Skip to main content
Colmcille Logo White

9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn ach thathar dhan bheachd gum faodar gun robh manachainn air an làrach seo ron sin. Chaidh an eaglais ath-nuadhachadh ann an 1873 le Catherine Herbert, Ban-iarla Dhùin Mhòir.

B’ e an Naomh Cliamainn naomh sònraichte nan seòltairean ach chan eil ach glè bheag de dh’eaglaisean air an coisrigeadh dha sa cheàrnaidh seo de dh’Alba.

Tha Tùr Mòr Chliamainn ainmeil airson an obair-snaighidh a tha air tuam Alasdair Mhicleòid, an t-8mh Ceann-cinnidh de Leòidich Na Hearadh agus Dhùn Bheagain (san Eilean Sgitheanach), a thog an eaglais. Chaidh an tuam le stuagh os a cionn a togail ann an 1528 ro a bhàs a thachair uaireigin eadar 1545 agus 1547.

Suas gu 1495, bha Tighearnan nan Eilean air an adhlacadh air Eilean Ì. Às dèidh sin, dh’fheumadh gach ceann-cinnidh tuam a thogail air fhearann fhèin. Dh’fhaodadh gun robh aig na clèirich a bha a’ fuireach an seo ri bhith ag ùrnaigh airson anam Mhicleòid.

Tha tuam Alasdair Mhicleòid, air a snaigheadh le ìomhaighean bhon Bhìoball agus bho a bheatha – na h-abstoil; ainglean; Crìosd air a’ chrann; easbaigean; dealbh-seilge le ridire agus dà dhamh; birlinn; agus caisteal (is dòcha Dùn Bheagain). Tha ìomhaigh snaighte de dh’Alasdair fhèin ann an èideadh-airm gu h-ìosal.

Tha cuideachd grunnan leac-uaighe snaighte agus snaighidhean-cloiche ann agus crois bho dheireadh an ama meadhan-aoiseil a tha na seasamh san uinneig mu choinneimh an dorais.

Tha tùr sa cheann an iar de dh’Eaglais Chliamainn agus faodar dìreadh suas staidhre chloiche dhorch. Gheibhear chun fhìor mhullach air àradh.

Tha grunnan shnaighidhean-cloiche air taobh a-muigh an tùir cho math ris an ìomhaigh seo de dhuine air a bheil fèileadh mòr. B’ e pìos aodaich a bha seo a bha a’ còmhdach corp an duine air fad, chan e dìreach an leth as ìsle mar a chithear san là an-diugh.

© Alan Sproull
© Alan Sproull

  • 9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

    Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn. B’ e Eaglais Chaluim Chille am prìomh eaglais a bha ann an Leòdhas sna meadhan...

  • 9.2 Teampall Mholuidh, Eoropie, Leòdhas

    Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh. Tha dà sheapal bheag air gach taobh den togalach air an taobh tuath agus air an taobh deas,...

  • 9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

    Cùm ort gu siar bho bhaile Bhràgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich. Tha tobhta an teampaill am broinn claidh a thathar fhathast a’ cleachdadh san là an-diugh. Bha dà phàirt san togalach – corp na h-eaglaise agus seansail aig a’...

  • 9.4 Sgìre Ùig

    Taigh a’ Bheannaich, An Gallan Ùigeach, Àird, Ùig Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith. Ao-coltach ri gin sam bith de na làraich eile air...

  • 9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

    Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth. Tha e glè choltach gun robh an eaglais air an eilean a’ dol air ais...

  • 9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

    Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal. Tha an teampall ann an sàr làrach agus gheibhear thuige thar fearann feurach le bhith a’ coiseach 2.5 km. Is...

  • 9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

    Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn ach thathar dhan bheachd gum faodar gun robh manachainn air an làrach seo ron...

  • 9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

    Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo. Is iongantach mur robh grunnan thuineachaidhean air an làrach seo mus deach an teampall a thogail tràth...

  • 9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

    Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar. A rèir beul-aithris, b’ ann air an làrach seo a...

  • 9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

    Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein. Am measg nan taighean dubha ann an Tobha Mòr lorgar tobha teampaill agus ceithir caibeil. A’ sgrìobhadh...

  • 9.11 Cill Bharra , Barraigh

    Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo air a choisirigeadh don Naomh Barr...


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie