Skip to main content
Colmcille Logo White

Archives: Mapa Comharran

8.1 Ionad an Tairbeirt Port MoChalmaig

Eadar 1994 agus 2007, rinn arceòlaichean sgrùdadh air pìos dhan talamh timcheall air eaglais Naomh Calman ann am Port MoChalmaig faisg air ceann Rubha an Tairbeirt. Lorg iad fianais air manachainn mhòr a bha a’ dol air ais gu deireadh an t-6mh linn.

Tha Ionad an Tairbeirt ag innse sgeula an làraich mhòir Chrìosdail seo agus mar a chaidh a lorg le arceòlaichean.

An do stèidhich Calum Cille manachainn ann an seo? No a bheil e a’ dol air ais nas fhaide na an t-àm a thàinig e gu Eilean Ì. Ma tha, bha na Cruithnich a bha a’ fuireach ann an seo nan Crìosdaidhean mus tàinig e. Is e aon nì a tha cinnteach, gun robh a’ mhanachainn seo de mheudachd is de sgèile air leth mòr – canar cuid rithe ‘Ì an àirde an ear’.

Choinnich Calum Cille ri na Cruithnich nuair a bha e a’ siubhal tron Ghleann Mhòr agus suas gu crìochan baile Inbhir Nis mar a tha e san là an-diugh. Chlàr am fear a sgrìobh eachdraidh a bheatha, Adamhnan, an turas seo agus na coinneamhan a chum e. Leis gun robh manachainn ann am Port MoChalmaig dh’fhaodar a bhith dhan bheachd gun robh na Cruithnich sa cheàrnaidh seo a-cheana nan Crìosdaidhean ach tha Adamhnan ag innse grunnan sgeula mun dòigh san do dh’iompaich Calum Cille na Cruithnich.

Fad linntean, b’ e nì dìomhair ann an eachdraidh a bha sna Cruithnich. B’ e Ceiltich a bha annta – a bha a’ bruidhinn cànan a bha glè choltach ri Seann Chuimris – a bha a’ fuireach ann am Breatainn a Tuath bho 3mh chun 9mh linn ach cha robh mòran fianais air a lorg air an son. Fhuaireas mòran fiosrachaidh ùr mun cultar ri linn an sgrùdaidh air làrach na manachainn. Is e aon de na clàran as ainmeil mu shìobhaltas nan Cruithneach na clachan snaighte a chaidh an lorg air, no faisg air Rubha an Tairbeirt.

Bha a h-uile càil a dh’fheumadh iad airson am beatha agus an obair, aig na manaich a bha a’ fuireach ann am Port MoChalmaig – bha fearann àiteachais aca, muileann, bùthan-obrach airson obair-glainne is obair-mheatailt choisrigte, agus eaglais. Bha mu 150 neach a’ fuireach agus ag obair ann an seo.

Aig cridhe na manachainn bha bùth-obrach airson meamram a dhèanamh – b’ e seo an stuth air am biodh na manaich a’ sgrìobhadh an uair a bhiodh iad ag ullachadh nan sgrìobhaidhean maisichte aca.

Tha meamram air a dhèanamh bho chraiceann bheathaichean. An uair a bhathar a’ dèanamh sgrùdadh-areòlach ann am Port MoChalmaig lorg iad frèam air am bithte a’ sgaoileadh a’ mheamrain an uair a bhiodh iad ga thiormachadh, agus teallaich far am bithte a’ losgadh shlighean, chnàimhean agus feamainn airson stuth ullachadh leis am biodh iad a’ dèanamh a’ mheamraim mìn agus rèidh.

Leis gun robh na manaich a’ dèanamh a’ mheamraim aca fhèin, is dòcha gun robh iad cuideachd an sàs ann a bhith a’ cruthachadh leabhraichean maisichte soisgeulach coltach ri Leabhar Cheanannais.

Tha an t-arceòlaiche Màrtainn Carver air a ràdh gur dòcha gun robh na ceithir leacan-croise a chaidh an lorg ann an seo air an cleachdadh gus crìochan fearann manachainn Phort Mo Chalmaig a chomharrachadh.

‘B’ e luchd-ealain iongantach a bha annta. B’ urrainn dhaibh dealbhan a dhèanamh de madadh-allaidh, bradan is iolaire air cloich le loidhnichean sìmplidh gus dealbhan brèagha nàdarrach a chruthachadh. Chan fhaicear an samhail eadar Port Mo Chalmaig agus an Ròimh. Cha b’ urrainn eadhoin dha na h-Anglo-Sagsons snaigheadh-cloiche a dhèanamh chun aon ìre ris na Cruithnich. Cha robh e comasach do dhaoine caractar bheathaichean a dhealbhadh anns an dòigh seo gu an dèidh Linn an Ath-bheothachaidh.’

An t-Àrd-ollaimh Màrtainn Carver, Oilthigh Iorc, Prìomh Arceòlaiche, Sgrùdadh Phort Mo Chalmaig.

Chaidh sguir a chleachdadh na manachainn mu 820AD an uair a thathar dhan bheachd a chaidh ionnsaigh a dhèanamh oirre, dh’fhaodadh e a bhith, leis na Lochlannaich.

Tha arceòlaichean air fiodh air a losgadh a lorg a tha a’ dol air ais chun àm seo. Lorg iad cuideachd leacan-croise briste a dh’fhaodadh a chaidh am milleadh aig an àm seo cuideachd.

7.8 An Cobhan Cùilteach

Chan eil air fhàgail san là an-diugh den Chobhan Chùilteach ach stèidh chlach nach eil snaighte airson bothan a bha ann an cumadh uighe agus a bhiodh air a thogail le fiodh no sgrathan. Tha an doras dhan àird an iar-dheas gus solas an là a ghlacadh.

An uair a tha e ag innse sgeulachdan mu bheatha Chaluim Chille, tha Adhamhnan a sgrìobh eachdraidh beatha an naoimh a’ dèanamh dealbh air Eilean Ì agus air beatha nam manach.

Thuirt Adhamhnan,

‘One day, when St Columba was living on Iona, he set off into the wilder parts of the island to find a place secluded from other people where he could pray alone.’

Bhathar a riamh a’ cur cudrom air meòrachadh agus beachd-smuaineachadh spioradail -air falbh bho uallaichean an t-saoghail – an uair a thathar a’ beachdachadh air beatha sa mhanachainn. Bhiodh beagain bhothain na bu lugha aig na manaich agus na cailleachan-dubha a bha air Eilean Ì ann an ceàrnaidhean iomallach den eilean a bhiodh iad a’ cleachdadh mar chùiltean. Bhiodh cuid de mhanaich a’ falbh gu eileanan eile – dh’ainmich Adhamhnan am manach Cormac Ua Liatháin, ‘a truly holy man who no fewer than three times laboured on the ocean in search of a place of retreat yet found none.’

Eilean Ì
Eilean Ì

Canar an Cobhan Cùilteach ris an làrach seo agus tha cuid a’ cumail a-mach gur e seo an làrach anns am biodh Calum Cille a’ dol a dh’ùrnaigh. Do chuid de thaistealaich a bhios a’ dol gu Eilean Ì, tha an làrach seo a’ riochdachadh cho cudromach is a tha e a bhith a’ meòrachadh leat fhèin agus ag ùrnaigh, cleachdadh a thàinig sìos bhon naomh gu a luchd-leanmhainn.

Mar a tha fìor mu iomadh làrach a tha co-cheangailte ri naoimh agus ri daoine diadhaidh, chan eil fianais eachdraidheil ann idir airson seo.

Tha an t-ainm ‘Cobhan Cùilteach’ a’ tighinn bhon fhacal ‘cobhan – bogsa no ciste no cill bheag fiodha – agus am facal ‘cùilteach –iomallach, falaichte no prìobhaideach’.

7.7 Bàgh Chaluim Chille

Thàinig Calum Cille gu Eilean Ì bho Earra-Ghàidheal ann an 563 far an robh e air a bhith a’ sireadh cead manachainn a thogail air fearann a bhuineadh don chinneadh a bha a’ riaghladh an sin – an Dàl Riata.

Bho chosta Earra-Ghàidheil, is iongantach mun do sheòl e a-nall costa deas Eilean Mhuile agus gun tàinig e air tìr air ceann a deas Eilean Ì san àite ris an canar an-diugh Bàgh Chaluim Chille.

Tha dà phort an seo – Port na Curaich (is e curach, geòla air a dèanamh de chraiceann) agus – Port an Fhir-bhrèige – a tha air an sgaradh ò chèile le sgeir. Thathar ag ràdh gun tàinig Calum Cille air tìr aig Port na Curaich.

A rèir beul-aithris, an uair a dh’fhàg Calum Cille Èirinn, bhòidich e gun togadh e manachainn ann an àite às nach fhaiceadh e a dhùthaich fhèin. Agus, a rèir na sgeòil, an uair a thàinig e air tìr air Eilean Ì, dhìrich Calum Cille agus an 12 companach a bha na chois an uair a dh’fhàg e Doire an cnoc air taobh siar Port na Curaich gus dearbhadh gum b’ urrainn dha a ghealladh a chumail. Canar ris a’ chnoc seo ‘Cnoc le Cùl ri Èirinn’. Thathar ag ràdh gun do thill Calum Cille air ais a dh’Èirinn co-dhiù aon uair – gus frithealadh cruinneachadh Drum Ceat – dìreach air taobh a-muigh far a bheil Lèim an Mhadaidh san là an-diugh.

Tha cunntasan eachdraidheil mun bhàgh seo ag innse gun robh dà chàrn chlachan air an tràigh a bha a’ comharrachadh fad bàta Chaluim Chille. Tha cunntas bho thràth san 18mh linn ag ràdh gun robh seo cho fada ri ‘trì sgòr de throighean’ no 60 troigh/18.3 meatair.

Ann an 1963, sheòl buidheann de 13 fear bho Doire gu Eilean Ì ann am bàta a bha coltach ris an t-seòrsa a bhithte a’ cleachdadh aig àm Chaluim Chille, agus rinn iad an turas ann an 8 là agus iad a’ campachadh a h-uile oidhche.

Bidh taistealaich tric a’ cruinneachadh nan clachan air tràigh Bhàgh Chaluim Chille. Canar Marmor Eilean Ì ris na clachan chlach-aoil a gheibhear air taobh iar-dheas an eilein. San 18mh agus san 19mh linn bhiodh luchd-turais gan ceannach bho chlann an eilein mar chuimhneachain.

Eilean Ì
Eilean Ì

Bidh cuid de thaistealaich a bhios a’ tadhal air an eilean san là an-diugh a’ togail dà chloich on tràigh. Bidh iad a’ tilgeil aonan a-mach air a’ mhuir mar shamhla air rudeigin nam beatha a bu mhath leotha fhàgail às an dèidh. Bidh iad a’ toirt leotha a’ chlach eile dhachaigh mar shamhla air gealladh ùr a tha iad air a dhèanamh.

Shuas air cùl Port an Fhir-bhrèige tha sreath de 50 càrn de gach meud. Tha grunnan bheachdan ann mun deidhinn – gur e càirn adhlacaidh a tha annta, rud nach eil uabhasach coltach; gun deach an togail le manaich mar pheanas; no gun deach an cruthachadh le taistealaich sna meadhan-aoisean a bhiodh a’ tadhal air an làrach.

7.6 Cnoc nan Aingeal

Tha meadhan an eilein na àite ionaltraidh torrach ris an canar am Machair.

Lean an rathad thar na machrach gus an ruig thu geata. Dìreach mus ruig thu an geata air do làimh chli chì thu cnoc beag ris an canar Cnoc nan Aingeal. A rèir Adhamhnan, a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille is e seo far am facas e a’ coinneachadh ris na h-ainglean.

“How a great number of holy angels were seen, coming down from heaven to confer with St Columba.

Likewise, on another occasion, when St Columba was living in Iona, he addressed the assembled brethren, making his point with great emphasis, saying:

‘Today I shall go to the machair on the west coast of our island, and I wish to go alone. No one is to follow me therefore.’

They obeyed and he set out alone as he desired. But one of the brethren, who was an artful scout, took a different route and his himself on top of a little hill that overlooks the machair, for he was eager to find out why the saint had gone out alone. From his vantage point, he could see St Columba standing on a knoll among the fields and praying with his arms spread out towards heaven and his eyes gazing upwards…

For holy angels, the citizens of the heavenly kingdom, were flying down with amazing speed, dressed in white robes, and began to gather around the holy man as he prayed. After they had conversed a little with St Columba, the heavenly crowd – as though they could feel that they were being spied on – quickly returned to the heights of heaven…

Hence today the knoll where St Columba conferred with angels affirms by its very name what took place there, for it is called Cnoc nan Aingel, that is, the angels’ knoll.”

                                                                  Leabhar 3: 16

7.5 Port nam Mairtear

Tha Bàgh nam Martairean dìreach deas air a’ bhaile agus an làimrig. Chan eilear cinnteach mu thùs an ainm seo. Nam b’ e an t-ainm tùsail Port nam Mairtear, dh’fhaodadh gu bheil e a’ toirt tarraing air casgairt nam manach ann an aon de na creachaidhean Lochlannach san 9mh linn. No’s dòcha gur bheil am facal ‘mairtear’ mar choirbteachd de ‘martra’ no fuidheallan na naoimh, a’ comharrachadh an ama nuair a b’fheudar do fhuidheallan Chaluim Chille a bhith air an toirt air falbh airson an cumail sàbhailte. Bha pàirt mhòr aig a’ bhàgh ann an seirbhisean tiodhlacaidh a chionn ‘ s gur ann an seo a bha na cistichean-laighe gan toirt a-steach air bàta agus gan cur sìos air an Ealadh – tulach beag feurach aig cùl a bhàigh. An uair sin, bha iad air an giùlan sìos Sràid nam Marbh, a bha a’ tòiseachadh an seo, chun a’ chladh agus na h-Abaid.

7.4 An Eaglais Dhubh

Chaidh an Eaglais Dhubh a thogail mun aon àm ris an Abaid Bheinidicteach – san 13mh linn – le Raghnall mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean. B’ e a phiuthar Beathag a’ chiad bhana-phrìoir.

Lean Beathag an Riaghailt Agaistineach. Bha aon den dà eaglais dhubh Agaistineach a bha ann an Alba an seo air Eilean Ì (bha an tè eile ann am Peairt) ach bha mòran eile ann an Èirinn. Dh’fhaodadh gur e mnathan Èireannach a bha anns na ciad cailleachan-dubha a bha an seo. Fhuair i an t-ainm Eaglais Dhubh seach gur ann dubh a bha aodach nam mnathan cràbhaidh.

Bha Taigh nan Cailleachan-dubha le chlabstar agus eaglais mar shamhail na bu lugha de dh’Abaid Eilean Ì. Tha na tha air fhàgail a’ sealltainn cò ris a bha an Eaglais Dhubh – agus an Abaid – coltach san 13mh linn. Tha na pàirtean den eaglais as fheàrr a tha air an gleidheadh air an taobh tuath agus siar.

Aig an toiseach bhiodh an làrach a’ gabhail a-steach àite-còmhnaidh airson aoighean, àite-cadail, àite-bidhe agus àite-coinneachaidh – An Seòmar Caibidle. Bha fearann aig na cailleachdan-dubha cuideachd air taobh a deas Loch Staonaig ann am meadhan an eilein agus air eileanan eile faisg air làimh bhom faigheadh iad beagan teachd-a-steach.

Tha deagh leac-uaighe a’ comharrachadh A’ Bhana-phrìoir Anna NicIlleathain a chaochail ann an 1543 air a taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh na h-Abaid.

7.3 Teampall agus Rèilig Òdhrain

Tha frith-rathad de chlachan a’ ruith eadar Crois Naomh Màrtainn agus balla a’ chlaidh. Is e seo an aon phìos a chithear de ‘Sràid nam Marbh’, slighe thaistealaich meadhan-aoiseil a bha air a chleachdadh airson giùlain tiodhlacaidh. Is e Seipeal Òdhrain an carragh-cuimhne eaglaiseil as sine air Eilean Ì, a’ dol air ais gu an 12mh linn. Dh’fhaodadh gun deach a thogail mar thuam teaghlaich do Chlann ‘Ic Dhòmhnaill, an sliochd ainmeil a bha a’ riaghladh aig an àm. Thathar cinnteach gu bheil an cladh – Rèilig Òdhrain nas aosta na an t-seipeal agus tha aon nòs a’ cumail a-mach gur e àite tiodhlacaidh rìghrean annsa na tràth-aoisean a bh’ann, ach chan eil mòran fianais ri fhaighinn air an sin. Thathar cinnteach gun robh cinn-cinnidh agus gaisgich na Gàidhealtachd an Iar air an tiodhlacadh an seo, agus faodar an leacan-uaighe fhaicinn san Taigh-tasgaidh agus sna Clabhstairean. Dh’fhaodadh tun robh càirdeas aig Òdhran ri Calum Cille,agus cha robh e air an liosta aig Àdhamhnan mar aon de chompanaich an naoimh aig toiseach a thurais an an Eilean Ì. Is e uirsgeul mòran nas fhaide sna meadhan-aoisean a tha a’ ceangal Òdhran ris a’ chladh seo.

Is e Teampall Òdhrain an togalach as sine air Eilean Ì. Tha e a’ dol air ais chun 12mh linn agus dh’fhaodadh gun deach a thogail mar thuam teaghlaich do na Dòmhnallaich, aon de na cinnidhean a bu chumhachdaich aig an àm ud.

Bha an teampall na thobhta mu thoiseach an 17mh linn agus cha robh mullach air aig toiseach an 20mh linn. Chaidh ath-leasachadh ann an 1957 an uair a chaidh Coimhearsnachd Eilean Ì a stèidheachadh.

Teampall agus Rèilig Òdhrain © Jim Brodie
Teampall agus Rèilig Òdhrain © Jim Brodie

Tha mòran dha na leacan-uaighe a bha ann an seo a-nis ann an taigh-tasgaidh na h-Abaid.

7.2 Abaid, Clabhstair agus Eileach

Bha am ‘Vallum’ no an t-Eileach a’ comharrachadh crìoch fearann manachainn Chaluim Chille air Eilean Ì. Chaidh a chruthachadh le dà bhruaich air gach taobh de chlais dhomhain. Tha an talamh a tha seo a tha nas àirde na am fearann mun cuairt 335 meatair a dh’fhaid agus 152 meatair a leud. Tha ‘Vallum’ a’ tighinn bhon fhacal Laideann airson daingneach a tha timcheall air campa ach cha b’ e balla dìon a bha seo idir.

Am broinn an eileich bha bothain a bha air an dèanamh de fhiodh agus sgrath (cuid le bun-stèidh cloiche); eaglais bheag; àite-cadail airson nam manach; àite airson biadh agus taigh-aoigheachd. Air cùl an eileich, bha achannan aig na manaich, togalaichean tuatha agus bùthan-obrach.

Chan eil fianais air fhàgail den chiad mhanachainn ann an seo – dh’fhaodadh gun robh e air làrach eaglais na h-Abaid – a bha cuideachd air a h-ainmeachadh mar Chathair-eaglais Naomh Moire. Bha dìlseachd làidir aig muinntir Eilean Ì do Mhoire – sgrìobh Cù Chuimhne bho Eilean Ì an laoidh as tràithe don Òigh a chaidh a dhèanamh le Gàidheal agus tha ìomhaighean de Mhoire a’ nochdadh air clachan air feadh an eilein.

Tha Meanbh Eachdraidh Ulaidh ag innse gun deach ionnsaigh a thoirt air a’ mhanachainn air Eilean Ì ann an 794. Às dèidh grunnan ionnsaigh thairis air na bliadhnaichean an dèidh sin, dh’fhàg a’ mhòr-chuid de na manaich an eilean agus ghluais màthair-eaglais manachainn Chaluim Chille gu Ceanannas ann an Èirinn.

Dh’fhaodadh gun deach Leabhar Cheanannais a thòiseachadh air Eilean Ì agus gun deach a chrìochnachadh ann an Ceanannas agus gu bheil e na theisteanas do ealain agus sgilean nam manach à Eilean Ì a bha ag obair air. Bha corp Chaluim Chille a bha air a ghleidheadh air Eilean Ì air a roinn ann an 849 – chaidh pàirt a thoirt gu Ceanannas agus pàirt gu cathair-eaglais Dhùn Chailleinn ann an Siorrachd Pheairt.

Ged a chaidh ionnsaigh bhrùideil a thoirt orra leis na Lochlannaich, dh’fhan cuid de na manaich air Eilean Ì. Mu dheireadh an 9mh linn bhathar a’ baisteadh prionnsan Lochlannach agus bha Eilean Ì aon uair eile na àite cudromach do luchd-leanmhainn Chaluim Chille.

Chaidh Eaglais na h-Abaid Bheinidicteach a chithear san là an-diugh a stèidheachadh ann an 1203 le Raghnall Dmac Shomhairle, a bha na stèidhiche air sliochd Gall-Ghàidhealach a bha aithnichte mar Triathan nan Eilean. Bha an Abaid soirbheachail airson còrr air 300 bliadhna agus bha ceangal làidir eadar i agus Calum Cille agus an ceangal cumhachdach a bha aige ris an eaglais thràth meadhan-aoiseil. Thàinig crìonadh ann an seasamh na h-Abaid ro àm an Ath-leasachaidh agus bha an togalach ann an droch staid mus deach a dhèanamh an àirde ann eadar 1903-05 augs 1909-10. Chan eil mòran air fhàgail dhan togalach a bha ann o thùs san 13mh linn.

A’ stobadh a-mach bhon bhall dìreach tuath air prìomh dhoras na h-Abaid, tha seipeal beag fon ainm Cobhan Chaluim Chille. Tha fianais ann gun robh an làrach air a chleachdadh airson adhlacaidhean sna h-amannan meadhan-aoiseil – agus is dòcha gur ann an seo a bha Calum Cille air adhlacadh an toiseach.

Clabhstair Eilean Ì
Clabhstair Eilean Ì

7.1 . Na Croisean Mòra agus an Abaid

Ràinig Calum Cille Eilean Ì ann am 563 an dèidh dha Doire ann an Èirinn fhàgail.

A rèir beul-aithris, bha Calum Cille a’ coimhead airson àite san togadh e a mhanachainn far nach biodh e comasach dha a sheann dùthaich fhaicinn – agus sin bu choireach gun do thagh e Eilean Ì.

Bha e cuideachd airson àite a lorg far am biodh e comasach dha a bhith a’ fuireach agus ag obair ann an sìth. B’ ann leis an Dàl Riata a bha Eilean Ì agus bha sgìrean mòra de dh’Earra-Ghàidheal agus taobh ear-thuath Èirinn fo an smachd. Is dòcha gun tug Conall, rìgh Dhàl Riata, cead dha Calum Cille a mhanachainn a thogail air an fhearann seo.

Dh’fhàs manachainn Chaluim Chille gu bhith aig teis-mheadhan lìonra de thuineachaidhean cràbhach air feadh Earra-Ghàidhealna h-eileanan a-muigh agus nas fharsaing na sin gu tìr nan Cruithneach agus gu manachainn Lindisfarne ann an ceann a tuath Shasainn . Bha am familia de mhanaich is chlèirich co-cheangailte ri Calum Cille agus na manaich a thàinig às a dhèidh mar Ab an Eilean Ì.

Na Croisean Àrda

Air taobh a-muigh na h-Abaid, chì thu Crois Naomh Màrtainn. Tha pàirtean de cheithir chroisean àrsaidh air Eilean Ì, a th’ air an coisrigeadh do Mhàrtainn, Mhata, Eòin is Òdhran.

Is dòcha gu bheil na croisean a’ comharrachadh làrach eaglais àrsaidh a bha air Eilean Ì agus uaigh Chaluim Chille. Dh’fhaodadh gun robh iad air an cleachdadh mar chomharran do thaistealaich a bha a’ dol air an t-slighe gu ionad coisrigte Chaluim Chille am broinn na h-Abaid.

Chan eil ach Crois Naomh Màrtainn – a chaidh a dèanamh eadar 750 agus 800 – fhathast ann an seo is i slàn agus na seasamh far an robh i fo thùs. Tha mac-samhail de Chrois Eòin faisg air làimh. Tha a’ chiad chrois Eòin a thuilleadh air Crois Òdhrain, a chaidh a dheanamh às ùr, agus Crois Naomh Mata mar phàirt de thaisbeanadh ùr cudromach ann an Taigh-tasgaidh na h-Abaid, a chaidh a fhosgladh a-rithist san Ògmhios 2013.

Dh’fhaodadh gun robh ceangal sònraichte aig manaich Eilean Ì ris an Naomh Màrtainn. B’ e saighdear Ròmanach a bha anns an naomh sa 4mh linn ach chunnaic e sealladh de Chrìosd agus cha leigeadh a chogais leis cumail air na shaighdear. Bha e an dèidh sin na Easbaig ann an Tours ach bha e beò ann an dòigh chruaidh am measg aonranaich a bha a’ fuireach ann an uamhan. Bha an Naomh Màrtainn a’ riochdachadh an seòrsa beatha chràbhach a bha manaich Eilean Ì a’ sireadh – bha àite cudromach aige san eaglais agus aig an aon àm bha e a’ leantainn beatha de bhochdainn agus de shìmplidheachd.

Tha taobh siar Crois Naomh Màrtainn sgeadaichte le seallaidhean bhon Bhìoball a tha a’ gabhail a-steach An Òigh agus an Leanabh, Dàniel ann an Garaidh an Leòmhainn, Daibhidh agus Goliath, agus Daibhidh agus Sòl. Tha an taobh an ear sgeadaichte le cnapan agus nathraichean iom-fhillte, a bha cumanta mar shamhlan sgeadachaidh ann an snaighidhean Crìosdail an ama seo.

Tha a’ mheas a bha aig daoine air an Naomh Màrtainn air fhaicinn ann an ainmean-àitean air feadh na h-Alba – a’ gabhail a-steach Cille Mhàrtainn ann am meadhan Earra-Ghàidheal a tha a’ ciallachadh ‘Eaglais Naomh Màrtainn’ agus an coisrigeadh den eaglais on 8mh linn ann am Whithorn, Dùn Phris & Gall-Ghàidhealaibh dhan naomh.

Tòrr an Aba

Tha arceòlaichean air lorg fhaighinn air a’ bhoth bheag air an tom bheag seo ris an canar Tòrr an Aba faisg air Crois Naomh Màrtainn.

Dh’fhaodadh gur e seo a’ bhoth sam biodh Calum Cille a’ sgrìobhadh, mar a rinn Adhamhnan dealbh air,

About a little ink-horn foolishly tipped over

One day, shouting was heard from the other side of the Sound of Iona. The saint was sitting in his raised wooden hut and heard this, saying:

“The man who is shouting across the Sound is too careless to watch what he is doing. Today he will tip over my little horn and spill the ink.”

His servant Diarmait heard him say this and for a while he stood by the door waiting for the clumsy guest to arrive so that he could keep him away from the ink-horn. But soon he moved away for some other purpose, and then the troublesome visitor arrived. As he went forward to kiss the saint, he upset the horn with the edge of his garment and spilt the ink.

 Beatha Chaluim Chille le Adhamhnan, Leabhar 1: 27

Tha Adhamhnan a’ dèanamh dealbh de Chalum Chille a’ cleachdadh dà thogalach eadar-dhealaichte na bheatha-làitheil – both sam biodh e a’ sgrìobhadh agus both eile sam biodh e a’ cadal ‘anns am biodh e a’ cleachdadh creag lom fodha an àite connlach agus clach mar chluasag’.

6.7 An Ceann a Deas

A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris. Thathar ag ràdh gun tàinig e air tìr ann an seo mus deach e gu taobh tuath Earra-Ghàidheal gus coinneachadh ri rìgh Dhàl Riata.

Air tom beag air taobh siar a’ bhaile chithear dà lorg-coise ann an leac cloiche. A rèir beul-aithris b’ ann an seo a thàinig Calum Cille air tìr an Alba.

Air a’ mhuir, chan eil e ach 13 mìle bho chosta ear-thuath na h-Èireann. Air là math chithear achaidhean agus cnuic Aontroim.

A’ fàgail a’ Chinn a Deas agus a’ dol chun Chille Àrd, lorgaidh tu cladh a tha laimh ri tobhta Eaglais Chaluim Chille a tha a’ dol air ais chun 13mh linn.

Dìreach às dèidh na h-eaglaise, tha frith-rathad a’ dol suas bruthach. Air a’ mhullach chithear dà lorg-coise a tha air an snaigheadh dhan chreig.

Tha aon dha na lorgan uabhasach aosta agus dh’fhaodadh gun robhar ga chleachdadh ann an seirbheisean-coisrigidh rìghrean. Bhiodh an rìgh ùr a’ cur a choise dhan toll mar chomharra gun leanadh e ann an cas-cheuman na chaidh roimhe agus mar chomharra gun robh e air a phòsadh ris an fhearann.

© Dermot McKinnon
© Dermot McKinnon

Chithear lorgan dhan t-seòrsa seo air feadh na Roinn Eòrpa agus ann an Dùn Add far a bheil lorg-coise eile ann an cloich ’s a tha co-cheangailte ri rìghrean Dhàl Riata.

Chaidh an dàrna lorg-choise a snaigheadh dhan chreig ann am meadhan na 19mh linn.

Is ann don 13mh agus don 14mh linn a bhuineas a’ mhòr-chuid de thobhta Eaglais Chaluim Chille ged a tha e glè choltach gun robh daoine ag adhradh an seo fada ron sin. Tha leacan-uaighe meadhan-aoiseil air làr na h-eaglaise.

Carson a dh’fhàg Calum Cille Èirinn?

Chan eil fios le cinnt carson a dh’fhàg Calum Cille Èirinn. A’ sgrìobhadh 100 bliadhna an dèidh a bhàis, thuirt Adomnan a sgrìobh eachdraidh a bheatha,

‘Dà bhliadhna an dèidh blàr Cùl Drebene sheòl an duine diadhaidh à Èirinn gus a bhith na neach-taisteil’

Mar sin is e aon bheachd gun do dh’fhàg e Èirinn gu bhith na shoisgealaiche Crìosdail. Thathar cuideachd ag ràdh gun robh Calum Cille an sàs ann an deasbad mu dhlighe-sgrìobhaidh agus gur e sin an t-adhbhar a dh’fhalbh e. Tha cuid eile dhan bheachd gun robh nàire air gun robh e an sàs ann am blàr Chùl Dreimne (which form should we use – former I think) ann an 561 agus gun robh e air a cho-èigneachadh a chasan a thoirt leis à Èirinn. Tha beul-aithris ag ràdh cuideachd gun robh e airson a mhanachainn a stèidheachadh ann an àite às nach fhaiceadh e Èirinn.

Dìreach deas air baile a’ Chinn a Deas tha maol annasach air a bheil tobha caisteil a dh’fhaodadh a bhith bhon àm meadhan-aoiseil.

B’ ann am Meanbh-eachdraidh Ulaidh a chaidh a chlàradh an toiseach gun robh daingneach ann an seo (link to context page). Tha am Meanbh-eachdraidh ag innse mu shèis anns an robh rìgh Dhàl Riata an sàs ann an 712.

Tha an làrach ainmeil cuideachd airson an t-sèis a thachair ann an 1647 an uair a chaidh 300 neach a mharbhadh.


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie