Skip to main content
Colmcille Logo White

5.5 Baile an Teampaill

Thathar dhan bheachd gun deach a’ chiad eaglais air an làrach seo a stèidheachadh le Naomh Adamhnán (c.628-704), a bha na ab air manachainn Eilean Ì eadar 679 is 704 agus b’ e ùghdar ‘Beatha Chaluim Chille’.

A rèir beul-aithris, bha Adhamhnán airson eaglais a thogail dà mhìle air falbh aig Lios na Scréachóg ach a h-uile turas a chaidh na ballachan a thogail thuit iad gu làr. Rinn Adhamnán ùrnaigh mun chùis ach fhad ’s a bha e ag ùrnaigh, thuit e na chadal. Nuair a dhùisg e bha iolaire a’ sgèith air falbh leis an leabhar-ùrnaigh aige. Leig an iolaire às an leabhar air an làrach seo agus mar sin thog Adomnán eaglais ann an seo ann an Gleann na h-Iolaire/ Glenullin .

Tha cuairt a tha a’ dol timcheall ann an cearcall a’ tòiseachadh ann an seo agus tha i gad thoirt gu coille Ghleann na h-Iolaire a tha faisg air làimh, far a bheil clach coisrigidh Gortnamoyagh – ris an canar cuideachd Clach Adhamhnáin. Tha slighe na cuairt air a sealltainn air bòrd-mìneachaidh aig an eaglais. Faodaidh tu cuideachd draibheadh gu coille Ghleann na h-Iolaire.

Bhithte a’ cleachdadh clachan coisrigidh ann an seirbheisean a bhithte a’ cumail gus stèidheachadh còir a bha aig rìgh a bhith a’ riaghladh thar na dùthcha ionadail. Tha lorg-coise sa chloich far a bheilear ag ràdh a chuir an rìgh a chas gus a bhith a’ comharrachadh a dhealas dhan tìr. Ann an Gleann na h-Iolaire, thathar ag ràdh gur e lorg-coise Adomnán a tha ann a rinn e an uair a sheas e a dhèanamh ùrnaigh.

Chaidh lorgan-coise mar seo a lorg aig làraich air feadh Èirinn is an Roinn Eòrpa a’ gabhail a-steach Dún Ad ann an Earra-Ghàidheal, Alba far a bheil lorg-coise ann an cloich a tha ceangailte ri rìghrean Dhál Riata.

An-diugh tha tobhta na h-eaglais thràth sin ann am meadhan a’ chlaidh. Taobh a-muigh crìochan a’ chlaidh tha taigh-fo-thalamh a tha a-nis air a chuairteachadh le feansa gus nach fhaighear thuige. Bha an seòmar fon talamh seo 5m a dh’fhaid agus 7m a leud agus dh’fhaodar gun robh e air a chleachdadh mar stòr agus mar àite-falaich an uair a bhathar a’ toirt ionnsaigh air an làrach.

  • 5.1 Droim Ceat, Léim an Mhadaidh

    A rèir sgeula nach eil buileach cho sean, an uair a dh’fhàg Calum Cille Èirinn thathar ag ràdh gun do bhòidich e nach cuireadh e cas air fearann na h-Èireann a chaoidh tuilleadh. Ach tha e coltach gun do thill e co-dhiù aon turas – airson Co-chruinneachadh Dhroim Ceat is...

  • 5.2 Sgons an Fhamhair

    Bho mhullach Dhún Ceithirn (Giant’s Sconce), tha e furasta tuigsinn carson a bhiodh e na dheagh làrach airson dùn a thogail. Chithear seallaidhean matha bhuaithe air gach taobh agus chan eil Abhainn Banna fada air falbh thar na tire agus tha am muir an ìre mhath faisg cuideachd. Thathar dhan...

  • 5.3 Eaglais Naomh Pàdraig, Eaglais na h-Èireann, Cúil Raithin

    Tha an t-iomradh as tràithe a tha ann mu Cúil Raithin a’ nochdadh ann am Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Adomnán. Bha Adomnán na Ab an Eilean Ì agus sgrìobh e a chunntas air eachdraidh beatha Chaluim Chille ceud bliadhna an dèidh bàs an naoimh ann an 597. Dh’ainmich Adomnán gun do...

  • 5.4 Camas

    Tha pìos beag de chrois meadhan-aoiseil Camais a bha air a dèanamh de chloich-gainmhich dheirg a-nis ann an cladh a tha air taobh siar Abhainn Bann gu deas air Cúil Raithin. Tha seallaidhean cràbhach air an snaigheadh air gach taobh den chrois – An Àirc agus murt Abeil air an...

  • 5.5 Baile an Teampaill

    Thathar dhan bheachd gun deach a’ chiad eaglais air an làrach seo a stèidheachadh le Naomh Adamhnán (c.628-704), a bha na ab air manachainn Eilean Ì eadar 679 is 704 agus b’ e ùghdar 'Beatha Chaluim Chille'. A rèir beul-aithris, bha Adhamhnán airson eaglais a thogail dà mhìle air falbh aig...


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie