Tha an ceangal eadar Calum Cille agus Gleann Chaluim Chille a’ dol air ais gu ‘Beatha Chaluim Chille’ a chaidh a bharantachadh le Manus O’Dòmhnaill, a bha na neach-poilitigeach cudromach ann an iar-thuath Èirinn san t-16mh linn. Chaidh a chrìochnachadh ann an 1532, agus tha an leabhar seo a’ tarraing ri chèile cunntasan mu bheatha an naoimh agus na traidiseanan a tha co-cheangailte ris. Tha sgeulachdan ionadail bho bheul-aithris ag ràdh gun do dh’fhuirich Calum Cille ann an seo airson dà bhliadhna mus do dh’fhàg e Èirinn gus a mhanachainn a stèidheachadh air Eilean Ì.
Bithear a’ cumail Turas Chaluim Chille air an fheasgar ron 9mh Ògmhios – là fèill an naoimh – agus air 15mh Lùnastal – là Fèill Moire Mhòr, a tha na phrìomh fhèill ann an dualchas na h-Èireann. Bidh mòran dhaoine a’ dol air an turas barrachd air aon uair – cuid ga dhèanamh dhà no trì thursan sa chiad 24 uairean.