A rèir beul-aithris sheas Calum Cille air a’ chnoc seo – Cnoc na Naomh – còmhla ri chompanaich, na naoimh Fionán, Dubthach agus Beaglaoch.
Fhad ’s a bha iad nan seasamh ann an seo os cionn Machaire Rabhartaigh bha iad a’ bruidhinn mu cò aca aig am biodh e mar dhleastanas muinntir Thoraigh iompachadh chun chreideimh Chrìosdail.
Thàinig iad chun cho-dhunadh gun dèanadh iad deuchainn dhaibh pèin le bhith a’ tilgeil am bachaill. Ge bith cò aca a thilgeadh a bhachall cho fada ris an eilean is e sin am fear aig am biodh e mar dhleastanas muinntir an eilein iompachadh.
Thuit dhà dhiubh faisg air An Fál Carrach/Falcarragh, agus fear eile air air Innis Dubhthaigh/Inis Dubthaigh (Inishdooey Island) ach thuit bachall Chaluim Chille air eilean Thoraigh agus b’ e esan a fhuair an urram a bhith an sàs ann an iompachadh muinntir an eilein. Thathar ag ràdh gun do rinn a bhachall toll mòr anns na creagan air taobh iarthuath an eilein.