Skip to main content
Colmcille Logo White

Archives: Mapa Comharran

1.2 Colbh Criose

Tha a’ chrois seo mu 2 mheatair a dh’àird agus sgeadaichte le dealbhaidhean snaighte air an dà thaobh. Is e carragh-cuimhne Crìosdail a tha ann a chaidh a dhèanamh is dòcha mu 700-800AD.

Tha an taobh a tha a’ coimhead dhan àird an ear air a sgeadachadh le panalan rectilinear, gach fear le cnap sa mheadhan. Tha ceithir eileamaidean le pàtrain air an taobh a tha a’ coimhead dhan iar.

Aig an stad seo, bidh na taistealaich a’ dol mun cuairt na croise ag ùrnaigh.

Aig an toiseach b’ e seo an làrach a b’ fhaide siar dhan turas – mus deach iarraidh air na taistealaich an leathad gu tobair Chaluim Chille a dhìreadh.

Gu traidiseanta bhiodh a h-uile duine a bha a’ fuireach ann an Gleann Chaluim Chille a’ dol air an turas a h-uile bliadhna. Air an 9mh là den Ògmhios, là fèill an naoimh, bhiodh na ceudan de dhaoine rim faicinn a’ cuairteachadh a’ ghlinne.

1.1 Straid Court Tomb

Is e seo tobhta tuama a tha dol air ais gu mu 3,000 BC. Bha e air a thogail is air a chleachdadh le tuathanaich a bha a’ fuireach ann an Gleann Chaluim Chille. Tha e ro-Chrìosdail ach tha e air a bhith air a thoirt a-steach do Thuras Chaluim Chille a tha a’ dol tron ghleann.

Thathar a-nis a’ cleachdadh an tuama mar àite-tòiseachaidh an turais. Gu traidiseanta dh’fhaodadh an turas tòiseachadh ann an àite sam bith sa ghleann ach bhathar an còmhnaidh a’ leantainn an t-aon òrdugh. Thòisicheadh na daoine a bha a’ fuireach sa ghleann aig an làrach a b’ fhaisg air an dachaigh fhèin. Bhithte a’ toirt aoigheachd do na taistealaich a bhiodh air an turas anns na dachaighean ionadail agus bhithte a’ toirt dhaibh cuireadh am brògan fhàgail annta fhad ’s a bhiodh iad a’ dol air an turas air an casan liormach.

Aig an stad seo, bhiodh na taistealaich a’ cuairteachadh an tuama a’ dol deiseil is ag ùrnaigh.

4.6 Mòr Eaglais Chaluim Chille

Chaidh Cathair-eaglais an Naoimh Calum Cille aig Eaglais na h-Èireann a thogail eadar 1628 is 1633, agus thathar an ìre mhath cinnteach gu bheil i air, no faisg air, làrach far an robh Taigh nam Mnathan-cràbhaidh Cistercianach a tha mapaichean bho mu 1600 a’ sealltainn. Ged a tha eachdraidh fhada ann de dhaoine a bhith fuireach air làrach a’ bhaile, seo an togalach as sine ann an Doire a tha fhathast na sheasamh. Chaidh a’ chathair-eaglais a leudachadh is atharrachadh thar nam bliadhnaichean, agus chaidh ath-nuadhachadh mòr a dhèanamh oirre o chionn ghoirid.

B’ i a’ chiad chathair-eaglais Anglacach a chaidh a thogail ann an Èirinn bho àm an Ath-leasachaidh. Tha a’ chlach choisrigidh airson nuair a chaidh a’ chathair-eaglais a thogail ri faicinn taobh a-staigh an dorais air taobh siar na h-eaglaise agus tha i a’ cuimhneachadh air na daoine à Lunnainn a phàigh air a son,

If stones could speake
Then Londons prayse should sounde
Who built this church and cittie
From the grounde

Air a cur ris a’ chloich sin, tha clach nas lugha is nas sine, agus thathar ag ràdh gun tàinig i bhon Teampall Mhòr, cathair-eaglais Dhoire sna meadhan-aoisean.

Tha uinneag le glainne-dhathte a’ cuimhneachadh air Calum Cille agus tha i suidhichte ann an earra-dheas na h-eaglaise ann an Caibeal an Àrd-easbaig Alexander. B’ e sgrìobhadair laoidhean is bana-bhàrd a bh’ ann am bean an Àrd-easbaig Alexander, ise Cecil Frances Alexander. Fhuair i aithne airson laoidhean is laoidhean Nollaig mar Once in royal David’s city, agus There is a green hill far away, ach sgrìobh i laoidh cuideachd airson naomh a’ bhaile.

4.5 Tobair Chaluim Chille

Bidh an tobar naomh seo an teis-meadhan nan tachartasan a bhios ann gach bliadhna air 9 Ògmhios gus Latha Chaluim Chille a chomharrachadh. Bidh daoine a’ caismeachd sìos an cnoc bho Eaglais an Tùir Fhada chun na tobrach, agus thèid an tobair a bheannachadh le sagart a dh’iarras gum bi luchd-leanmhainn Chaluim Chille air an dìon, an fheadhainn ‘a choisicheas far an do choisich e, agus a nì ùrnaigh far an do rinn esan ùrnaigh’. Bidh daoine a’ lìonadh bhotal le uisge agus gan toirt dhachaigh. Thathar ag ràdh gu bheil buaidh leighis aig an uisge, agus gu bheil e gu h-àraidh math airson tinneasan sùla.

A rèir na beatha a sgrìobh Mánas Ó Dónaill, chaidh pàiste a thoirt gu Calum Cille airson a bhaisteadh, ach cha robh uisge ri làimh agus mar sin rinn an naomh soidhne na croise os cionn na cloiche agus thàinig uisge aiste.

Tha ainm a’ bhaile a’ tighinn bhon fhacal Gaeilge doire a tha a’ ciallachadh coille dharaich. Bidh an tobair air a sgeadachadh le duilleagan daraich air 9 Ògmhios agus bidh luchd-taisteil a’ cur dhuilleagan daraich air an aodach aca.

Sna meadhan-aoisean bha trì tobraichean an seo air an coisrigeadh do naoimh, aon tè don Naomh Calum Cille, tè don Naomh Adhamhnán (a chaidh a dh’Eilean Ì mar aon de na h-Abachan air an eilean a thàinig às dèidh Chalum Chille agus a sgrìobh eachdraidh-beatha Chaluim Chille), agus tè don Naomh Màrtainn à Tours. Chithear clach bullán a bha uair aig an tobar shuas aig Eaglais an Tùir Fhada.

Chaidh na pumpaichean sgeadaichte a chur ann ann an 1897. Aig an àm sin b’ e seo am prìomh sholar uisge airson nan taighean a bha uair air an leathad seo fo fhasgadh ballachan a’ bhaile.

Tha an tobar a-nis am measg sreath de thaighean aon-làir ris an canar Tobraichean Chaluim Chille. Tha sreath fada de steapaichean a chì sibh ri taobh Áras Cholmcille gur toirt ann. Cuideachd, faodaidh luchd-tadhail faighinn chun na tobrach le bhith dol suas Sràid Fahan tro Gheata a’ Bhùidseir air Sràid na h-Armlainn. Faodaidh sibh cuideachd tilleadh tro Shràid Fahan agus Geata a’ Bhùidseir gu Cathair-eaglais an Naoimh Calum Cille no chun an àite far a bheil an t-slighe a’ tòiseachadh.

4.4 Eaglais an Tùir Fhada

Thathar cha mhòr cinnteach gu bheil Eaglais an Tùir Fhada (coltach ri Eaglais an Naoimh Augustine agus Áras Cholmcille) suidhichte san àite far an robh seann tuineachadh nam manach ann an Doire sna meadhan-aoisean. Fhuair i a h-ainm bho thùr cruinn a bha na sheasamh ann suas chun na 17mh linn. Bha an tùr cruinn sin ri taobh an Teampaill Mhòir agus bha e na mhìorbhail is na annas do dhaoine nuair a chaidh a thogail ann an 1163.

Chaidh Beatha Chaluim Chille a sgrìobhadh ann an Gaeilge ann an Doire eadar 1150-1182. Tha e a’ toirt cunntas air beatha an naoimh agus an turas a thathar ag ràdh a thug e agus e a’ siubhal air feadh na h-Èireann a’ stèidheachadh eaglaisean is manachainnean. Tha an cunntas seo agus cunntasan eile ag ràdh gun do stèidhich Calum Cille coimhearsnachdan Crìosdaidh le manaich ann an àiteachan mar Mhaoin Chaluim Cholmcille ann an Contae Chill Dara, Sord Cholmcille ann an Contae Bhaile Átha Cliath, agus Ceanannas ann an Contae na Mí. ’S ann san linn seo a chaidh eaglais Dhoire a chur os cionn eaglaisean Chaluim Chille uile ann an Èirinn.

Ged a chaidh lùghdachadh a thoirt air cumhachd na h-abaid nuair a thàinig na Normanaich, bha i fhathast ann chun na 16mh linn, agus chaidh an Teampall Mòr gu bhith na chathair-eaglais sna meadhan-aoisean. Chaidh an togalach a sgrios le spreadhadh ann an 1567, nuair a bha saighdearan Sasannach a’ dèanamh feum dheth mar stòr airson pùdar.

Chaidh Eaglais an Naoimh Calum Cille, an Tùr Fada, a thogail ann an 1784, agus phàigh Caitligich agus Pròstanaich air a son. San 19mh linn, bha sgeulachdan is beatha Chaluim Chille fhathast a’ toirt buaidh air a’ bhaile agus air togalaichean a’ bhaile. Aig deireadh na 19mh linn agus toiseach na 20mh linn, chaidh an eaglais a leudachadh is atharrachadh fo stiùir Mhaighstir Uilleim Doherty, gus an Teampall Mòr a thogail mar a tha e an-diugh. Tha glainne-dhathte, breac-dhualadh, agus sgrìobhaidhean air ùrlar na h-eaglaise agus os cionn prìomh dhoras na h-eaglaise uile a’ sealltainn a’ cheangail a th’ aig an eaglais ri Calum Cille agus ris a’ mhanachainn a bh’ ann nuair a chaidh Doire a stèidheachadh.

Taobh a-muigh na h-eaglaise, tha clach bullán air a cur sa bhalla fo shealladh de Chalbharaidh. Gheibhear tuill chruinn sna clachan bullán a chumadh uisge coisrigte. Chaidh a’ chlach seo a chur sa bhalla air 9 Ògmhios 1898 – latha an Naoimh Calum Cille. Chaidh a gluasad, bliadhna ron sin, le Maighstir Uilleam Doherty bhon àite far an robh i roimhe faisg air Tobar Chaluim Chille.

© Alan Sproull
© Alan Sproull

4.3 Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille

Tha Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille – air fearann Eaglais an Tùir Fhada. ’S e àite fìor mhath a th’ ann gus sealladh farsaing fhaighinn air na sgeulachdan is cunntasan co-cheangailte ri Calum Cille, an naomh aig an robh làmh mhòr ann an stèidheachadh a’ bhaile agus a tha na naomh-taice don àite. Tha taisbeanaidhean eadar-ghnìomhach ann le bhidiothan is clàraidhean, agus tha grunn nithean-cruinnichte air an taisbeanadh, agus tha diofar ghoireasan ann do luchd-tadhail, leithid cafaidh.

Coltach ri Eaglais an Tùir Fhada, tha Áras Cholmcille faisg air no air làrach an Teampaill Mhòir, eaglais mhòr bhon 12mh linn.

Bhiodh luchd-taisteil nam meadhan-aoisean a’ tòiseachadh aig an t-seann chaladh, agus bhiodh iad a’ crìochnachadh faisg air an Teampall Mhòr ann an àite ris an canar An tIompú Deiseal, a tha a’ ciallachadh ‘an tionndadh gu deas’. Bhathar a’ creidsinn gum faca Calum Cille Crìosd an sin, agus e ann an riochd dhèircich.

Tha Áras Cholmcille suidhichte ann an seann sgoil a chaidh a thogail ann an 1813. B’ e Sgoil Nàiseanta Chaluim Chille a bh’ innte, ris an canadh daoine “Sgoil Bheag nam Mnathan-cràbhaidh”.

4.2 Eaglais Naomh Agaistín

’S e àite sìtheil, bòidheach a th’ ann an Eaglais Naoimh Agaistín suidhichte air ballachan a’ bhaile, agus bho àm na Càisge gu deireadh na Sultaine, bidh cuid den choitheanal a’ fosgladh na h-eaglaise tron latha airson fàilte a chur air luchd-tadhail. Tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh a’ sealltainn gu bheil Eaglais Naoimh Agaistín air an làrach, no faisg air an làrach, far an robh an eaglais a bu tràithe aig na manaich, an ‘dubh regles’ no an ‘eaglais dhubh’.

A rèir nan tionndaidhean de Bheatha Chaluim Chille bhon 12mh is 16mh linn, thug rìgh na sgìre seo, Aodh Mac Ainmhire, fearann do Chalum Cille aig Daire Calgach far am faodadh e manachainn a chur air bhonn.

Gus ‘saothair dhaoine saoghalta’ a sgùradh bhon talamh mus deigheadh a’ mhanachainn a thogail, las Calum Cille teine. Sgaoil an teine agus theab e bad chraobhan daraich a sgrios, ach gus an dìon, rinn Calum Cille ùrnaigh agus chaidh na craobhan a ghleidheadh.

Ann am Beatha Chaluim Chille a chaidh a sgrìobhadh san 12mh linn san abaid, tha an dàn seo:

Is aire charaim Doire
Ar a réide, ar a gloine
Ar is lomlán aingel fionn
Ón chinn co n-ice ar-oile

Seo carson a b’ annsa leam Doire.
Tha e cho socair is soilleir.
Làn ainglean geala.
Bho aon cheann chun fhir eile.

Tha an t-ainm Eaglais Naoimh Agaistín a’ dol air ais gu àm nuair a chaidh manaich Chaluim Chille gu bhith nam pàirt den òrdugh Augustine ann an Èirinn san 12mh linn no san 13mh linn. Chaidh an eaglais a th’ ann an-dràsta a thogail tràth san 17mh linn, ach chaidh a togail às ùr san 18mh linn is san 19mh linn.

4.1 Port na Long (Ceàrnag Talla a’ Bhaile)

Sna meadhan-aoisean sa bhaile, b’ e Port nan Long a bh’ aca air Ceàrnag Talla a’ Baile a bha air bruach Abhainn an Fheabhail. B’ e sin a’ phrìomh shlighe a-steach don bhaile san linn sin. Cuideachd, b’ e toiseach slighe taisteil a bh’ ann sna meadhan-aoisean air an tug Mánas Ó Dónaill iomradh ann an 1532, agus sin far a bheil ar slighe san latha an-diugh a’ tòiseachadh cuideachd. Tha Drochaid na Sìthe tarsainn air an Fheabhal gar toirt chun an àite seo. Chithear seallaidhean snog den bhaile air an drochaid agus ’s e dòigh mhath a th’ ann faighinn gu toiseach na slighe taisteil.

Bhon chiad àite-cruinneachaidh seo air bruach an Fheabhail, bhiodh na taistealaich a’ coiseachd suas an cnoc. Gus an t-slighe a leantainn an-diugh, theirigibh tro Gheata na h-Armlainn seachad air Taigh-tasgaidh an Tùir, sa bheil fiosrachadh air tùr bho na meadhan-aoisean a bha os cionn na slighe-taisteil.

Tha an cunntas as sine de bheatha Chaluim Chille, sgrìobhte timcheall air 700, ag innse dhuinn mu mhanaich a bhiodh a’ siubhal eadar Eilean Ì is Doire. San 12mh linn, thug muinntir na h-abaid cunntas sgrìobhte dhuinn air mar a dh’fhàg Calum Cille Doire mar fhògarrach, agus sgiamh nam faoileagan ri chluinntinn.

Tha grunn dhaoine air an turas a thug Calum Cille ann an curach à Doire a ghabhail a-rithist o chionn ghoirid. Sna meadhan-aoisean, bhathar a’ coimhead air an Fheabhal mar aon linne uisge bho Árd Mhic Giollagáin fo Bhinn Fhoibhne gu far a bheil Abhainn na Finne agus An Mughdhorn a’ tighinn còmhla. Cha robhar a’ dèanamh eadar-dhealachadh eadar an loch agus an abhainn.


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie