Tha frith-rathad de chlachan a’ ruith eadar Crois Naomh Màrtainn agus balla a’ chlaidh. Is e seo an aon phìos a chithear de ‘Sràid nam Marbh’, slighe thaistealaich meadhan-aoiseil a bha air a chleachdadh airson giùlain tiodhlacaidh. Is e Seipeal Òdhrain an carragh-cuimhne eaglaiseil as sine air Eilean Ì, a’ dol air ais gu an 12mh linn. Dh’fhaodadh gun deach a thogail mar thuam teaghlaich do Chlann ‘Ic Dhòmhnaill, an sliochd ainmeil a bha a’ riaghladh aig an àm. Thathar cinnteach gu bheil an cladh – Rèilig Òdhrain nas aosta na an t-seipeal agus tha aon nòs a’ cumail a-mach gur e àite tiodhlacaidh rìghrean annsa na tràth-aoisean a bh’ann, ach chan eil mòran fianais ri fhaighinn air an sin. Thathar cinnteach gun robh cinn-cinnidh agus gaisgich na Gàidhealtachd an Iar air an tiodhlacadh an seo, agus faodar an leacan-uaighe fhaicinn san Taigh-tasgaidh agus sna Clabhstairean. Dh’fhaodadh tun robh càirdeas aig Òdhran ri Calum Cille,agus cha robh e air an liosta aig Àdhamhnan mar aon de chompanaich an naoimh aig toiseach a thurais an an Eilean Ì. Is e uirsgeul mòran nas fhaide sna meadhan-aoisean a tha a’ ceangal Òdhran ris a’ chladh seo.