Skip to main content
Colmcille Logo White

7.4 An Eaglais Dhubh

Chaidh an Eaglais Dhubh a thogail mun aon àm ris an Abaid Bheinidicteach – san 13mh linn – le Raghnall mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean. B’ e a phiuthar Beathag a’ chiad bhana-phrìoir.

Lean Beathag an Riaghailt Agaistineach. Bha aon den dà eaglais dhubh Agaistineach a bha ann an Alba an seo air Eilean Ì (bha an tè eile ann am Peairt) ach bha mòran eile ann an Èirinn. Dh’fhaodadh gur e mnathan Èireannach a bha anns na ciad cailleachan-dubha a bha an seo. Fhuair i an t-ainm Eaglais Dhubh seach gur ann dubh a bha aodach nam mnathan cràbhaidh.

Bha Taigh nan Cailleachan-dubha le chlabstar agus eaglais mar shamhail na bu lugha de dh’Abaid Eilean Ì. Tha na tha air fhàgail a’ sealltainn cò ris a bha an Eaglais Dhubh – agus an Abaid – coltach san 13mh linn. Tha na pàirtean den eaglais as fheàrr a tha air an gleidheadh air an taobh tuath agus siar.

Aig an toiseach bhiodh an làrach a’ gabhail a-steach àite-còmhnaidh airson aoighean, àite-cadail, àite-bidhe agus àite-coinneachaidh – An Seòmar Caibidle. Bha fearann aig na cailleachdan-dubha cuideachd air taobh a deas Loch Staonaig ann am meadhan an eilein agus air eileanan eile faisg air làimh bhom faigheadh iad beagan teachd-a-steach.

Tha deagh leac-uaighe a’ comharrachadh A’ Bhana-phrìoir Anna NicIlleathain a chaochail ann an 1543 air a taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh na h-Abaid.

  • 7.1 . Na Croisean Mòra agus an Abaid

    Ràinig Calum Cille Eilean Ì ann am 563 an dèidh dha Doire ann an Èirinn fhàgail. A rèir beul-aithris, bha Calum Cille a’ coimhead airson àite san togadh e a mhanachainn far nach biodh e comasach dha a sheann dùthaich fhaicinn – agus sin bu choireach gun do thagh e Eilean Ì....

  • 7.2 Abaid, Clabhstair agus Eileach

    Bha am ‘Vallum’ no an t-Eileach a’ comharrachadh crìoch fearann manachainn Chaluim Chille air Eilean Ì. Chaidh a chruthachadh le dà bhruaich air gach taobh de chlais dhomhain. Tha an talamh a tha seo a tha nas àirde na am fearann mun cuairt 335 meatair a dh’fhaid agus 152 meatair...

  • 7.3 Teampall agus Rèilig Òdhrain

    Tha frith-rathad de chlachan a' ruith eadar Crois Naomh Màrtainn agus balla a' chlaidh. Is e seo an aon phìos a chithear de 'Sràid nam Marbh', slighe thaistealaich meadhan-aoiseil a bha air a chleachdadh airson giùlain tiodhlacaidh. Is e Seipeal Òdhrain an carragh-cuimhne eaglaiseil as sine air Eilean Ì, a'...

  • 7.4 An Eaglais Dhubh

    Chaidh an Eaglais Dhubh a thogail mun aon àm ris an Abaid Bheinidicteach – san 13mh linn – le Raghnall mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean. B’ e a phiuthar Beathag a’ chiad bhana-phrìoir. Lean Beathag an Riaghailt Agaistineach. Bha aon den dà eaglais dhubh Agaistineach a bha ann an Alba...

  • 7.5 Port nam Mairtear

    Tha Bàgh nam Martairean dìreach deas air a’ bhaile agus an làimrig. Chan eilear cinnteach mu thùs an ainm seo. Nam b' e an t-ainm tùsail Port nam Mairtear, dh'fhaodadh gu bheil e a' toirt tarraing air casgairt nam manach ann an aon de na creachaidhean Lochlannach san 9mh linn....

  • 7.6 Cnoc nan Aingeal

    Tha meadhan an eilein na àite ionaltraidh torrach ris an canar am Machair. Lean an rathad thar na machrach gus an ruig thu geata. Dìreach mus ruig thu an geata air do làimh chli chì thu cnoc beag ris an canar Cnoc nan Aingeal. A rèir Adhamhnan, a sgrìobh eachdraidh...

  • 7.7 Bàgh Chaluim Chille

    Thàinig Calum Cille gu Eilean Ì bho Earra-Ghàidheal ann an 563 far an robh e air a bhith a’ sireadh cead manachainn a thogail air fearann a bhuineadh don chinneadh a bha a’ riaghladh an sin – an Dàl Riata. Bho chosta Earra-Ghàidheil, is iongantach mun do sheòl e a-nall costa deas...

  • 7.8 An Cobhan Cùilteach

    Chan eil air fhàgail san là an-diugh den Chobhan Chùilteach ach stèidh chlach nach eil snaighte airson bothan a bha ann an cumadh uighe agus a bhiodh air a thogail le fiodh no sgrathan. Tha an doras dhan àird an iar-dheas gus solas an là a ghlacadh. An uair a...


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie