Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Gartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin. Thathar a’ taisbeanadh fiosrachaidh mu eachdraidh thràth a’ chreideimh Chrìosdail ann an Èirinn is an Alba, agus a’ toirt mion-chunntas air saoghal nam manach agus nan diadhairean aig an àm sin.
Tha mac-samhail ann de Chlag Chaluim Chille on 6mh -8mh linn a bha air a cumail ann an sgìre Ghartáin ’s a bha air a cur sìos bho ghinealach gu ginealach den aon teaghlach. Bha e air a ràdh gun leigheiseadh deoch a dheigheadh òl às a’ chlag tinneas sam bith.
Tha an t-Ionad fosgailte bhon chiad Didòmhnaich sa Chèitean chun Didòmhnaich mu dheireadh san Dàmhair Diluain-Disathairne 10.30-17.00 agus Didòmhnaich 13.30-17.00.