair is uair – prìomh phàtrain, sgeadachaidhean cearcallach, cnapan is eadar-obrachadh.
Tha na pàtrain sin glè choltach ann an stoidhle agus ann an sgaoileadh ris an fheadhainn a gheibhear ann an Leabhar Cheanannais, a thòisich na manaich air Eilean Ì agus a chrìochnaich iad an uair a dh’fhàg iad an eilean agus a chaidh iad gu Ceanannas ann an Èirinn.
Tha cùl na lice air a sgeadachadh le samhla de dh’iolaire agus seallaidhean seilge. Tha na dealbhan ag innse mar a mharbh Daibhidh leòmhan gus uan a bha na threud a shàbhaladh.
Rubha an Tairbeirt
- 8.1 Ionad an Tairbeirt Port MoChalmaig
Eadar 1994 agus 2007, rinn arceòlaichean sgrùdadh air pìos dhan talamh timcheall air eaglais Naomh Calman ann am Port MoChalmaig faisg air ceann Rubha an Tairbeirt. Lorg iad fianais air manachainn mhòr a bha a’ dol air ais gu deireadh an t-6mh linn. Tha Ionad an Tairbeirt ag innse sgeula...
- 8.2 Bhaile a’ Chnuic
Tha grunnan thursachan ann an Rubha an Tairbeirt a tha a’ toirt fainear sgil ealanta agus creideamh Crìosdail nan Cruithneach a shnaigh iad. Is dòcha gun robh na tursachan sin a’ comharrachadh crìochan an fhearainn a bha leis a’ mhanachainn ann am Port Mo Chalmaig. Tha an leac-croise ann am Baile...
- 8.3 Seannduaig
Tha an leac-croise ann an Seannduaig còmhdaichte le samhlan Crìosdail. Tha seo mar chomharra air Crìosdaicheachd nan Cruithneach seach a bhith na cloich air a bheil dealbhaidhean pàganach is cràbhach. Dh’fhaodadh gun robh grunnan mhanachainnean air a’ chosta seo a bha fo ùghdarras na manachainn mhòir faisg air làimh aig...
- 8.4 Clach an Neig
Is e Clach an Neig aon de na clachan Cruithneach snaighte as fhèarr a tha ann. Chaidh a snaigheadh mu 800AD – no is dòcha nas tràithe na sin – agus tha i air a còmhdach le samhlan Crìosdail. A rèir nan nithean a tha air a’ chloich shnaighte seo,...
- 8.5 Creag Phàdraig
Is e cnoc air a bheil craobhan a’ fàs a tha ann an Ceag Phàdraig. Lean am frith-rathad suas an cnoc gus lorg na tha air fhàgail, is dòcha, de dhaingneach an Rìgh Brud. Tha Adomnan, am fear a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille ag innse mar a thadhail an...
- 8.6 Làraich Chlachan Cruithneach Eile Tuath air Inbhir Nis
Dèan sgrùdadh air eachdraidh nan Cruithneach air a’ chosta sear tuath air Inbhir Nis. Cuairt nan Cruithneach air Ghàidhealtachd Cuairt anns a bheil 17 làraich le clachan Cruithneach, eadar Inbhir Nis agus Dùn Robain faisg air Goillspidh. Clàr de Chlachan Cruithneach ann an Taigh-tasgaidh agus Gaileiridh-ealain Inbhir Nisy Tha an...
Bòrd na Gàidhlig
Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW
(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot
Colmcille
Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED
(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie
Colmcille
Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3
(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie