San 19mh linn, dh’fhàg na mìltean de dhaoine Dùn nan Gall gus a dhol a dh’fhuireach ann an Aimearaga, Canada, Astràilia agus Sealan Nuadh. An dèidh a bhith air an cur às an fhearann le bochdainn, gort agus uachdarain gun iochd, choisich iad 40 mìle no còrr gu Doire gus tòiseachadh air an turas thar a’ Chuain Shiair. An uair a dh’fhàg iad Dùn nan Gall, bha fhios aca nach tilleadh iad a chaoidh.
Dh’fhàs e gu bhith na fhasan aig an fheadhainn a bha a’ falbh thar an t-sàil an oidhche mu dheireadh an seo a chur seachad air Leac na Cumha – the Stone of Sorrows. Seach gun robh Calum Cille air a thighinn chun cho-dhunadh gun deigheadh e a dh’Alba, bha iad dhan bheachd nan caidleadh iad an seo – far an deach a bhreith – gum biodh am bròn na b’ fhasa a ghiùlain.
Suas gu na 1950an, bhiodh caraidean agus càirdean a’ cruinneachadh an seo còmhla ris an fheadhainn a bha a’ falbh airson ‘caithris Aimearaganach’ a chumail mus coisicheadh iad beagan mhìltean còmhla riutha air an t-slighe.
Tha an cunntas a thug Mànas Ò Dòmhnaill san leabhar a sgrìobh e mu bheatha Chaluim Chille ag innse dhuinn mu thoiseach na sgeòil agus an t-ainm:-
Aon uair bha e ann an àite sònraichte ris an canar Gort na Lice [‘Field of the Flagstone’] ann an Gartan, siar air Rath Cnò far an do rugadh e. Thàinig fear a bhuineadh dhan àite thuige oir bha mòran dha charaidean ’s dha chàirdean air bàsachadh agus bha e na èiginn gan caoidh. Bha meud a bhròin cho mòr ’s gum b’ fheàrr leis bàsachadh na bhith beò às an dèidh. Agus an uair a chunnaic Calum Cille e, ghabh e truas ris agus bheannaich e leac a bha ri thaobh agus thug e deoch dha bhon leac a bha sin ri òl agus dh’èirich a bhròn air falbh…. Dh’fhàg Calum Cille mar ghràs air a’ chloich sin, duine sam bith a dh’òladh deoch bhon leac, gum fàgadh am bròn iad ….. Canar ‘Leac na Cumha’ [‘‘Flagstone of the Sorrows/Loneliness’] ris an leac seo an-diugh, mar chuimhneachan air a’ mhìorbhail mhòir sin.
earrann bho Mànas Ò Dòmhnaill td61.
Chaidh a’ chrois a cur suas le Cornelia Adair ann an 1911.
B’ e cèile Cornelia an t-uachdaran ionadail Iain Adair. Mus do phòs iad, bha droch ainm aig Adair airson Fuadaichean eagallach Dhoire Bheatha a thachair ann an 1861 an uair a bha e mar mheadhan air 250 neach-màil a bhith air an cur a-mach às an fhearann gu brùideil is gu h-ainneartach gus oighreachd mhòr a chruthachadh mar thaca-chaorach. Cha robh taghadh eile aig mòran dhiubh ach a imrich a dhèanamh thar sàil.
Tha dachaigh nan Adair faisg air làimh – Caisteal Ghlinn Bheatha. Tha Cornelia ainmeil airson na h-obrach a rinn i gus an caisteal a leudachadh agus gus na gàrraidhean mòra a stèidheachadh. Tha an caisteal a-nis mar phàirt de Phàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha.
Air cùl Leac na Cumha tha tom air a bheil clachan air an cur sìos ann an cumadh U. Chan eil fiosrachadh sam bith aig duine mu adhbhar agus deit an tuim seo.