Skip to main content
Colmcille Logo White

Archives: Mapa Comharran

9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear.

Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo. Is iongantach mur robh grunnan thuineachaidhean air an làrach seo mus deach an teampall a thogail tràth san 13mh linn.

Tha Leabhar Chlann Raghnaill ag ràdh gur ann le Beathag, Bana-phrìoir Eilean Ì a bha e. B’ i nighean Shomhairle, an rìgh Lochlannach air Innse Gall – Rìgh Innse Gall – san 12mh linn. Chaidh Leabhar Chlann Raghnaill a sgrìobhadh san 17mh linn le Niall MacMhuirich. Is e aon de na leabhraichean as tràithe a tha ann sa Ghàidhlig agus tha e a’ toirt sùil on taobh a-staigh air cùisean aig an àm.

Thathar dhan bheachd gun deach an làrach a leudachadh aig deireadh an 14mh linn le Amy NicRuairidh (mu 1350-1390) a bha air a bhith pòsta aig Iain, Tighearna nan Eilean.

Tha balla-cloiche a’ cuairteachadh an teampaill agus a’ chlaidh. Tha teampall eile –Teampall Chlann a’ Phiocair – air taobh tuath na prìomh eaglais. Is dòcha gur ann bhon 16mh linn a tha an togalach seo agus gur e taigh-sagairt a bha ann. Bhathar ga chleachdadh an dèidh làimh mar àite-adhlacaidh Chlann a’ Phiocair a bha nan sgoilearan.

A-rèir beul-aithris, b’ e àite oideachaidh a bha san làrach seo bho thràth sna meadhan-aoisean. San 14mh linn chaidh a thoirt do dh’Abaid Innis Aifrinn ann an Siorrachd Pheairt ach mun 16mh linn bha e fo ùghdarras Ab Eilean Ì.

Ann an 1601, chaidh blàr a chur ann an Càirinis eadar na Dòmhnallaich agus Clann Ic Leòid na Hearadh. Nuair a bhios tu a’ coiseachd gu làrach na h-eaglaise, thèid thu seachad air clais ris an canar Fèith na Fala – Ditch of Blood. Fhad ’s a bha am blàr a’ dol dh’fhaodadh gun robhar a’ cleachdadh na h-eaglaise agus am fearann mun cuairt mar dhìdean do na h-ainmhidhean agus nithean eile.

9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

Am measg nan taighean dubha ann an Tobha Mòr lorgar tobha teampaill agus ceithir caibeil. A’ sgrìobhadh ann an 1703 na leabhar ‘A Description of the Western Isles of Scotland’, tha Màrtainn Màrtainn ag ràdh gun robh aon dha na teampaill sin air a choisrigeadh do Chalum Cille agus fear eile do Mhoire. Chaidh leac le crois air a shnaigheadh oirre a lorg air an làrach seo, a’ comharrachadh gur dòcha gun robh adhradh Crìosdail air a chuairteachadh ann an seo san 9mh linn.

An-diugh is e balla an ear an Teampaill Mhòir a chaidh a thogail sna 1200an mar eaglais paraiste– an tobhta as motha a tha air fhàgail. Tha dà uinneig sa bhalla a bha san eaglais a bha ann bho thùs. A’ coimhead chun iar chì thu far an robh an eaglais air a suidheachadh – bha i mu 20 meatair a dh’fhaid.

Air cùl balla an Teampaill Mhòir tha cladh a tha air a chuairteachadh le balla-cloiche a chaidh a thogail san 19mh linn. Am broinn a’ bhalla tha tobhta teampaill eile – Caibeal Dhiarmaid. Dh’fhaodadh gun robh e mu 5.7 meatair a leud agus 17 meatair a dh’fhaid.

Hóghmor, Uibhist a Deas © Alan Sproull
Hóghmor, Uibhist a Deas © Alan Sproull

Air ceann thall a’ chlaidh tha Caibeal Chlann ‘ic Ailein – a tha a’ dol air ais gu 1574. Tha Clach Chlann Raghnaill a bha a’ comharrachadh Iain Mùideirt – Ceann-cinnidh Chlann Raghnaill aig deireadh an 16mh linn – agus a bha uair na seasamh sa chaibeal – a-nis ann an Taigh-tasgaidh Chille Donnain tuath air Dalabrog air an A865 mus gabh thu an rathad gu Loch Baghasdail.

Air taobh deas an Teampaill Mhòir tha tobhta Caibeal Dùbhghaill.

Coltach ri mòran dha na h-àitean a tha an cois na mara air a’ phàirt seo de Shlighe Chaluim Chille, tha an sealladh-tìre air atharrachadh gu mòr thar tìm. An uair a chaidh a thogail, dh’fhaodadh e bhith gun robh an Teampall Mhòr air a chuairteachadh le boglach agus gun robh e mar gum biodh e air eilean.

Sgrìobh Màrtainn Màrtainn ann an 1703, mun chainnt a bha aig na daoine ann an seo:-

‘The Natives speak the Irish tongue (Gaelic) more perfectly here than in most of the other Islands; partly because of the remoteness, and the small number of them that speak English, and partly because some of ‘em are Scholars and vers’d in the Irish language’

Dè eile?

Tha aon de na taighean dubha ann an Tobha Mòr a-nis na ostal-òigridh.

9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar.

A rèir beul-aithris, b’ ann air an làrach seo a bha taigh chailleachan-dubha a bha co-cheangailte ris a’ mhanachainn on 12mh linn air Eilean Ì. Bhathar ag ràdh gun robh am fearann air a thoirt seachad le ogha Shomhairle is bha a shliochd a’ riaghladh thairis air Innse Gall gu deireadh a’ 15mh linn.

Is e Teampall Mhoire an t-aon làrach ann am Beinn na Fadhla, a tha dol air ais chun àm tràth Chrìosdail, a thathar fhathast a’ cleachdadh. San 19mh linn, chaidh clag – is dòcha a bha co-cheangailte ri cùisean cràbhach – a lorg ann an seo, ach chan eil sgeul air an-diugh.

9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

Chaidh an eaglais seo – a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

B’ e Eaglais Chaluim Chille am prìomh eaglais a bha ann an Leòdhas sna meadhan aoisean. Thogadh i le na Leòdaich agus chaidh a coisrigeadh do Chalum Cille. Is dòcha gun robh i cho cudromach ’s a bha i mar thoradh air an làrach air an robh i aig ceann aoidh chumhang oir glè thric bhithte a’ stèidheachadh tuineachaidhean cudromach ann an àitean mar seo. Tha am facal ‘aoidh’ a’ tighinn bhon fhacal san t-seann chànan Lochlannach – Eið – a tha a’ ciallachadh pìos fearainn cumhang.

Bha cumadh ceart-cheàrnach air an eaglais agus bhiodh cladh air a taobh tuath agus air a taobh deas. Tha crìonadh na mara a’ ciallachadh nach eil air fhàgail an-diugh ach an cladh air an taobh deas.

B’ ann an seo aig Eaglais Chaluim Chille a bhithte ag adhlacadh Clann MhicLeòid Leòdhais. Tha dà leac-uaighe am broinn tobhta na h-eaglaise – aon airson Ruairidh MacLeòid 7mh Ceann-cinnidh Leòdhais a chaochail ann an 1498, agus tè eile airson na h-ìghne aige Màiread NicFhionghain a chaochail ann an 1503. Tha Ruairidh air èideadh mar laoch ann an deise-airm is grèim aige air claidheamh is sleagh.

Tha grunnan ainm air an eaglais – Teampall na h-Aoidh no UiEaglais Chaluim ChilleAiginisSeann Eaglais na h-Aoidh agus Eaglais Aiginis.

 
© Alan Sproull
© Alan Sproull

 

9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn ach thathar dhan bheachd gum faodar gun robh manachainn air an làrach seo ron sin. Chaidh an eaglais ath-nuadhachadh ann an 1873 le Catherine Herbert, Ban-iarla Dhùin Mhòir.

B’ e an Naomh Cliamainn naomh sònraichte nan seòltairean ach chan eil ach glè bheag de dh’eaglaisean air an coisrigeadh dha sa cheàrnaidh seo de dh’Alba.

Tha Tùr Mòr Chliamainn ainmeil airson an obair-snaighidh a tha air tuam Alasdair Mhicleòid, an t-8mh Ceann-cinnidh de Leòidich Na Hearadh agus Dhùn Bheagain (san Eilean Sgitheanach), a thog an eaglais. Chaidh an tuam le stuagh os a cionn a togail ann an 1528 ro a bhàs a thachair uaireigin eadar 1545 agus 1547.

Suas gu 1495, bha Tighearnan nan Eilean air an adhlacadh air Eilean Ì. Às dèidh sin, dh’fheumadh gach ceann-cinnidh tuam a thogail air fhearann fhèin. Dh’fhaodadh gun robh aig na clèirich a bha a’ fuireach an seo ri bhith ag ùrnaigh airson anam Mhicleòid.

Tha tuam Alasdair Mhicleòid, air a snaigheadh le ìomhaighean bhon Bhìoball agus bho a bheatha – na h-abstoil; ainglean; Crìosd air a’ chrann; easbaigean; dealbh-seilge le ridire agus dà dhamh; birlinn; agus caisteal (is dòcha Dùn Bheagain). Tha ìomhaigh snaighte de dh’Alasdair fhèin ann an èideadh-airm gu h-ìosal.

Tha cuideachd grunnan leac-uaighe snaighte agus snaighidhean-cloiche ann agus crois bho dheireadh an ama meadhan-aoiseil a tha na seasamh san uinneig mu choinneimh an dorais.

Tha tùr sa cheann an iar de dh’Eaglais Chliamainn agus faodar dìreadh suas staidhre chloiche dhorch. Gheibhear chun fhìor mhullach air àradh.

Tha grunnan shnaighidhean-cloiche air taobh a-muigh an tùir cho math ris an ìomhaigh seo de dhuine air a bheil fèileadh mòr. B’ e pìos aodaich a bha seo a bha a’ còmhdach corp an duine air fad, chan e dìreach an leth as ìsle mar a chithear san là an-diugh.

© Alan Sproull
© Alan Sproull

9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal. Tha an teampall ann an sàr làrach agus gheibhear thuige thar fearann feurach le bhith a’ coiseach 2.5 km.

Is e teampall a bhuineas do dheireadh an ama meadhan-aoiseil a tha seo a chaidh a thogail air làrach dùin bho Linn an Iarainn (togalach cloiche cruinn) a bha 16.5 meatair trast-thomhais. Is iongantach mur deach an teampall a thogail le clachan on dùn. Tha uinneag anns na ceithir ballachan. Tha dà chùil sa bhalla air an taobh an ear anns am bithte a’ cumail shoithichean a bha ceangailte ri deas-ghnàthan. Tha fianais ann gun robh cladh timcheall air an teampall a tha na thobhta san là an-diugh.

Faisg air làimh, tha arceòlaichean air lorg fhaighinn air an àite-tuineachaidh as sine ann an Innse Gall a tha a’ dol air ais 9,000 bliadhna.

An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh © Alan Sproull
An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh © Alan Sproull

Dè eile?

Is ann san Taobh Tuath a tha ionad Seallam anns a bheil ionad fiosrachaidh sloinntireachd nan Eilean Siar.


FnaG
BnaG
Nhún na nGall
Derry City
Oideas Gael
Museum Nan Eilean
Comunn Eachdraidh Nis
Argyll Bute
colmcille
colmcille 1500

Bòrd na Gàidhlig

Great Glen House
Leachkin Road
Inverness
Scotland, IV3 8NW

(+44) 01463 225454
colmcille@gaidhlig.scot

Colmcille

Foras na Gaeilge, 2-6 Queen Street
Belfast
Northern Ireland
BT1 6ED

(+44) 028 9089 0970
colmcille@forasnagaeilge.ie

Colmcille

Foras na Gaeilge, An Chrannóg
Na Doirí Beaga
Gaoth Dobhair
Donegal, Ireland. F92 EYT3

(+353) 074 9560113
colmcille@forasnagaeilge.ie