Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.
9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais
Tha e glè choltach gun robh an eaglais air an eilean a’ dol air ais chun 12mh linn. Bhiodh eaglais sam bith a bhiodh ann ron sin air a dèanamh de sgrath, mòine no fiodh agus mar sin cha bhiodh càil dhen sin air fhàgail. Tha arceòlaichean air fianais, ro-Chrìosdail, Crìosdail agus Lochlannach a lorg ann an seo.
Chaidh an eaglais a coisrigeadh do Chalum Chille – sin as coireach gu bheil an t-ainm seo air an eilean. Tha sgeulachdan ionadail ag innse mar a bha manachainn agus taigh sagairt air an eilean. Ann an 1549, thadhail an Ridire Dòmhnall Rothach air an eilean agus rinn e dealbh air an ubhal-ghort a chunnaic e ann. An uair a bha Màrtainn Màrtainn ann an Innse Gall aig deireadh an 17mh linn, dh’ainmich e eaglais a bha air Eilean Chaluim Chille.
Bha cumadh ceart-cheàrnach air an eaglais ach dh’fhaodadh gun robh togalaichean eile faisg air làimh. Tha Crois Eilean mar ainm air pàirt dhan eilean agus is dòcha gur e seo crìoch an fhearainn a bha fo chùraim na h-eaglaise.
Bha an cladh air a chleachdadh chun 19mh linn airson Sgìre nan Loch air fad. Bha cunntas mun eilean san leabhar a sgrìobh Iain Sands ann an 1876 ‘Out of the World’ no ‘Life in St Kilda’,
‘Captain M’Donald took me in his gig to see a churchyard situated on an island called St Colm. It is quite close to the water, and is about sixty feet square…Although there seems to be plenty of suitable ground outside, the people persist in interring the dead within the ancient limits. Nay, not interring but piling the coffins one on top of the other, until they have risen to the height of ten feet above the surface. The coffins are not even covered with earth, but are only wrapped in turf.’
Air tìr mòr aig Cro Mòr, bha aon dha na croitean air ainmeachadh mar Lios an Teampaill no Garden of the Chapel. Agus tha beul-aithris ionadail ag ràdh gun robh sagart Naomh Calum a’ fuireach an seo air tìr mòr.
Innse Gall
- 9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais
Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn. B’ e Eaglais Chaluim Chille am prìomh eaglais a bha ann an Leòdhas sna meadhan...
- 9.2 Teampall Mholuidh, Eoropie, Leòdhas
Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh. Tha dà sheapal bheag air gach taobh den togalach air an taobh tuath agus air an taobh deas,...
- 9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas
Cùm ort gu siar bho bhaile Bhràgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich. Tha tobhta an teampaill am broinn claidh a thathar fhathast a’ cleachdadh san là an-diugh. Bha dà phàirt san togalach – corp na h-eaglaise agus seansail aig a’...
- 9.4 Sgìre Ùig
Taigh a’ Bheannaich, An Gallan Ùigeach, Àird, Ùig Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith. Ao-coltach ri gin sam bith de na làraich eile air...
- 9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais
Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth. Tha e glè choltach gun robh an eaglais air an eilean a’ dol air ais...
- 9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh
Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal. Tha an teampall ann an sàr làrach agus gheibhear thuige thar fearann feurach le bhith a’ coiseach 2.5 km. Is...
- 9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh
Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn ach thathar dhan bheachd gum faodar gun robh manachainn air an làrach seo ron...
- 9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath
Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo. Is iongantach mur robh grunnan thuineachaidhean air an làrach seo mus deach an teampall a thogail tràth...
- 9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla
Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar. A rèir beul-aithris, b’ ann air an làrach seo a...
- 9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas
Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein. Am measg nan taighean dubha ann an Tobha Mòr lorgar tobha teampaill agus ceithir caibeil. A’ sgrìobhadh...
- 9.11 Cill Bharra , Barraigh
Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo air a choisirigeadh don Naomh Barr...
Bòrd na Gàidhlig
Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW
(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot
Colmcille
Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED
(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie
Colmcille
Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3
(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie