Skip to main content
Colmcille Logo White

Archives: Mapa Comharran

6.6 Eaglais agus Uamh Chaluim Chille, Ellary

Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563.

Bha e airson coinneachadh ris an rìgh ionadail, Conall mac Comgall, aig an robh daingneach mu 15 mìle às a seo aig Dùn Add. A rèir beul-aithris dh’aontaich Conall aig a’ choinneamh seo leigeil le Calum Cille Eilean Ì a chleachdadh airson a mhanachainn a stèidheachadh ann.

Chan eil an eaglais agus an uamh ach beagan mheatairean bhon loch mara. Tha an eaglais na tobhta agus tha feur a’ fàs na broinn. Cha mhòr gum faicear an uamh air cùl na h-eaglaise. Gabh an ceum tron fheur gu cùl na h-eaglaise agus lorgaidh tu an uamh.

Tha uamh Chaluim Chille 5 meatairean a leud agus 18 meatairean a dhoimhneachd, agus mòr gu leòr airson buidheann dhaoine a ghabhail.

Air an taobh sear tha sgeilp air a bheil altair. Os cionn na h-altarach tha crois air a snaigheadh dhan bhalla. Tha mias, air chumadh uighe air a cruthachadh sa chreig, a bhiodh a’ cumail uisge coisrigte.

’S dòcha gum faic thu gu bheil luchd-turais a bhios a’ tighinn dhan uamh air a bhith a’ fàgail ofrail air an altair. Chan eil luchd-taisteil air a bhith a’ dèanamh seo ann am mòran dha na làraich sa cheàrnaidh seo.

Tuilleadh fiosrachaidh…

Tha arceòlaichean air a bhith a’ lorg nithean san uamh seo a tha a’ dol air ais chun àm Meadhan-Leacach (10,000-4,500BC) – meadhan linn na cloiche. Chaidh ciste-laighe cloiche agus dà uaigh ao-domhainn a lorg an seo cuideachd.

Chì thu cuid de na nithean a chaidh an lorg an seo ann an Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn.

Tha mias chloiche bhon uamh a-nis air a cleachdadh mar amar-baistidh ann an Eaglais Paraiste Chnapadal a Deas a tha faisg air làimh ann an Achadh a’ Chòis.

Tha tobhta Eaglais Chaluim Chille a’ dol air ais chun 13mh linn ach bhathar ag adhradh air an làrach seo airson iomadh bliadhna ron àm sin.

Tha an eaglais paraiste ionadail ann an Achadh a’ Chòis gach bliadhna a’ cur air adhart seirbheis aig an eaglais agus an uamh.

6.5 Eaglais Chille Mhoire

Tha eaglais Naomh Moire ann an Cille Mhoire air taobh sear Loch Suain. Tha Kilmory sa Bheurla a’ ciallachadh Cille Mhoire no Eaglais an Naomh Moire. Tha deagh sheallaidhean bhuaipe a-null gu eileanan Ìle is Dhiùra.

Chaidh a togail sa chiad leth den 13mh linn agus tha cruinneachadh de leacan-uaighe agus leacan-croise innte a tha a’ dol air ais gu toiseach agus deireadh nam meadhan-aoisean agus a chleachd a bhith san eaglais agus sa chladh.

Chan eil ceangal sònraichte aig an làrach seo ri sgeula Chaluim Chille idir. Ach tha e a’ sealltainn an eachdraidh fhada a tha air a bhith aig a’ chreideamh Chrìosdail sa cheàrnaidh seo agus an coisrigeadh do Mhoire air a cho-roinn ri manaich Eilean Ì. Bha na clachairean a shnaigh na leacan seo air a thighinn à Èirinn gu bhith ag obair air Eilean Ì.

Fad linntean bha na daoine ag obair air a’ mhuir is ri taobh na mara – agus bha beachdan, sgeulachdan is cliù air an sgaoileadh gu furasta. Bha na lochan-mara is uisgeachan eileanan an taoibh shiair nan slighean a bha air an cleachdadh airson obair craobh-sgaoilidh an t-soisgeil le Calum Cille, a luchd-leanmhainn is an fheadhainn a thàinig às a dhèidh.

Cha b’ e eaglais paraiste a bha san eaglais seo a-riamh. Bha i na pàirt de pharaiste Chnapadail agus bha a’ phrìomh eaglais sa Chill air taobh eile Loch Suain.

Air an rathad, cha mhòr nach eil 24 mìle eadar an dà àite-adhraidh. Thar na mara, tha e mu 3 mìle. ’S e àite a tha seo far a bheil siubhal thar na mara mòran nas goireasaich agus nas fhasa na tha e a bhith a’ siubhal thar na tìre.

Am broinn na h-eaglaise chithear cruinneachadh de leacan-croise tràth Crìosdail agus leacan-uaighe bho dheireadh nam meadhan-aoisean agus croisean a tha a’ dol air ais chun 14mh gu an 16mh linn.

Tha ballachan na h-eaglaise nan seasamh fhathast ach a-mhàin a’ gheibheal air an taobh sear. Am broinn na h-eaglaise chan eil càil air fhàgail de na bha innte o thùs ach cùil sa bhalla sear.

© Margaret Harkness
© Margaret Harkness

Tha croisean agus leacan-uaighe am broinn na h-eaglaise, agus chaidh mòran dhiubh fhaighinn sa chladh an seo ann an Cille Mhoire.

Gheibhear leacan-cloiche den t-seòrsa sin air feadh taobh siar na Gàidhealtachd is Earra-Ghàidheal. Bha an fheadhainn as sine dhiubh air an snaigheadh le clachairean a thàinig à Èirinn gu Eilean Ì sa 14mh linn gus a bhith ag obair air togalaichean na h-Abaid.

Bhithte a’ cur suas chroisean mar chomharra air dìlseachd dhan chreideamh Chrìosdail seach mar leacan-uaighe.

Bhiodh na leacan air an cur air muin na h-uaighe. Bhiodh gach uaigh air a cleachdadh leis an aon teaghlach thar ghrunnan ghinealach.

Bhiodh a’ chlach air a toirt à cuaraidh san sgìre – shuas an rathad eadar Cille Mhoire agus Caisteal Suain.

Tha samhlaidhean Crìosdail air an snaigheadh air mòran de na leacan, agus pàtrain eas-chruthach no ìomhaighean bhon là san robh iad beò.

Tha sgrìobhadh ann an Laideann air a shnaigheadh air crois Mhic a’ Mhaoilein ‘+hec est crux Alexandri Macmulen’ a tha a’ ciallachadh ‘Seo crois Alasdair Mhic a’ Mhaoilein’.

Air aon taobh tha sealladh de chrann-ceusaidh agus air an taobh eile, sealladh seilge a’ sealltainn laoch agus a choin a’ sealg fèidh.

Chaidh a’ chrois a dèanamh sa 15mh linn do Alasdair Mac a’ Mhaoilein, ceannard ionadail a bha a’ fuireach ann an Caisteal Suain.

6.4 Eaglais agus Cladh na Cille

Tha Eaglais na Cille shuas air rubha a tha a’ dol a-mach air bruaichean siar Loch Suain. Tha an eaglais a’ dol air ais chun 13mh linn ach thathar dhan bheachd gun do thòisich daoine ag adhradh an seo san 8mh linn.

Dìreach mar le Eaglais Chille Mhoire air taobh eile Loch Suain, chan eil dlùth cheangal aig an eaglais seo ri sgeula Chaluim Chille. Ach tha e a’ dearbhadh gun robh Crìosdaidhean a’ fuireach ann an seo sna linntean an dèidh a bhàis.

Chithear san eaglais cruinneachadh mòr de leacan bhon àm tràth meadhan-aoiseil agus bho dheireadh an ama meadhan-aoiseil. Is e an tè as sònraichte Crois na Cille a tha 2 mheatair a dh’àirde.

Bhon eaglais, chithear deagh sheallaidhean den loch mara agus eileanan Ìle is Dhiùra.

Le a cumadh sìmplidh ceart-cheàrnach, tha an eaglais coltach ri mòran eile a chaidh an togail air feadh taobh siar na Gàidhealtachd. Bhiodh na ballachan air an còmhdach le aol air an taobh a-staigh is air an taobh a-muigh agus dh’fhaodadh gum biodh beagan sgeadachaidh air a pheantadh oirre cuideachd.

Tha Crois na Cille a’ dol air ais gu deireadh an 8mh linn no tràth san 9mh linn, a’ sealltainn gun robh luchd-adhraidh Crìosdail air an làrach seo.

Chan eil a’ chrois air a snaigheadh ach air an dàrna taobh. Tha ceithir leòmhainn a’ cuairteachadh cnap cruinn sa mheadhan leis an Naomh Mìcheil air a riochdachadh os cionn sin agus naomh na shuidhe air muin a’ phàirt den chrois a tha gu h-ìosal. Fon sin tha panalan le sgeadachadh eadar-fhighte is rollachain de dhuilleach.

Bha Crois na Cille air tùs suidhichte air a’ bhruthach ri taobh na h-eaglaise. Tha am mac-samhail a tha seo a’ comharrachadh far an robh a’ chrois air taobh iar-thuath na h-eaglaise.

Tha leacan-uaighe agus croisean air an taisbeanadh taobh a-staigh na h-eaglaise. Tha mòran dhiubh air an snaigheadh le pàtrain sgeadachaidh, claidhnean agus samhlan co-cheangailte ris na daoine a tha air an comharrachadh san obair-cloiche.

6.3 Cladh Chille Mhàrtainn

Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil – taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn. Ach bha àite cudromach aig a’ cheàrnaidh seo ann an dualchas tràth Crìosdail na h-Alba.

B’ ann dìreach 5 mìle deas air seo aig Dùn Ad a bha daingneach a bha aig rìghrean Dhàl Riata. Thathar ag ràdh gun do thadhail Calum Cille air rìgh Dhàl Riata goirid an dèidh dha Doire fhàgail, is dòcha airson cead fhaighinn a mhanachainn a thogail air Eilean Ì.

Ann an cladh Eaglais Chille Mhàrtainn tha cruinneachadh de 79 leacan snaighte tràth Crìosdail is meadhan-aoiseil am broinn a’ chlaidh agus ann an togalach ri taobh na h-eaglaise. Tha dà chrois shnaighte air an cumail am broinn na h-eaglaise.

Tha Kilmartin no Cille Mhàrtainn a’ ciallachadh ‘eaglais an Naomh Màrtainn’ sa Ghàidhlig. Tha Adomnan a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille, a’ clàradh gun robh manaich Chaluim Chille a’ toirt mòran àite don Naomh Màrtainn. Tha e glè choltach gun robh lethbhreac de Bheatha an Naomh Màrtainn on 5mh linn san leabharlann air Eilean Ì.

Tha an leac-uaighe as tràithe ann an seo a’ dol air ais chun 13mh linn ach bha Crìosdaidhean a’ fuireach agus ag adhradh sa cheàrnaidh seo fada ron àm sin.

Tha leacan a chaidh an snaigheadh leis an aon bhuidheann de shaigheadairean air an lorg air feadh taobh siar na Gàidhealtachd is Earra-Ghàidheal. Bha an fheadhainn a bu shine dhiubh air an dèanamh le clachairean a bha stèidhichte air Eilean Ì. Ach cha b’ e iad sin an t-aon bhuidheann de luchd-ciùird is luchd-ealain a bha a’ dèanamh leacan den t-seòrsa seo. Bha feadhainn eile ag obair aig Loch Obha aig deireadh a’ 14mh – deireadh a’ 15mh linn, mu 5 no 6 mìle à seo.

Tha dà Chrois Chille Mhàrtainn air an gleidheadh ann an Eaglais Chille Mhàrtainn. Tha a’ chrois as sine a’ dol air ais gu àm mun 9mh – 10mh linn agus buinidh an tè eile do dheireadh an ama meadhan-aoiseil.

Bhithte a’ cur nan leacan-uaighe air an talamh agus bhiodh iad a’ comharrachadh làrach adhlacaidh còrr air aon ghinealach den aon teaghlach. Chan eil ainmean air an clàradh agus mar sin chan eil fhios cò a tha air an adhlacadh fo na leacan sin ach tha e glè choltach gum buineadh iad do theaghlaichean nan riaghladairean ionadail.

Tha cuspairean agus pàtrain sgeadachaidh a’ nochdadh uair is uair air na leacan. Tha cumaidhean laoich is armachd orra gu math tric agus sleaghan is claidhnean. Tha biastan miotasach no ainmhidhean seilge cuideachd air an snaigheadh air na leacan. Chì thu cuideachd pàtrain agus samhlaidhean eadar-fhighte.

Tha na leacan air an cur ann an òrdugh a rèir an ama don buin iad agus tha an tè as sine air do làimh chlì mar a thèid thu a-steach don t-seòmar. Chithear tuilleadh chruinneachaidhean de leacan-uaighe ann an Eaglais na Cille agus ann an Eaglais Chille Mhoire, a tha nas fhaide gu deas.

6.2 Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn

Tha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn air a stèidheachadh ann an seann mhansa Eaglais Chille Mhàrtainn ann am meadhan baile Chille Mhàrtainn.

Tha cruinneachadh iongantach is mìorbhaileach de 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn, uile taobh a-staigh cearcall de shia mile bhon taigh-tasgaidh. Tha fìor dheagh eachdraidh tràth Chrìosdail aig an sgìre agus tha dlùth cheangal aige ri sgeula Chaluim Chille.

Tha an taigh-tasgaidh a’ rannsachadh arceòlas, sealladh-tìre agus eachdraidh a’ ghlinne. Am broinn an taigh-tasgaidh chì thu na nithean a chaidh an cladhach aig Dùn Ad a tha faisg air làimh, prìomh ghearastan rìgh Dhàl Riata. Thathar ag ràdh gun do thadhail Calum Cille air an rìgh an uair a thàinig e a dh’Alba an toiseach ann an 563.

Tha nithean a chaidh an lorg ann an Cille Mhàrtainn agus san sgìre mun cuairt air an taisbeanadh an seo san taigh-tasgaidh. Tha cruinneachaidhean eile bho Chille Mhàrtainn air an gleidheadh ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba ann an Dùn Èideann, Taighean-tasgaidh Ghlaschu agus Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn.

Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn © Alan Sproull
Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn © Alan Sproull
Tuilleadh fiosrachaidh…

Tha làrach-lìn Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn a’ toirt fiosrachaidh mhionaidich mu uairean fosglaidh an taigh-tasgaidh agus an cafaidh. Tha an taigh-tasgaidh mar as trice fosgailte bho thoiseach na Màrt gu deireadh an Dùbhlachd ach thoir sùil air an làrach-lìn airson an fhiosrachaidh as ùire.

Fhuair Pròiseact Dhàl Riata taic bho Thaigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn. Tha dà chuairt aca air bhideo a’ sgrùdadh eachdraidh na sgìre ionadail.

6.1 Dùn Ad

San 6mh linn, b’ e Dùn Ad bunait cumhachd is prìomh ghearastan nan uachdaran ionadail – an Dàl Riata.

Tha a’ charraig mhòr seo na seasamh gu h-àrd air a’ Mhòine Mhòir is Abhainn Ad a’ snìomh shìos mu bonn.

Thadhail Calum Cille air rìgh Dhàl Riata aig Dùn Ad an uair a thàinig e gu Earra-Ghàidheal an toiseach. ’S dòcha gun do choinnich iad aig Dùn Ad.

Tadhail air a’ charraig far an robh gearastan muinntir Dhàl Riata. Faic lorgan coise a tha air an snaigheadh ann an cloich agus a dh’fhaodadh a bhith mar phàirt de dheas-ghnàth rìoghail a bha aca an uair a bhithte a’ cur rìghrean ùra nan dreuchd.

Goirid an dèidh dha a thighinn a dh’Earra-Ghàidheal, thathar ag ràdh gun do thadhail Calum Cille air Conall, rìgh Dhàl Riata, aig a phrìomh làrach.

’S iongantach mur e Dùn Ad am prìomh dhaingneach agus àite-cumhachd Chonaill agus tha e glè choltach gur ann an seo a thàinig Calum Cille.

Bha fearann aig an Dàl Riata sa cheàrnaidh ris an canar ceann a tuath Èirinn san là an-diugh agus ann an Earra-Ghàidheal.

Tha e glè choltach gun tug Conall cead do Chalum Cille manachainn a thogail air Eilean Ì agus gun do leig an fheadhainn a thàinig an dèidh Chonaill do Chalum Chille a lìonra a leudachadh gu eileanan eile air feadh Innse Gall.

Bha gearastan mòr Dhùn Ad air a thogail air carraig chreagach ag èirigh 60 meatair os cionn an fhearainn mun cuairt.

Bhon chnoc chithear an caladh aig a’ Chriònan, mu 3 mìle air falbh agus, taobh thall na mara, eileanan Dhiùra agus Sgarba. Tha e furasta faicinn carson a bha an t-àite ro-innleachdail seo air a chleachdadh agus air a leasachadh thar iomadh linn.

Bha an dùn air a leudachadh thar iomadh ghinealach – thòisich e mar dhùn beag anns an 4mh no an 5mh linn agus bhathar fhathast gu leasachadh san 8mh no an 9mh linn. Aig aon àm, bha tiughad de dheich meatairean sa bhalla.

Streap suas an cnoc agus lorgaidh tu dà lorg-choise snaighte sa chreig faisg air mullach a’ chnuic. Bha na lorgan seo air an cleachdadh ann an deas-ghnàthan coisrigidh rìghrean an Dàl Riata.

Tha lorg-coise snaighte ann an creig a tha a’ coimhead dhan àirde tuath. Tha lorg eile ann nach eil slàn. An uair a chuireadh rìgh a chas ann an lorg mar sin bha e mar chomharra gun robh e ga cheangal fhèin ris an fhearann. Aig an àm, bhathar dhan bheachd gun robh e na shamhla air aonadh eadar an rìgh agus ‘a’ bhan-dhia’ a bha a’ riochdachadh an fhearainn agus a thorrachais. An uair a chuireadh e a chas dhan chloich seo, bhiodh e cuideachd a’ coimhead thairis air an fhearann a bha e a’ dol a riaghladh thairis.

Tha ìomhaigh shnaighte de thorc faisg air làimh, nach eil uabhasach furasta fhaicinn a-nis, agus tha sgrìobhadh ann an ogham ann cuideachd – seann aibidil o àm thràth sna meadhan aoisean. Bha na litrichean mar sgrìoban sa chreig. Chan eil e soilleir dè tha na sgrìoban seo a’ ciallachadh ach tha iad a’ sealltainn gur e àite sònraichte a bha sa ghearastan, ’s gun robh e ceangailte ri daoine cumhachdach.

Tha a’ chlach a-nis fon talamh ach chithear mac-samhail dhith gus an tèid an snaigheadh air a’ chloich fhèin a dhìon.

’S dòcha gun robh a’ mhias a tha air a snaigheadh dhan chreig air a cleachdadh airson uisge a chumail an uair a bhithte a’ coileanadh seirbheisean coisrigidh.

Bhiodh an Dàl Riata a’ dèanamh sheudan agus obair-shnaighte cloiche eireachdail. Tha cladhadh arceòlasach a tha air an làrach seo air a thoirt am follais gun robh sluagh Dhàl Riata a’ malairt stuth ri daoine bho thìr mòr na Roinn Eòrpa. Lorg arcèolaichean cruinneachadh air leth de chrèadhadaireachd a thàinig dhan dùthaich bho mòr-thìr na h-Eòrpa. B’ e seo an cruinneachadh de chrèadhadaireachd a bu mhotha a chaidh a-riamh a lorg ann an dùthaich Cheilteach air costa an Iar na Roinn Eòrpa.

Bhiodh muinntir Dhàl Riata cuideachd a’ dèanamh an seudaireachd fhèin leithid bràistean agus prìneachan. Tha cladhadh arceòlach air lorg fhaighinn air na molltairean anns am bithte a’ dèanamh nan nithean prìseil seo.

Tha na nithean a bha air an lorg aig Dùn Ad a-nis air an cumail ann an Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn agus ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.’

Tha e gu math coltach gun robh Earra-Ghàidheal air a thighinn fo bhuaidh a’ chreideimh Chrìosdail mus tàinig Calum Cille ann an 563. Tha na carraighean-cuimhne Crìosdail a’ dol air ais chun t-6mh linn.

Tha mòran chlachan snaighte Crìosdail tràth agus làraich co-cheangailte ri adhradh anns an sgìre.

Chithear iad ann an Eaglais Sgìre Chille MhàrtainnEaglais Sgìre Chille MhìcheilEaglais Chille Mhoire agus Eaglais na Cille.

5.5 Baile an Teampaill

Thathar dhan bheachd gun deach a’ chiad eaglais air an làrach seo a stèidheachadh le Naomh Adamhnán (c.628-704), a bha na ab air manachainn Eilean Ì eadar 679 is 704 agus b’ e ùghdar ‘Beatha Chaluim Chille’.

A rèir beul-aithris, bha Adhamhnán airson eaglais a thogail dà mhìle air falbh aig Lios na Scréachóg ach a h-uile turas a chaidh na ballachan a thogail thuit iad gu làr. Rinn Adhamnán ùrnaigh mun chùis ach fhad ’s a bha e ag ùrnaigh, thuit e na chadal. Nuair a dhùisg e bha iolaire a’ sgèith air falbh leis an leabhar-ùrnaigh aige. Leig an iolaire às an leabhar air an làrach seo agus mar sin thog Adomnán eaglais ann an seo ann an Gleann na h-Iolaire/ Glenullin .

Tha cuairt a tha a’ dol timcheall ann an cearcall a’ tòiseachadh ann an seo agus tha i gad thoirt gu coille Ghleann na h-Iolaire a tha faisg air làimh, far a bheil clach coisrigidh Gortnamoyagh – ris an canar cuideachd Clach Adhamhnáin. Tha slighe na cuairt air a sealltainn air bòrd-mìneachaidh aig an eaglais. Faodaidh tu cuideachd draibheadh gu coille Ghleann na h-Iolaire.

Bhithte a’ cleachdadh clachan coisrigidh ann an seirbheisean a bhithte a’ cumail gus stèidheachadh còir a bha aig rìgh a bhith a’ riaghladh thar na dùthcha ionadail. Tha lorg-coise sa chloich far a bheilear ag ràdh a chuir an rìgh a chas gus a bhith a’ comharrachadh a dhealas dhan tìr. Ann an Gleann na h-Iolaire, thathar ag ràdh gur e lorg-coise Adomnán a tha ann a rinn e an uair a sheas e a dhèanamh ùrnaigh.

Chaidh lorgan-coise mar seo a lorg aig làraich air feadh Èirinn is an Roinn Eòrpa a’ gabhail a-steach Dún Ad ann an Earra-Ghàidheal, Alba far a bheil lorg-coise ann an cloich a tha ceangailte ri rìghrean Dhál Riata.

An-diugh tha tobhta na h-eaglais thràth sin ann am meadhan a’ chlaidh. Taobh a-muigh crìochan a’ chlaidh tha taigh-fo-thalamh a tha a-nis air a chuairteachadh le feansa gus nach fhaighear thuige. Bha an seòmar fon talamh seo 5m a dh’fhaid agus 7m a leud agus dh’fhaodar gun robh e air a chleachdadh mar stòr agus mar àite-falaich an uair a bhathar a’ toirt ionnsaigh air an làrach.

5.4 Camas

Tha pìos beag de chrois meadhan-aoiseil Camais a bha air a dèanamh de chloich-gainmhich dheirg a-nis ann an cladh a tha air taobh siar Abhainn Bann gu deas air Cúil Raithin. Tha seallaidhean cràbhach air an snaigheadh air gach taobh den chrois – An Àirc agus murt Abeil air an taobh an iar agus baisteadh Ìosa agus (is dòcha) a chur an grèim air an taobh sear.

Tha Adhamhnán – a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille – ag innse sgeula a tha a’ ceangal Chaluim Chille ris an àite seo. Tha Adhamhnán ag innse mar a bha an naomh a’ siubhal air ais chun chosta bho Cho-chruinneachadh Drum Ceat còmhla ris an Ab Comgall – a bha an dèidh làimh na Naomh. B’ e Camas aon de mhanachainnean Chomgall agus tha e glè choltach gur ann sa chladh a bha i. Tha i na seasamh làimh ri fadhal ainmeil air Abhainn Banna agus tha e glè choltach gur ann an seo a chaidh Calum Cille tarsainn air an abhainn air a shlighe gu Cúil Raithin. Shuidh an dithis fhir sìos gus an anail a leigeil,

Chaidh uisge a thoirt ann am mèis umha chun nan naomh airson an làmhan a nighe bho shruthan a bha faisg orra. Ghabh an Naomh Calum Cille a’ mhèis agus thuirt e ris an Ab Comgall a bha na shuidhe ri thaobh:

‘Thig an là, AaChomgaill, an uair nach bi e comasach do dhaoine a bhith a’ cleachdadh an t-sruthain às an tàinig an t-uisge seo.’ ‘Ciamar a bhios uisge an t-sruthain air a thruailleadh?’ arsa Comgall

‘Bidh e luma-làn fuil dhaoine. Bidh mo dhlùth dhàimhean-sa agus do dhàimhean-sa a rèir na feòla (na h-Uí Neíll agus an Cruithin) a’ cogadh an aghaidh a-chèile, ann am blàr aig an daigneach seo aig Dún Cethirn faisg air an làrach seo. Thèid aon de mo chàirdean a mharbhadh san t-sruthan seo, agus lìonaidh fhuil agus fùil chàich an sruthan’

                                                                             Leabhar 1: 49

Thathar dhan bheachd gur e Sgons an Fhamhair – Giant’s Sconce – an làrach air an robh Dún Cethirn.

Tha ‘Cam uisce’ no ‘Uisge cam’ a’ ciallachadh the place of the crooked water. Airson nam mìltean de bhliadhnaichean tha daoine air a bhith a’ dol tarsainn air a’ Bhann an seo aig an fhadhal faisg air Eilean Loughan – mar a thathar air a dhearbhadh leis na stuthan arceòlais a thathar air a lorg san abhainn. Air Beinn Sandel a tha faisg air làimh tha arceòlaichean air stuth fhaighinn bhon tuineachadh as sine a fhuaras ann an Èirinn a tha a’ dol air ais co-dhiù 9,000 bliadhna.

Tha clach bullaun air taobh tuath a’ chlaidh. Thathar a’ creidsinn gu bheil buadhan naomha aig an uisge a tha na laighe san lag a tha sa chloich seo agus thathar ag ràdh nach tiormaich e a chaoidh.

5.3 Eaglais Naomh Pàdraig, Eaglais na h-Èireann, Cúil Raithin

Tha an t-iomradh as tràithe a tha ann mu Cúil Raithin a’ nochdadh ann am Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Adomnán. Bha Adomnán na Ab an Eilean Ì agus sgrìobh e a chunntas air eachdraidh beatha Chaluim Chille ceud bliadhna an dèidh bàs an naoimh ann an 597.

Dh’ainmich Adomnán gun do dh’fhuirich Calum Cille còmhla ri Easbaig Chúil Raithin air a shlighe dhachaigh bho Cho-chruinneachadh Drum Ceat. Fhad ’s a bha e ann, bhiodh muinntir an àite a’ toirt biadh thuige a bhiodh an naomh a’ beannachadh agus chronaich Calum Cille aon fhear airson cho sanntach ’s a bha e. Bhiodh iad ag ithe a’ bhìdh aig fèist a bhithte air a chumail an uair a bha an naomh san àite.

Leis gun robh easbaig an làthair, ’s iongantach mun robhar a’ meas Chúil Raithin mar àite cudromach aig an àm seo.

Dh’fhaodadh gun deach eaglais paraiste Eaglais na h-Èireann, Naomh Pàdraig, a chaidh a togail aig deireadh an 19mh linn a togail air làrach an tuineachaidh eaglaiseil a bha ann an Cúil Raithin o thùs.

5.2 Sgons an Fhamhair

Bho mhullach Dhún Ceithirn (Giant’s Sconce), tha e furasta tuigsinn carson a bhiodh e na dheagh làrach airson dùn a thogail. Chithear seallaidhean matha bhuaithe air gach taobh agus chan eil Abhainn Banna fada air falbh thar na tire agus tha am muir an ìre mhath faisg cuideachd.

Thathar dhan bheachd gu bheil an carragh-cuimhne seo air làrach daigneach àrsaidh Dún Ceithirn. An-diugh chan fhaicear ach cnoc le mullach còmhnard ach aig aon àm bha dùn an seo le ballachan a bha 5-8 meatairean a leud.

Tha Adhamhnán, a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille ag innse gun do rinn an naomh fàisneachd mu Bhlàr Dún Ceithirn an uair a bha e aig Co-chruinneachadh Drum Ceat agus thuirt e gum biodh Abhainn Bhann luma-làn fuil a luchd-dàimh.

Bha am blàr a thachair ann an 632 eadar Congal Cáech, rìgh bho taobh sear Ulaidh, agus Domnall mac Áedo, fear a bha càirdeach do Chalum Cille is a bhuineadh do Dhùn nan Gall agus a bha na rìgh air Teamhair (Tara) – ’s dòcha an rìoghachd a bu chumhachdaich ann an Èirinn.

Tha e a’ coimhead coltach gun robh Dún Ceithirn fo smachd Chongal agus is dòcha gun robh e a’ feuchainn ri làmh an uachdair fhaighinn air Domnall. Bhuannaich Domnall am blàr ach b’ fheudar dha ionnsaigh a thoirt air Congal a-rithist ann an 639 ann am Blàr Mag Roth, agus bhathar dhan bheachd gun do rinn Calum Cille fàisneachd mun bhlàr seo cuideachd.


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie