Is e càrn a tha anns an stèisean turais seo le leac air a ceann na seasamh sa mheadhan. Tha an càrn ann am meadhan achadh. Tha an leac a’ coimhead dhan àirde an ear/an iar agus chithear seallaidhean bhuaithe sìos gu Eaglais na h-Èireann. Bidh na taistealaich a’ cuairteachadh na lice trì turais agus ag ùrnaigh fhad ’s a bhios iad a’ coiseach timcheall oirre. Chan eil sgeadachadh sam bith air an lic.
An uair a bhios tu a’ coiseach suas an rathad gu stèisean turas 11, chì thu càrn eile de chlachan faisg air an rathad air do làimh chlì an uair a bhios tu a’ dol seachad air taigh. Tha seo mar phàirt den turas ach chan eil e air a chomharrachadh mar stèisean.