Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear.
9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath
Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo. Is iongantach mur robh grunnan thuineachaidhean air an làrach seo mus deach an teampall a thogail tràth san 13mh linn.
Tha Leabhar Chlann Raghnaill ag ràdh gur ann le Beathag, Bana-phrìoir Eilean Ì a bha e. B’ i nighean Shomhairle, an rìgh Lochlannach air Innse Gall – Rìgh Innse Gall – san 12mh linn. Chaidh Leabhar Chlann Raghnaill a sgrìobhadh san 17mh linn le Niall MacMhuirich. Is e aon de na leabhraichean as tràithe a tha ann sa Ghàidhlig agus tha e a’ toirt sùil on taobh a-staigh air cùisean aig an àm.
Thathar dhan bheachd gun deach an làrach a leudachadh aig deireadh an 14mh linn le Amy NicRuairidh (mu 1350-1390) a bha air a bhith pòsta aig Iain, Tighearna nan Eilean.
Tha balla-cloiche a’ cuairteachadh an teampaill agus a’ chlaidh. Tha teampall eile –Teampall Chlann a’ Phiocair – air taobh tuath na prìomh eaglais. Is dòcha gur ann bhon 16mh linn a tha an togalach seo agus gur e taigh-sagairt a bha ann. Bhathar ga chleachdadh an dèidh làimh mar àite-adhlacaidh Chlann a’ Phiocair a bha nan sgoilearan.
A-rèir beul-aithris, b’ e àite oideachaidh a bha san làrach seo bho thràth sna meadhan-aoisean. San 14mh linn chaidh a thoirt do dh’Abaid Innis Aifrinn ann an Siorrachd Pheairt ach mun 16mh linn bha e fo ùghdarras Ab Eilean Ì.
Ann an 1601, chaidh blàr a chur ann an Càirinis eadar na Dòmhnallaich agus Clann Ic Leòid na Hearadh. Nuair a bhios tu a’ coiseachd gu làrach na h-eaglaise, thèid thu seachad air clais ris an canar Fèith na Fala – Ditch of Blood. Fhad ’s a bha am blàr a’ dol dh’fhaodadh gun robhar a’ cleachdadh na h-eaglaise agus am fearann mun cuairt mar dhìdean do na h-ainmhidhean agus nithean eile.
Innse Gall
- 9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais
Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn. B’ e Eaglais Chaluim Chille am prìomh eaglais a bha ann an Leòdhas sna meadhan...
- 9.2 Teampall Mholuidh, Eoropie, Leòdhas
Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh. Tha dà sheapal bheag air gach taobh den togalach air an taobh tuath agus air an taobh deas,...
- 9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas
Cùm ort gu siar bho bhaile Bhràgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich. Tha tobhta an teampaill am broinn claidh a thathar fhathast a’ cleachdadh san là an-diugh. Bha dà phàirt san togalach – corp na h-eaglaise agus seansail aig a’...
- 9.4 Sgìre Ùig
Taigh a’ Bheannaich, An Gallan Ùigeach, Àird, Ùig Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith. Ao-coltach ri gin sam bith de na làraich eile air...
- 9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais
Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth. Tha e glè choltach gun robh an eaglais air an eilean a’ dol air ais...
- 9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh
Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal. Tha an teampall ann an sàr làrach agus gheibhear thuige thar fearann feurach le bhith a’ coiseach 2.5 km. Is...
- 9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh
Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn ach thathar dhan bheachd gum faodar gun robh manachainn air an làrach seo ron...
- 9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath
Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo. Is iongantach mur robh grunnan thuineachaidhean air an làrach seo mus deach an teampall a thogail tràth...
- 9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla
Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar. A rèir beul-aithris, b’ ann air an làrach seo a...
- 9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas
Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein. Am measg nan taighean dubha ann an Tobha Mòr lorgar tobha teampaill agus ceithir caibeil. A’ sgrìobhadh...
- 9.11 Cill Bharra , Barraigh
Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo air a choisirigeadh don Naomh Barr...
Bòrd na Gàidhlig
Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW
(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot
Colmcille
Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED
(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie
Colmcille
Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3
(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie