Skip to main content
Colmcille Logo White

Archives: Mapa Comharran

9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

Tha e glè choltach gun robh an eaglais air an eilean a’ dol air ais chun 12mh linn. Bhiodh eaglais sam bith a bhiodh ann ron sin air a dèanamh de sgrath, mòine no fiodh agus mar sin cha bhiodh càil dhen sin air fhàgail. Tha arceòlaichean air fianais, ro-Chrìosdail, Crìosdail agus Lochlannach a lorg ann an seo.

Chaidh an eaglais a coisrigeadh do Chalum Chille – sin as coireach gu bheil an t-ainm seo air an eilean. Tha sgeulachdan ionadail ag innse mar a bha manachainn agus taigh sagairt air an eilean. Ann an 1549, thadhail an Ridire Dòmhnall Rothach air an eilean agus rinn e dealbh air an ubhal-ghort a chunnaic e ann. An uair a bha Màrtainn Màrtainn ann an Innse Gall aig deireadh an 17mh linn, dh’ainmich e eaglais a bha air Eilean Chaluim Chille.

Bha cumadh ceart-cheàrnach air an eaglais ach dh’fhaodadh gun robh togalaichean eile faisg air làimh. Tha Crois Eilean mar ainm air pàirt dhan eilean agus is dòcha gur e seo crìoch an fhearainn a bha fo chùraim na h-eaglaise.

Bha an cladh air a chleachdadh chun 19mh linn airson Sgìre nan Loch air fad. Bha cunntas mun eilean san leabhar a sgrìobh Iain Sands ann an 1876 ‘Out of the World’ no ‘Life in St Kilda’,

‘Captain M’Donald took me in his gig to see a churchyard situated on an island called St Colm. It is quite close to the water, and is about sixty feet square…Although there seems to be plenty of suitable ground outside, the people persist in interring the dead within the ancient limits. Nay, not interring but piling the coffins one on top of the other, until they have risen to the height of ten feet above the surface. The coffins are not even covered with earth, but are only wrapped in turf.’

Air tìr mòr aig Cro Mòr, bha aon dha na croitean air ainmeachadh mar Lios an Teampaill no Garden of the Chapel. Agus tha beul-aithris ionadail ag ràdh gun robh sagart Naomh Calum a’ fuireach an seo air tìr mòr.

9.4 Sgìre Ùig

Taigh a’ Bheannaich, An Gallan Ùigeach, Àird, Ùig

Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith. Ao-coltach ri gin sam bith de na làraich eile air a’ chuairt seo, tha an teampall seo air a suidheachadh shuas air mullach carraig an àite a bhith faisg air tràigh no furasta faighinn thuice air bàta.

Tha tobhta balla fhathast timcheall air Taigh a’ Bheannaich agus chithear làrach de 5 chilltean mhanach faisg air làimh – tha arceòlaichean cuideachd air lorg fhaighinn air fianais gun robh 13 cilltean eile air an làrach seo.

Tha ballachan an teampaill dìreach còrr air 1 meatair a dh’àirde. Tha i 5.5 meatair mu 3.3 meatair a leud.

Tobhta Taigh nan Cailleachan Dubha agus Baile Croitearachd Mhealasta

Tha seann bhaile croitearachd Mhealasta a’ dol air ais chun 17mh linn ged a bha daoine a’ fuireach ann an seo iomadh linn ron sin.

Tha beul-aithris ag ràdh gur e seo làrach taigh-cràbhach ris an canar Taigh nan Cailleachan Dubha – House of the Black Women or House of the Nuns. Tha tobhta eaglais thràth agus cladh faisg air a’ mhuir.

Bha baile croitearachd Mhealasta gu math coltach ri iomadh fear de sheòrsa sna h-eileanan seo air nach tàinig atharrachadh thar linntean. Bha na daoine beò air toradh an fhearainn agus na mara. Bhiodh iad a’ dèanamh teine leis a’ mhòine a bhiodh iad a’ buain as t-samhradh agus a bhiodh air a tiormachadh leis a’ ghaoith. Bhiodh iad a’ cur bàrr air a’ mhachair faisg air an tràigh. Bhiodh iad ag iasgach cuideachd.

Tha an t-ainm Mealasta – agus ainmean eile san sgìre seo – a’ tighinn bhon chànan Lochlannach agus a’ comharrachadh ionnsaighean agus tuineachaidhean nan Lochlannach sa cheàrnaidh seo.

Chuireadh na daoine às an àite ann an 1838 gus tuathanas chaorach a stèidheachadh agus chaidh an gluasad gu sgìre Nis air ceann a tuath Leòdhais no chaidh iad mar eilthirich a Chanada no a dh’Astràilia.

Chì thu fhathast na tha air fhàgail de stèisean ràdair on Dàrna Cogadh a bha ann an seo bho 1941-1946.

Dè eile?

Is fhiach a dhol gu Sgìre Ùig, chan ann a-mhàin gus tadhal air na làraich a tha a’ beantainn ris na h-amannan tràtha ann an eachdraidh a’ chreideimh Chrìosdail ach cuideachd airson tadhal air na tràighean bòidheach ann an Ùig is Mangarstadh.

Fir-tàileisg Leòdhais a chaidh an lorg air tràigh ann an Ùig. Faigh a-mach tuilleadh mu Fhir-tàileisg Leòdhais agus an eachdraidh co-cheangailte ri tràigh Ùig an seo.

Airson tuilleadh mun eachdraidh ionadail, tadhal air làrach-lìn Chomunn Eachdraidh Uig.

9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

Cùm ort gu siar bho bhaile Bhràgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

Tha tobhta an teampaill am broinn claidh a thathar fhathast a’ cleachdadh san là an-diugh. Bha dà phàirt san togalach – corp na h-eaglaise agus seansail aig a’ cheann an ear. Tha corp na h-eaglaise mu 6 meatairean a dh’fhaid agus an seansail mu 2 mheatair a dh’fhaid. Chan eil ach aon seòmar sa mhòr chuid de theampaill a bhuineas don àm seo. Is iongantach mur deach a togail sa 15mh linn.

Bithear ag ainmeachadh an teampaill seo uaireannan mar Chill Sgàire. Thathar dhan bheachd gur e ainm Lochlannach a th’ ann an Sgàire a bhithear uaireannan a’ cleachdadh sa Bheurla mar Zachariah no Zachary.

9.2 Teampall Mholuidh, Eoropie, Leòdhas

Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall.

Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh. Tha dà sheapal bheag air gach taobh den togalach air an taobh tuath agus air an taobh deas, agus mar sin tha cumadh T air an eaglais.

Chan eil càil a dh’fhios cuin a chaidh an teampall a thogail. Tha am plana a tha oirre coltach ris a’ phlana a tha air tobhta na h-eaglaise ann an Gardar sa Ghrionlainn a chaidh a togail san 12mh linn agus a leudachadh san 13mh linn. Tha grunnan eaglaisean ann an Èirinn a chaidh an coisrigeadh do Mholuag agus feadhainn eile air taobh siar na h-Alba a bhuineas don àm seo cuideachd. Tha sgeulachdan bho bheul-aithris ag ràdh gun do thadhail Moluag air an làrach seo san t-6mh linn ach chan eil fianais sam bith clàraichte mun sin. Tha sgeula eile ag ràdh gun deach a’ chiad theampall a thogail ann an seo le mac rìgh à Lochlann.

Chleachd taistealaich a bhith a’ tadhal air an teampall gus leigheas fhaighinn do dhaoine a bha air a dhol às an ciall agus airson lotan. Bhithte a’ toirt uisge bho thobair a bha faisg air làimh agus a bha air a coisrigeadh do Rònan, do dhaoine a bha air a dhol às an ciall agus bhithte an uair sin gan ceangal ris an altair airson oidhche an dòchas gum biodh iad air an leigheas ron mhadainn. Ann an 1630 tha e air a chlàradh gum faodadh daoine a bha a’ sireadh leigheas airson lotan agus nach b’ urrainn tadhal air an teampall iad fhèin mac-samhail fiodha dem ball-cuirp a chuir chun teampall gus a bhith air a shìneadh air an altair.

Sgrìobh Màrtainn Màrtainn san leabhar aige ‘Description of the Western Isles’ aig deireadh an 17mh linn mu chleachdadh ionadail eile a bh’ aca:-

They were in greater veneration in those days than now: it was the constant practice of the natives to kneel at first sight of the Church, though at a great distance from them, and then they said their Paternoster. John Morison of Bragir told me that when he was a boy, and going to the Church of St. Malvay, he observed the natives to kneel and repeat the Paternoster at four miles distance from the church.

The inhabitants of this island had an ancient custom to sacrifice to a sea-god called Shony, at Hallow-tide, in the manner following: The inhabitants round the island came to the Church of St. Malvay, having each man his provision along with him; every family furnished a peck of malt, and this was brewed into ale; one of their number was picked out to wade into the sea up to the middle, and carrying a cup of ale in his hand, standing still in that posture, cried out with a loud voice saying, “Shony, I give you this cup of ale, hoping that you’ll be so kind as to send us plenty of sea-ware for enriching our ground for the ensuing year”; and so threw the cup of ale into the sea. This was performed in the night time. At his return to land they all went to church, where there was a candle burning upon the altar; and then standing silent for a little time, one of them gave a signal, at which the candle was put out, and immediately all of them went to the fields, where they fell a-drinking their ale, and spent the remainder of the night in dancing and singing, &c.

The next morning they all returned home, being well satisfied that they had punctually observed this solemn anniversary, which they believed to be a powerful means to procure a plentiful crop. Mr. Daniel and Mr. Kenneth Morison, ministers in Lewis, told me they spent several years before they could persuade the vulgar natives to abandon this ridiculous piece of superstition; which is quite abolished for these 32 years past.

Tha crois chloiche le ceangal ris an Naomh Rònan ann an taigh-tasgaidh Chomunn Eachdraidh Nis agus tha clach eile ann a thathar ag ràdh a thàinig à Eilean Ì.

Dè eile?

Faigh a-mach tuilleadh mu eachdraidh Nis air làrach-lìn Chomunn Eachdraidh Nis.

9.11 Cill Bharra , Barraigh

Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo air a choisirigeadh don Naomh Barr – dh’fhaodadh e bhith gur e seo an t-aon naomh ris an Naomh Fionnbarr à Corcaigh.

Tha pàirtean de bhallachan tuath agus deas de Chill Bharra nan seasamh fhathast. Chì thu na tha air fhàgail den doras sa bhalla a tuath. Faisg air làimh tha tobhta balla teampaill eile a tha a’ dol air ais gu na 1400an.

© Alan Sproull

Dh’fhaodadh gun deach an Teampall a Tuath a thogail san 16mh linn agus is e an t-aon thogalach air an làrach air a bheil mullach. Na bhroinn tha mac-samhail de Chlach Chill Bharra a tha a’ dol air ais gu àm eadar 900 agus 1100.

Air aon taobh tha crois Chrìosdail. Air a chùlaibh tha rùn-sgrìobhaidh Lochlannach ann an trì loidhnichean a tha a’ dol bhon mhullach chun bhonn. Thathar air na rùin ath-sgrìobhadh mar:-

…(t)ir·þ:ur·kirþu:s(t)in(a)r …r·is·kurs:sia(:)rstr …(k)a

a’ toirt dhuinn :-

…eftir Þorgerðu Steinar’s dóttur es kors sjá reistr

agus gabhaidh seo a mhìneachadh mar:-

‘Mar chuimhneachan air Þorgerðr Steinarsdóttir tha a’ chrois seo air a togail’ no ‘Chaidh a’ chrois seo a togail mar chuimhneachan air Thorgerth, nighean Steinar’.

Bha rùin, ogham agus Laideann air an cleachdadh ann an sgrìobhadh aig an àm seo. B’ ann à Lochlann a thàinig na rùin. Bha ogham air a chleachdadh leis na h-Èireannaich, na Cruithnich agus na h-Albannaich – chithear sgrìobhadh ogham aig Dùn Ad, an dùn Cruithneach. B’ e Laideann an cànan a bha an lùib a’ chreideimh Chrìosdail agus leudaich e mar a bha an creideamh a’ sgaoileadh. Ach cha robh a’ mhòr chuid de dhaoine comasach leughadh no sgrìobhadh.

Tha a’ chrois air a snaigheadh bho chlach a gheibhear gu h-ionadail agus tha i 1.36 m a dh’àirde. Tha a’ chlach annasach leis gu bheil i a’ cleachdadh samhlan Crìosdail agus Lochlannach. Chaidh Clach Chill Bharra a lorg ann an seo ach tha an fhìor chlach fhèin a-nis ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

Tha cuideachd ceithir leacan-uaghach san Teampall a Tuath a bhuineas do chinn-cinnidh Chlann MhicNèill. Chaidh na leacan sin an snaigheadh le daoine bho Eilean Ì agus Orasaigh agus tha iad san aon stoidhle ri feadhainn a gheibhear air feadh taobh siar na h-Alba.

A’ sgrìobhadh ann an 1703 san leabhar aige ‘Description of the Western Isles’ tha Màrtainn Màrtainn ag ràdh,

‘The natives have St. Barr’s wooden image standing on the altar, covered with linen in form of a shirt; all their greatest asseverations are by this saint. I came very early in the morning with an intention to see this image, but was disappointed; for the natives prevented me by carrying it away, lest I might take occasion to ridicule their superstition, as some Protestants have done formerly; and when I was gone it was again exposed on the altar.

Tha beul-aithris ag innse gun robh an Naomh Barr na neach-leanmhainn aig Calum Cille agus thàinig e a Bharraigh gus muinntir an eilein iompachadh. Bha miseanaraidh a bha air a thighinn ann ron sin air a bhith air a losgadh gu bàs agus air ithe ach bha an naomh Barr soirbheachail ann a bhith a’ toirt a’ chreideimh Chrìosdail gu Barraigh. An uair a thàinig an t-àm dha Barraigh fhàgail, rinn e ùrnaigh airson muinntir an eilein agus an uair a dh’fhalbh e, chaidh ìomhaigh a dhèanamh dheth. Ann an 1625, thug an t-Athair Cornelius Ward cunntas gum faca e ìomhaigh an Naoimh Barr ann an Cill Bharra. Bha muinntir an eilein a’ comharrachadh là an naoimh le là saor on obair, rèiseadh each agus cluich iomain gu meadhan an 19mh linn. Suas gu meadhan an 20mh linn, bhiodh muinntir an àite aig an robh càirdean no caraidean air an adhlacadh aig Cill Bharra a’ comharrachadh là an naoimh le bhith a’ cumail là fois.

8.6 Làraich Chlachan Cruithneach Eile Tuath air Inbhir Nis

Dèan sgrùdadh air eachdraidh nan Cruithneach air a’ chosta sear tuath air Inbhir Nis.

Cuairt anns a bheil 17 làraich le clachan Cruithneach, eadar Inbhir Nis agus Dùn Robain faisg air Goillspidh.

Tha an catalog a’ toirt cunntas air na clachan air fad a tha aig an taigh-tasgaidh. Toiseach tòiseachaidh feumail mu shamhlan nan Cruithneach.

Tha cruinneachadh de chlachan Cruithneach a tha a’ dol air ais chun 6mh-8mh linn ann an Taigh-tasgaidh agus Gaileiridh-ealain Inbhir Nis. Faic làrach-lìn an taigh-tasgaidh airson uairean fosglaidh.

Tha 15 clachan Cruithneach san taigh-tasgaidh, cuid dhiubh a tha a’ dol air ais chun 8mh linn. Is e am prìomh nì a tha air a thaisbeanadh leac-croise thoinnte bhon 8mh no an 9mh linn. Is e clach Clas 2 a tha innte is tha seo a’ ciallachadh gu bheil i air a snaigheadh le measgachadh de shamhlan Cruithneach agus Crìosdail. Tha mòran dha na dealbhaidhean coltach ris an fheadhainn a gheibhear ann an obair-mheatailt Cruithneach. Faic làrach-lìn an taigh-tasgaidh airson uairean fosglaidh.

  • Taigh-tasgaidh Taigh Groam, Ros Mhaircnidh

Aiste leis an eòlaiche air ealain nan Cruithneach, Isabel Henderson.

Taigh-tasgaidh Bhictòrianach ann an gàrraidhean Caisteal Dhùn Robain le cruinneachadh de chòrr air 20 clach Cruithneach – cuid aca nan clachan-samhla clas 1 agus cuid nan leacan-croise clas 2. Faic làrach-lìn a’ chaisteil airson uairean fosglaidh.

Clachan Cruithneach eile an Alba

8.5 Creag Phàdraig

Is e cnoc air a bheil craobhan a’ fàs a tha ann an Ceag Phàdraig. Lean am frith-rathad suas an cnoc gus lorg na tha air fhàgail, is dòcha, de dhaingneach an Rìgh Brud.

Tha Adomnan, am fear a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille ag innse mar a thadhail an naomh air an Rìgh Brud, rìgh nan Cruithneach, aig a dhangneach am bad-eigin faisg air Abhainn Nis – dh’fhaodadh e bhith ann an seo aig Creag Phàdraig – ann an 565.

Thàinig Calum Cille an seo gus dèanamh cinnteach gum biodh an Rìgh Brud agus na rìghrean Cruithneach eile deònach leigeil leis na manaich aige a bhith a’ siubhal gu sàbhailte sna h-Eileanan an Iar agus ann an Arcaibh.

Ann an eachdraidh beatha An Naomh Caluim Cille gheibhear grunnan sgeulachd a tha a’ toirt cunntais air an turas fada air an deach Calum Cille gu Creag Phàdraig. Tha na sgeulachdan ag innse mu na h-amannan san do choilean Calum Cille mìorbhailean no a bha e ann an gàbhadh. Bha seo a’ gabhail a-steach mar a choinnich e ri uile-bhèist ann an Abhainn Nis. Tha cuid a’ cumail a-mach gur ann à seo a dh’èirich an sgeula mu uile-bhèist Loch Nis.

“Once, on another occasion, when the blessed man stayed for some days in the land of the Picts, he had to cross the River Ness. When he reached its bank, he saw some of the local people burying a poor fellow. They said they had seen a water beast snatch him and maul him savagely as he was swimming not long before. Although some men had put out in a little boat to rescue him, they were too late, but, reaching out with hooks, they had hauled in his wretched corpse. The blessed man, having been told all this, astonished them by sending one of his companions to swim across the river and sail back to him in a dinghy that was on the further bank. At the command of the holy and praiseworthy man, Luigne moccu Min obeyed without hesitation. He took off his clothes except for a tunic and dived into the water. But the beast was lying low on the riverbed, its appetite not so much sated as whetted for prey. It could sense that the water above was stirred by the swimmer, and suddenly swam up to the surface, rushing open-mouthed with a great roar towards the man as he was swimming midstream. All the bystanders, both the heathen and the brethren, froze in terror, but the blessed man looking on raised his holy hand and made the sign of the cross in the air, and invoking the name of God, he commanded the fierce beast, saying:

‘Go no further. Do not touch the man. Go back at once.’

At the sound of the saint’s voice, the beast fled in terror so fast one might have thought it was pulled back with ropes. But it had got so close to Luigne swimming that there was no more than the length of a pole between man and beast. The brethren were amazed to see that the beast had gone and that their fellow-soldier Luigne returned to them untouched and safe in the dinghy, and they glorified God in the blessed man. Even the heathen natives who were present at that time were so moved by the greatness of the miracle they had witnessed that they too magnified the God of the Christians.”

                                Adomnán Book II, Story 27

Thàinig Calum Cille an seo gus dìon a shireadh bhon Rìgh Brud airson a mhanach Cormac Ui Liathain a bha a’ siubhal ann an Arcaibh. Bha rìgh nan Cruithneach ann an Arcaibh fo ùghdarras an Rìgh Brud.

B’ e neach-poilitigeach cumhachdach a bha ann an Calum Cille. Bha ceanglaichean aige cuideachd ri Rìgh nam Breatannach, Riderch aig an robh a dhaingneach aig Dùn Bhreatainn (siar air Glaschu an là an-diugh) agus a bha a’ riaghladh thar rìoghachd a bha a’ gabhail a-steach Abhainn Chluaidh agus na sgìrean mun cuairt.

Tha Adomnan a’ toirt cunntas air an uair a ràinig Calum Cille daingneach Bhrud.

Tha an daingneach aig Creag Phàdraig a’ dol air ais chun 4mh linn BC. Aig àm Chaluim Chille dh’fhaodadh gur e seo an t-àite san robh an Rìgh Brud, rìgh nan Cruithneach stèidhichte.

Chì thu fhathast gu soilleir làrach ballachan a-staigh an daingnich. Tha tiughad de mo dheich meatairean annta agus tha iad a’ gabhail a-steach làrach a tha mu 75 meatair a dh’fhaid agus 23 meatair a leud. Dh’fhaodadh gun robh ceithir tùir air an daingneach, aon air gach oisean.

Creag Phàdraig © AlanSproull/Lucy Harland
Creag Phàdraig © AlanSproull/Lucy Harland

Is e dùn a chaidh a theinteachadh a tha ann an Creag Phàdraig. An uair a chaidh an dùn a thogail, cha deach seamaint no aol a chleachdadh eadar na clachan sna ballachan. Ach chaidh teine a thogail agus na ballachan an teasachadh chun ìre is gun deach na clachan an suaineadh ri chèile.

Tha tobhta nam ballachan a bha air an taobh a-muigh an-diugh nas isle na an t-àite a tha a-staigh sa mheadhan agus tha e a-nis mar àite rèidh aig mullach a’ chnuic.

Chaidh lorg fhaighinn air tobhta treas balla nas fhaide shìos an cnoc.

8.4 Clach an Neig

Is e Clach an Neig aon de na clachan Cruithneach snaighte as fhèarr a tha ann. Chaidh a snaigheadh mu 800AD – no is dòcha nas tràithe na sin – agus tha i air a còmhdach le samhlan Crìosdail.

A rèir nan nithean a tha air a’ chloich shnaighte seo, tha e soilleir gun robh dlùth cheanglaichean eadar na manaich a bha a’ fuireach ann an Neig agus Port Mo Chalmaig, agus na manachainnean air Eilean Ì agus ann an Northumbria.

Tha na dealbhaidhean air a’ chloich seo cuideachd a’ nochdadh ann an sgrìobhainnean maisichte a rinneadh le manaich a bha a’ fuireach san dà àite sin.

Clach an Neig © Alan Sproull/Lucy Harland
Clach an Neig © Alan Sproull/Lucy Harland

Tha na pàtrain agus na samhlan air chlach an Neig glè choltach ris an sgeadachadh a gheibhear ann an Leabhar Cheanannais, an leabhar mòr maisichte a chaidh a thòiseachadh le manaich Chaluim Chille air Eilean Ì agus a chrìochnaich iad ann an Ceanannas.

Tha ceanglaichean làidir ann cuideachd le Sarcophagus Naomh Anndrais a tha a-nis air a ghleidheadh ann an taigh-tasgaidh Cathair-eaglais Naomh Anndrais, Fìobha.

Is e Clach an Neig aon de thrì tursachan air costa siar Rubha an Tairbeirt. Tha tursachan eile nas fhaide gu tuath san sgìre ann an Seannduaig agus ann am Baile a’ Chnuic

Tha clach an Neig air a cumail am broinn eaglais na paraiste. Thathar a’ smaoineachadh gur dòcha gun robh a’ chlach air a cumail fo chòmhdach san àm a chaidh seachad leis gu bheil iad ann an deagh òrdugh.

Tha pàirtean den chloich a dhìth agus tha a cùl air a bhleith gu dona.

Thathar a’ meas gu bheil a’ chlach a’ dol air ais gu mu 800 ach dh’fhaodadh gu bheil i nas sine na sin. Tha i air a sgeadachadh le samhlan Crìosdail agus bhithte ga cleachdadh ann an deas-ghnàthan cràbhach – ’s dòcha an uair a bhiodh iad a’ searmanachadh no gum biodh iad a’ gabhail an aifreinn air a beulaibh.

Tha mullach na cloiche ag innse an sgeula mun dòigh san do choinnich an Naomh Pòl agus an Naomh Antonaidh a rèir is mar a chaidh a chuir an cèill anns an leabhar a sgrìobh Jerome mu Bheatha an Naoimh Pòil. Tha Pòl agus Antonaidh air am meas mar an fheadhainn a stèidhich manachainnean agus tha ceangal anabarrach dlùth aca ri manaich agus am beatha ann am manachainnean.

B’ e manach a bha a’ fuireach leis fhèin a bha anns an Naomh Pòl. Bhiodh fitheach a’ toirt pìos arain thuige a h-uile là. Air an là a thadhail an Naomh Antonaidh air an Naomh Pòl, thug am fitheach cnap arain slàn thuca a roinneadh iad eatorra.

Tha a’ chlach a’ dèanamh dealbh air an dearbh mhòmaid a thàinig am fitheach leis an aran.

Tha na fir air an glùinean agus a’ gabhail an aifreinn bho na leabhraichean a tha aca nan làmhan. Tha pìos beag a dhìth air an aran a tha am fitheach a’ leigeil às air a’ chupa.

Tha an obair-snaighidh gu math mionaideach – feusagan agus falt nan naoimh, an t-aran le pìos a dhìth air, na craobhan pailme aig oir an deilbh.

Saoilidh tu gur ann bhon cliathaich a tha thu a’ faicinn nan naomh, ach ma sheallas tu riutha is tu air do ghlùinean chì thu an taobh eile de dh’aodainn an dithis naoimh.

Tha na leòmhain a’ riochdachadh a’ mhòmaid a thill an Naomh Antonaidh gus tadhal air an Naomh Pòl agus a fhuair e a-mach gun robh e air bàsachadh.

Thàinig dà leòmhan a-mach às an fhàsach gus an Naomh Antonaidh a chuideachadh a’ cladhach uaigh airson an Naomh Pòl.

Tha nathraichean a’ nochdadh ann an iomadh àite air a’ chloich. Saoilidh tu gur e bàlaichean toidhne a tha ann am pìlichean de nathraichean a tha an lùib a-chèile is aon nathair a’ nochdadh a-mach às gach bàla – no cnap – agus a’ dol an lùib fheadhainn eile.

Is e samhlan Crìosdail cudromach a tha ann an nathraichean. Tha iad co-cheangailte ri olc mar a chithear san sgeula aig Adhamh is Eubha ach tha iad cuideachd nan samhlan air ais-eiridh, oir, a rèir sgeula o na Meadhan-aoisean bidh iad a’ dol fon talamh airson trì làithean agus a’ tighinn chun uachdair a-rìs agus iad air an seann chraicinn a thilgeil.

Tha iad cuideachd air am faicinn mar shamhlan air gliocas – bidh nathair a’ cur dìon air a cheann an uair a bhithear a’ toirt ionnsaigh air, rud a tha na shamhla air a bhith a’ dìon pròiseasan inntinneil.

Dìreach mar chlachan Cruithneach eile, chan eil na pàtrain ceart-chumadail ach tha samhlan sònraichte a’ nochdadh uair is uair – prìomh phàtrain, sgeadachaidhean cearcallach, cnapan is eadar-obrachadh.

Tha na pàtrain sin glè choltach ann an stoidhle agus ann an sgaoileadh ris an fheadhainn a gheibhear ann an Leabhar Cheanannais, a thòisich na manaich air Eilean Ì agus a chrìochnaich iad an uair a dh’fhàg iad an eilean agus a chaidh iad gu Ceanannas ann an Èirinn.

Tha cùl na lice air a sgeadachadh le samhla de dh’iolaire agus seallaidhean seilge. Tha na dealbhan ag innse mar a mharbh Daibhidh leòmhan gus uan a bha na threud a shàbhaladh.

8.3 Seannduaig

Tha an leac-croise ann an Seannduaig còmhdaichte le samhlan Crìosdail. Tha seo mar chomharra air Crìosdaicheachd nan Cruithneach seach a bhith na cloich air a bheil dealbhaidhean pàganach is cràbhach.

Dh’fhaodadh gun robh grunnan mhanachainnean air a’ chosta seo a bha fo ùghdarras na manachainn mhòir faisg air làimh aig Port Mo Chalmaig.

Is e Clach a’ Charaidh a chanar rithe sa Ghàidhlig is tha seo a’ ciallachadh ‘leacan nan àitean-adhlaic’.

Tha i beagan air falbh on mhuir agus air a dìon on aimsir le cèis ghlainne. Thathar ag ràdh gum biodh maraichean a bhiodh a’ seòladh seachad ga cleachdadh mar chomharra air tìr.

Tha cnapan cruinne air a’ chrois agus iad air an cuairteachadh le cearcaill a tha am broinn a chèile. Air uachdar na cloiche, chithear nathraichean a tha a’ dol an lùib a chèile.

Bha brìgh cràbhach aig na nathraichean sin – tha iad co-cheangailte ri olc agus ris an dòigh san deach Adhamh agus Eubha a bhuaireadh. Sna Meadhan-aoisean, bha nathraichean cuideachd a’ comharrachadh ath-bhreith agus ath-nuadhachadh leis mar a bhios iad a’ cladhach sìos fon talamh agus a’ tighinn am bàrr a-rithist agus an seann chraiceann a bha orra air a thilgeil dhiubh.

© Alan Sproull
© Alan Sproull

Tha còig pannalan sgeadaichte air cùl na cloiche. Tha an snaigheadh a’ gabhail a-steach biastan, seallaidhean seilge, daoine le claidhnean a’ sabaid agus neach-seilge le bogha-tarsainn.

8.2 Bhaile a’ Chnuic

Tha grunnan thursachan ann an Rubha an Tairbeirt a tha a’ toirt fainear sgil ealanta agus creideamh Crìosdail nan Cruithneach a shnaigh iad. Is dòcha gun robh na tursachan sin a’ comharrachadh crìochan an fhearainn a bha leis a’ mhanachainn ann am Port Mo Chalmaig.

Tha an leac-croise ann am Baile a’ Chnuic na mac-samhail air tursa a bha seo aig aon àm. Chaidh a shnaigheadh ann an 2000. Tha cùl an tursa a tha a’ coimhead taobh na tìr na lethbhreac den chloich a bha ann bho thùs agus a tha a-nis ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba. Ach, chaidh an taobh a tha a’ coimhead taobh na mara a mhilleadh san 17mh linn agus mar sin tha an snaigheadh a tha air stèidhichte gu mòr air dealbhadaireachd Cruithneach.

Chaidh bonn na cloiche a lorg às ur ann an 2001 agus tha e a-nis air a ghleidheadh ann an Talla Cuimhneachaidh Seaboard ann am Baile an Todhair nach eil fada air falbh.

Tha trì tursachan air costa sear Rubha an Tairbeirt – ann an seo aig Baile a’ Chnuic, san ath bhaile Seannduaig agus nas fhaide gu deas ann an Neig.

Rinn an neach-ealain Barry Grove an dealbhadh airson an taobh seo den chloich stèidhichte air a’ phìos bheag a bha air fhàgail agus air dealbhachadh is samhailean Cruithneach eile.

Bha an tursa a bha ann o thùs uaireigin na seasamh taobh a-muigh Teampall Mhoire, astar goirid on mhuir. Chan eil ri fhaicinn de thobhta an teampaill an-diugh ach tuim còmhdaichte le feur. Chaidh a’ chlach a bhriseadh grunnan thurais. Ann an 1676 chaidh mullach na cloiche air an taobh aghaidh a mhilleadh agus a chleachdadh an dèidh sin mar chlach-uighe. Bha an obair-snaighidh air dhubhadh às agus sgrìobhadh a chuir oirre a’ cuimhneachadh Alasdair Duff agus a thriùir mhnathan.

© Lucy Harland
© Lucy Harland

Tha dealbh mu shealg sa phanal a tha ann am meadhan na cloiche. Tha boireannach le bràiste mhòr-mhaisichte oirre air muin eich. Tha dithis mharcaichean còmhla rithe agus dithis choisichean a tha a’ cluiche trombaid. Tha trì coin a’ ruith rin taobh.

© Lucy Harland
© Lucy Harland

Air taobh chlì a’ bhoireannaich chithear samhla cìr agus sgàthan. Tha samlan cruithneach àbhaisteach eile os a cionn – corran agus slat-V, agus os cionn sin diosc dùbailt agus slat-z.

The lower part of the Hilton of Cadboll stone was lost and only rediscovered in 2001. Having been buried underground for so long, the details of the stone carving have not weathered or worn away.

Chaidh am pàirt as isle de chloich Bhaile a’ Chnuic air chall agus cha deach a lorg gu 2001. Seach gun robh i fon talamh cho fada, chan eil an obair-snaighidh air crìonadh fo bhuaidh na h-aimsir.

Tha am pàirt seo a-nis ann an Talla Cuimhneachaidh Seaboard. Thoir sùil air an làrach-lìn airson na h-uairean-fosglaidh.


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie