Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan. Tha an làrach seo na dà phàirt – tha an taobh chlì co-cheangailte ri Calum Cille agus air an taobh cheart tha làrach eaglais on 19mh linn a bhuineadh do dh’Eaglais na h-Èireann.
Bha an làrach seo mar phàirt de shlighe taisteil meadhan-aoiseil a bha a’ ceangal nan làraich sin a bha ann an sgìre Ghartain is a bha co-cheangailte ri beatha thràth Chaluim Chille.
Bha e cumanta do mhic à teaghlaichean cudromach a bhith nan daltan ann an teaghlaichean eile far am biodh iad air an altram is air an oideachadh. B’ e sagart a bha ann an Cruithneachán agus bhiodh e an urra ri foghlam cràbhach Chaluim Chille cho math ri bhith ag ionnsachadh dha sgilean nan uaislean leithid sgilean gunna, marcachd agus snàmh.
“Gu luath an dèidh a bhreith, bhaist an sagart uasal Cruithneachán mac Ceallachán e agus thug e dha an t-ainm Crimthann. Bha e na dhalta aig Cruithneachán an dèidh sin agus dh’oidich is stiùir e e a rèir is mar a dh’iarr ainglean Dhè air. Tha Crimthann no ‘criomhan’ sa Ghàidhlig leis an aon bhrìgh ’s a tha aig ‘sionnach’ no ‘cealgaire’ ann an Laideann. Cha robh an t-ainm seo iomchaidh no freagarrach ann an sùilean an Dè Uile-Chumhachdaich airson càileachd no deagh-bheusan a’ bhalaich naoimh, agus mar sin chuir E ann an cridheachan agus inntinnean na cloinne agus nam balach a bha a’ cluiche agus a’ spòrs maille ris a bhith a’ gabhail Calum Cille air. No an e na h-ainglean Aige Fhèin a bha air an cur thuca a chantainn riutha sin a ghabhail air…
An uair a bha an t-òganach naomh a’ faighinn a chuid oideachaidh sa mhanachainn a bha faisg air làimh, ris an canar Doire Eithne, agus air a bheil an t-ainm Cill Mhic Rèanain san là an-diugh, bhiodh a’ chlann a bha a’ cluich maille ris ga ainmeachadh mar Calum Cille. Sin mar a fhuair e an t-ainm Calum Cille.”
Mànas Ò Dòmhnaill d33