Canar Leabaidh Chaluim Chille ris an leac cloiche a tha air an talamh am broinn tobhta an togalaich.
Bhithear ag iarraidh air na taistealaich a tha a’ leantainn turas Gleann Chaluim Chille laighe air an leabaidh seo agus tionndadh trì turais. Thathar ag ràdh gun dìon rud beag creàdh a dheigheadh a thoirt fon leabaidh seo seòltairean bho bhith air am bàthadh agus taighean bho dhol nan teine.
Tha cùil sa bhalla agus mar as trice tha trì clachan innte. Bidh na taistealaich gam beannachadh fhèin le aon de na clachan sin agus an uair sin gan cur timcheall am bodhaig trì tursan. Thathar ag ràdh gun leigheis na clachan tinneas sùla agus mìgrèin.
Mus tèid iad a-steach, bidh na taistealaich, a’ dol timcheall air an t-seipeal 3 turais, a’ dol air an glùinean no a’ lùbadh an glùinean gach turas a bhios iad a’ dol seachad air an doras. Bidh iad a’ dèanamh ùrnaigh agus an uair sin a’ dol a-steach dhan tobhta.
Bidh gach taistealach a bhios a’ dol air turas Ghleann Chaluim Chille a’ coisrigeadh an slighe taisteil do chùis sònraichte air choreigin. Ann an seo, bidh na taistealaich a’ seasamh air Leac nam Bonn no Leac na h-Achanaidh – Flagstone of the Request – a’ coimhead a-mach gu siar agus ag innse rùn no fòcas an slighe taisteil.