Skip to main content
Colmcille Logo White

6.6 Eaglais agus Uamh Chaluim Chille, Ellary

Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563.

Bha e airson coinneachadh ris an rìgh ionadail, Conall mac Comgall, aig an robh daingneach mu 15 mìle às a seo aig Dùn Add. A rèir beul-aithris dh’aontaich Conall aig a’ choinneamh seo leigeil le Calum Cille Eilean Ì a chleachdadh airson a mhanachainn a stèidheachadh ann.

Chan eil an eaglais agus an uamh ach beagan mheatairean bhon loch mara. Tha an eaglais na tobhta agus tha feur a’ fàs na broinn. Cha mhòr gum faicear an uamh air cùl na h-eaglaise. Gabh an ceum tron fheur gu cùl na h-eaglaise agus lorgaidh tu an uamh.

Tha uamh Chaluim Chille 5 meatairean a leud agus 18 meatairean a dhoimhneachd, agus mòr gu leòr airson buidheann dhaoine a ghabhail.

Air an taobh sear tha sgeilp air a bheil altair. Os cionn na h-altarach tha crois air a snaigheadh dhan bhalla. Tha mias, air chumadh uighe air a cruthachadh sa chreig, a bhiodh a’ cumail uisge coisrigte.

’S dòcha gum faic thu gu bheil luchd-turais a bhios a’ tighinn dhan uamh air a bhith a’ fàgail ofrail air an altair. Chan eil luchd-taisteil air a bhith a’ dèanamh seo ann am mòran dha na làraich sa cheàrnaidh seo.

Tuilleadh fiosrachaidh…

Tha arceòlaichean air a bhith a’ lorg nithean san uamh seo a tha a’ dol air ais chun àm Meadhan-Leacach (10,000-4,500BC) – meadhan linn na cloiche. Chaidh ciste-laighe cloiche agus dà uaigh ao-domhainn a lorg an seo cuideachd.

Chì thu cuid de na nithean a chaidh an lorg an seo ann an Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn.

Tha mias chloiche bhon uamh a-nis air a cleachdadh mar amar-baistidh ann an Eaglais Paraiste Chnapadal a Deas a tha faisg air làimh ann an Achadh a’ Chòis.

Tha tobhta Eaglais Chaluim Chille a’ dol air ais chun 13mh linn ach bhathar ag adhradh air an làrach seo airson iomadh bliadhna ron àm sin.

Tha an eaglais paraiste ionadail ann an Achadh a’ Chòis gach bliadhna a’ cur air adhart seirbheis aig an eaglais agus an uamh.

  • 6.1 Dùn Ad

    San 6mh linn, b’ e Dùn Ad bunait cumhachd is prìomh ghearastan nan uachdaran ionadail – an Dàl Riata. Tha a’ charraig mhòr seo na seasamh gu h-àrd air a’ Mhòine Mhòir is Abhainn Ad a’ snìomh shìos mu bonn. Thadhail Calum Cille air rìgh Dhàl Riata aig Dùn Ad...

  • 6.2 Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn

    Tha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn air a stèidheachadh ann an seann mhansa Eaglais Chille Mhàrtainn ann am meadhan baile Chille Mhàrtainn. Tha cruinneachadh iongantach is mìorbhaileach de 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn, uile taobh a-staigh cearcall de shia mile bhon taigh-tasgaidh. Tha fìor dheagh eachdraidh tràth Chrìosdail aig an sgìre...

  • 6.3 Cladh Chille Mhàrtainn

    Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil - taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn. Ach bha àite cudromach aig a’ cheàrnaidh seo ann an dualchas tràth Crìosdail na h-Alba. B’ ann...

  • 6.4 Eaglais agus Cladh na Cille

    Tha Eaglais na Cille shuas air rubha a tha a’ dol a-mach air bruaichean siar Loch Suain. Tha an eaglais a’ dol air ais chun 13mh linn ach thathar dhan bheachd gun do thòisich daoine ag adhradh an seo san 8mh linn. Dìreach mar le Eaglais Chille Mhoire air taobh eile Loch...

  • 6.5 Eaglais Chille Mhoire

    Tha eaglais Naomh Moire ann an Cille Mhoire air taobh sear Loch Suain. Tha Kilmory sa Bheurla a’ ciallachadh Cille Mhoire no Eaglais an Naomh Moire. Tha deagh sheallaidhean bhuaipe a-null gu eileanan Ìle is Dhiùra. Chaidh a togail sa chiad leth den 13mh linn agus tha cruinneachadh de leacan-uaighe...

  • 6.6 Eaglais agus Uamh Chaluim Chille, Ellary

    Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563. Bha e airson coinneachadh ris...

  • 6.7 An Ceann a Deas

    A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris. Thathar ag ràdh gun tàinig e air tìr ann an seo mus deach e...


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie