Dh’fhàg Calum Cille Doire anns an Ògmhios 563 agus sheòl e gu Earra-Ghàidheal. Goirid an dèidh dha ruighinn, thathar ag ràdh gun do thadhail e air an Rìgh Conall, rìgh Dhàl Riata, dh’fhaodadh e bhith, aig a dhaingneach ann an Dùn Ad. Tha e follaiseach gur e duine le inbhe agus le cumhachd phoilitigeach a bha ann an Calum Cille leis gun do choinnich e ri Conall cho luath ’s a ràinig e Alba.
B’ e muinntir Dhail Riata, a bha nan luchd-labhairt na Gàidhlig, an fheadhainn a bha fo riaghladh Chonaill agus bha a rìoghachd a’ gabhail a-steach ceann a tuath na h-Èireann agus taobh siar na h-Alba.
Bha Conall a’ riaghladh ceann a deas Earra-Ghàidheil an là an-diugh, Cenél nGabráin, ged a tha Eilean Ì ann an ceann a tuath Earra-Ghàidheil. Tha e glè choltach gun robh Conall a’ toirt do Chalum Cille fearann a bha taobh a-muigh a smachd fhèin. Dh’fhaodadh gun robh Conall air còir fhaighinn car tamaill air na ceàrnaidhean sin – agus a’ toirt Eilean Ì do Chalum Cille mar dhòigh air a bhith a’ cur an cèill ùghdarras fhèin san àite sin.
Sna bliadhnaichean an dèidh sin, leudaich lìonra mhanachainnean Chaluim Chille air feadh eileanan Innse Gall agus air feadh tìr mòr na h-Alba ann an ceàrnaidhean nan Gàidheal ’s nan Cruithneach.
Lean Calum Cille air a’ faighinn fearann agus taic eile airson eaglaisean agus a mhanachainnean bho rìghrean Dhàl Riata. Às aonais an tacsa seo, cha bhiodh e air a bhith comasach do Chalum Cille an lìonra fharsaing de mhanachainnean a stèidheachadh.