A rèir na beatha a sgrìobh Mánas Ó Dónaill, chaidh pàiste a thoirt gu Calum Cille airson a bhaisteadh, ach cha robh uisge ri làimh agus mar sin rinn an naomh soidhne na croise os cionn na cloiche agus thàinig uisge aiste.
Tha ainm a’ bhaile a’ tighinn bhon fhacal Gaeilge doire a tha a’ ciallachadh coille dharaich. Bidh an tobair air a sgeadachadh le duilleagan daraich air 9 Ògmhios agus bidh luchd-taisteil a’ cur dhuilleagan daraich air an aodach aca.
Sna meadhan-aoisean bha trì tobraichean an seo air an coisrigeadh do naoimh, aon tè don Naomh Calum Cille, tè don Naomh Adhamhnán (a chaidh a dh’Eilean Ì mar aon de na h-Abachan air an eilean a thàinig às dèidh Chalum Chille agus a sgrìobh eachdraidh-beatha Chaluim Chille), agus tè don Naomh Màrtainn à Tours. Chithear clach bullán a bha uair aig an tobar shuas aig Eaglais an Tùir Fhada.
Chaidh na pumpaichean sgeadaichte a chur ann ann an 1897. Aig an àm sin b’ e seo am prìomh sholar uisge airson nan taighean a bha uair air an leathad seo fo fhasgadh ballachan a’ bhaile.
Tha an tobar a-nis am measg sreath de thaighean aon-làir ris an canar Tobraichean Chaluim Chille. Tha sreath fada de steapaichean a chì sibh ri taobh Áras Cholmcille gur toirt ann. Cuideachd, faodaidh luchd-tadhail faighinn chun na tobrach le bhith dol suas Sràid Fahan tro Gheata a’ Bhùidseir air Sràid na h-Armlainn. Faodaidh sibh cuideachd tilleadh tro Shràid Fahan agus Geata a’ Bhùidseir gu Cathair-eaglais an Naoimh Calum Cille no chun an àite far a bheil an t-slighe a’ tòiseachadh.