A rèir beul-aithris b’ ann an seo a bhiodh Caluim Cille a’ leigeil anail, is bhiodh e ag amharc air a’ ghleann a bha sìos fodha. Tha cuid a’ cumail a-mach gun tig rùn a thèid a dhèanamh ann an seo gu teachd.
Tha beagan deasbaid ann gu h-ionadail mu na h-àireamhan a tha air na stèiseanan air turas Ghleann Chaluim Chille. Is e aon bheachd gur e Leac na mBonn – the Stone of Request – far am bi na taistealaich a’ coisrigeadh an slighe taisteil do chùis sònraichte air choreigin a bha aig an toiseach na stèisean 6. Tha mòran dhan bheachd nach robh cathair Chaluim Chille na làrach stad air an turas idir aig an toiseach.
Bidh na taistealaich a bhios a’ dol air turas Ghleann Chaluim Chille ga dhèanamh air an casan liormach. Tha uisge faisg air a’ chreig a’ mhòr cuid dhan tide. Bidh mòran a’ fuarachadh an casan san uisge fhad ’s a bhios iad nan suidhe ann an seo.
Ann an seo, bidh na taistealaich a’ faighinn trì clachan a bhios iad a’ cur air a’ chàrn aig Tobair Chaluim Chille nas fhaide suas an cnoc.