Skip to main content
Colmcille Logo White

Archives: Mapa Comharran

2.7 Creag a’ Choin

A rèir beul-aithris, a chiad turas a thàinig Calum Cille gu eilean Thoraigh, choinnich e ris an rìgh ionadail, Oilill agus dhiùlt an rìgh dha a thighinn air tìr. Dh’fhaighnich Calum Cille dha an toireadh e dha pìos talmhainn nach biodh càil na bu mhotha na meud a chleòca gus am faigheadh e air manachainn a thogail air. Dh’aontaich Oilill ri seo ach an uair a chur Calum Cille a chleòca air an talamh gu mìorbhaileach nach ann a sgaoil e gus an do chòmhdaich e an t-eilean air fad.

Bha an rìgh cho feargach ’s gun do steig e a chù puinnseanta ann an Calum Cille. Rinn Calum Cille soighne na croise agus thug sin air a’ chù leum dhan mhuir gus faighinn air falbh. Mar a bha e a’ leum gu a bhàs, dh’fhàg an cù lorg a spògan ann an creig agus sgolt e creag eile le earball.

2.6 Mòr Sheisear

Is e seo na tha air fhàgail de sheapail a bha air Toraigh. Tha Mòr Sheisear a’ ciallachadh ‘big six’ agus san t-seann chànan na Gaeilge bha seo a’ seasamh airson an àireamh seachd.

Tha muinntir an eilein ag innse sgeula mun làrach gur e uaigh sheachdnar a chaidh a bhàthadh an uair a chaidh am bàta fodha air costa iarthuath an eilein aig Scoilt Móirsheisear. Cha robh ach aon bhoireannach am measg nan seachdnar agus chaidh ise a h-adhlacadh ri taobh nam fear. Ach sa mhadainn chaidh an corp aice-se fhaighinn air uachdar na h-uaighe agus mar sin chaidh a h-adhlacadh ann an làrach air leth. Is e seo an gàrradh beag a tha faisg air an t-seapail.

Thathar dhan bheachd gu bheil an cumhachd aig a’ chrèadh a gheibhear fo uaighe na mnà bàtaichean agus eathraichean a chumail saor bho radain. Ach chan urrainn dha duine ach an neach as sine a tha air an eilean bho theaghlach Duggain a’ chrèadh seo a thogail. Tha altair air ceann an ear an togalaich agus tha clach bullaun – anns am biodh uisge coisgrichte – faisg air an doras

2.5 Ulaidh Bhrìghde

Tha an altair cloiche aig an Naomh Brìghde na laighe eadar dà thaigh air an eilean. Air mullach na h-altarach tha trì clachan bràthan (a bhithte a’ cleachdadh airson gràn a bhleith agus dà leac chlach-ghràin.

Cho math ri Ulaidh Bhrìghde/ Ulaí Bhríde tha tobhta dà sheapal – no theampall eile – air an eilean. Dh’fhaodadh aig aon àm gun robh seachd dhiubh ann.

Bhithte a’ cur chlachan-bràthan dha na seapail a bha air an eilean mar dhòigh air dèanamh cinnteach gum biodh am pailteas bidhe ri fhaotainn air eilean Thoraigh.

Tha cailis cloiche a thathar ag ràdh a bha air a cleachdadh le Calum Cille agus a chaidh a lorg air an eilean a-nis san Tasglann Sgìre-easbaig Ráth Bhoth.

2.4 Ulaidh Eòin Baiste

Tha an altair seo a tha air a choisrigeadh don Naomh Eòin Baiste dìreach ri taobh Tùr a’ Chluig. Tha grunnan chlachan an seo – amar cloiche, clachan agus leacan sgeadaichte, clach-bhràth agus na tha air fhàgail de stèidh croise. Thathar ag ràdh gum bithte a’ cur uisge coisrigte dha na lagan sna clachan. Bha na nithean eadar-dhealaichte air an cruinneachadh ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte air feadh an eilein is chaidh an toirt còmhla ann an seo o chionn fhada.

Chaidh an altair ath-thogail san 20mh linn agus is dòcha gun deach a ghluasad beagan.

2.3 Tùr a’ Chluig

Is e Tùr a’ Chluig an t-aon tùr cruinn a tha air fhàgail ann an Dùn nan Gall. Ged a tha e faisg air 13 meatair a dh’àirde is e aon den fheadhainn as lugha den t-seòrsa structair seo ann an Èirinn. Chan eil càil a chinnt cuin a chaidh a thogail ach is dòcha nach eil e a’ dol air ais ach chun 12mh linn. Bhiodh iad air na clachan-ghràin a chaidh an cleachdadh san tùr a lorg air na tràighean ionadail.

Tha an tùr co-cheangailte ris a’ mhanachainn a bha air Toraigh. An uair a chaidh a thogail bha trì làir ann agus is dòcha gun robh muinntir an eilein ga chleachdadh gus sùil a chumail a-mach airson daoine a bhiodh a’ tighinn.

Bha Clag Chaluim Chille – crochte san tùr gu deireadh an 18mh linn an uair a chaidh a thoirt às an dèidh dhan tùr a bhith air a mhilleadh le dealanaich. Chan eil sgeula air a bhith aca air a’ chlag on 19mh linn.

2.2 An Seann Chladh

Thathar dhan bheachd gu bheil an cladh air làrach Teampaill Buidhe/Teampull Buí – prìomh eaglais manachainn a bha air eilean Thoraigh.

Tha mapa tràth a chaidh a dhèanamh leis an t-Suirbhidh Òrdanais a’ sealltainn tobha eaglais an Naomh Chaluim Chille ann an oisean iar-dheas a’ chlaidh ged nach eil càil dhan sin ri fhaicinn san là an-diugh.

Tha mòran sgeulachdan ann am beul-aithris mu Chalum Chille agus eilean Thoraigh ach chan eil càil ann an sgrìobhadh gus na sgeulachdan sin a dhearbhadh. Chan eil na ciad clàran mun eilean ach a’ dol air ais chun 7mh linn.

A rèir beul-aithris thàinig Calum Cille gu Toraigh san t-6mh linn gus muinntir an eilein iompachadh chun chreideimh Chrìosdail. Thathar ag ràdh gun do dh’fhosgail uisgeachan Chaolas Thoraigh roimhe gus am faigheadh e gu sàbhailte a-null bho thìr mòr.

2.1 A’ Chrois Tau

Nuair a ruigeas tu Toraigh is e a’ chiad làrach a chì thu Crois Tau. Tha i na seasamh gu h-àrd air stèidh, agus tha a’ chrois seo a tha ann an cumadh T, na samhla air dualchas Crìosdail an eilein.

Thathar dhan bheachd gu bheil a’ chrois a’ dol air ais gu na h-amannan tràth meadhan-aoiseil agus gu bheil i air a snaigheadh à aon leac de sglèat mìoca. Tha i 1.9m a dh’àirde agus 1.1m a leud. Chan eil sglèat mìoca ri fhaighinn air an eilean agus mar sin is iongantach mur deach a’ chrois a dèanamh an àiteigin eile agus a toirt chun eilean.

A rèir beul-aithris, dh’fheuch fear de shaighdearan Chrombail san t-17mh linn a’ chrois a bhriseadh le chlaidheimh – ’s e seo am mìneachadh a tha air an dà làrach a tha air aghaidh na crois. Ach tha e tòrr nas coltaich gur e dìreach làraich a thachair gu nàdarra a tha seo.

Tha an samhla seo a tha ann an cumadh na croise a’ dol air ais ron àm Chrìosdail. Bha e aithnichte le na h-Èipheitich agus bha iad ga chleachdadh. Is e Tau ainm na litreach Ghreugaich leis a’ chumadh seo.

Chan eil ach dà chrois tau ann an Èirinn – buinidh an tè eile a tha mòran nas sgeadaichte do Cill Inine Baoith/ Kilnaboy, Chontae an Chlàir/County Clare.

1.15 An t-Sràid

Tha an leac croise seo a-nis na dà phàirt agus tha am pàirt mullaich na shuidhe air an talamh ri taobh a’ phàirt as ìsle. Tha snaigheadh oirre de thrì pàtrain co-naisgte iomadh-fhillte, ceangailte le loidhne dhìrich.

Is e seo an stèisean mu dheireadh air an turas ged a chleachd na taistealaich a bhith a’ tòiseachadh an slighe aig puing sam bith sna làithean a dh’fhalbh.

1.14 An Caiseal

Is e carragh àrd a tha seo snaighte le dà phàtran cearcallach. Coltach ri mòran dha na leacan croise seo ann an Gleann Chaluim Chille, dh’fhaodadh gu bheil i seo a’ dol air ais gu deireadh an 7mh gu an 9mh linn.

1.13 An Gaineamh

Tha an leac seo na seasamh dìreach ri taobh an rathaid. Chaidh an tè a bha ann ò thùs a mhilleadh agus chaidh mac-samhail dhi a dhèanamh bho na pìosan a bha air am fàgail. Tha i air a snaigheadh air aon taobh agus na seasamh a’ coimhead sear/siar. Tha an taobh snaighte den lic air an taobh a bhios fa chomhair nan taistealaich an uair a bhios iad a’ coiseach chun iar suas an rathad. Tha an leac sgeadaichte le trì pàtrain co-naisgte a bha air an ceangal le loidhne dhìrich.


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie