Is e seo na tha air fhàgail de sheapail a bha air Toraigh. Tha Mòr Sheisear a’ ciallachadh ‘big six’ agus san t-seann chànan na Gaeilge bha seo a’ seasamh airson an àireamh seachd.
Tha muinntir an eilein ag innse sgeula mun làrach gur e uaigh sheachdnar a chaidh a bhàthadh an uair a chaidh am bàta fodha air costa iarthuath an eilein aig Scoilt Móirsheisear. Cha robh ach aon bhoireannach am measg nan seachdnar agus chaidh ise a h-adhlacadh ri taobh nam fear. Ach sa mhadainn chaidh an corp aice-se fhaighinn air uachdar na h-uaighe agus mar sin chaidh a h-adhlacadh ann an làrach air leth. Is e seo an gàrradh beag a tha faisg air an t-seapail.