Is e Tùr a’ Chluig an t-aon tùr cruinn a tha air fhàgail ann an Dùn nan Gall. Ged a tha e faisg air 13 meatair a dh’àirde is e aon den fheadhainn as lugha den t-seòrsa structair seo ann an Èirinn. Chan eil càil a chinnt cuin a chaidh a thogail ach is dòcha nach eil e a’ dol air ais ach chun 12mh linn. Bhiodh iad air na clachan-ghràin a chaidh an cleachdadh san tùr a lorg air na tràighean ionadail.
Tha an tùr co-cheangailte ris a’ mhanachainn a bha air Toraigh. An uair a chaidh a thogail bha trì làir ann agus is dòcha gun robh muinntir an eilein ga chleachdadh gus sùil a chumail a-mach airson daoine a bhiodh a’ tighinn.